Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 9:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is e seo mo fhreagradh don dream a chuireas ceist orm:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bheir iad sibh a‑chum nan sionagog, agus nan uachdaran, agus nan daoine cumhachdach, na biodh e na ro‑chùram oirbh cionnas no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh:

Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh rim dhìon-chainnt ribh a‑nis:

Don tug mise am freagradh seo, Chan e gnàth nan Ròmanach duine sam bith a thoirt thairis a‑chum bàis, gus am bi aig an neach a tha air agairt a luchd-casaid aghaidh ri aghaidh, agus gum bi cothrom aige air e fhèin a shaoradh on choire a chuireadh as a leth.

Ma shaoileas duine sam bith gur fàidh, no gur duine spioradail e fhèin, aidicheadh e na nithean a tha mise a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur iad àitheantan an Tighearna.

Mura eil mi am abstol do dhaoine eile, gidheadh gu cinnteach tha mi dhuibhse; oir is sibhse seula m’abstolachd anns an Tighearna.

Nach eil againne comas ithe agus òl?

Is ann uime seo a sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh air dhomh a bhith as ur làthair, a‑chum air dhomh a bhith an làthair nach bithinn garg, a rèir a’ chumhachd a thug an Tighearna dhomh a‑chum togail suas, ach chan ann a‑chum sgrios.

O tha sibh ag iarraidh dearbhaidh air Crìosd a’ labhairt annamsa, neach dur taobh-se nach eil anfhann, ach a tha cumhachdach annaibh.

Ceasnaichibh sibh fhèin, a bheil sibh anns a’ chreideamh; dearbhaibh sibh fhèin: nach aithne dhuibh sibh fhèin, gu bheil Iosa Crìosd annaibh, mura daoine a chuireadh air cùl sibh?

Ach an dream eile o ghràdh, air dhaibh fios a bhith aca gun do chuireadh mise gu seasamh airson an t‑soisgeil.

Eadhon mar as còir dhomh seo a smaoineachadh umaibh uile, do bhrìgh gu bheil sibh agam ann am chridhe, agus gu bheil sibh uile nur luchd co‑roinn dem ghràs-sa, araon ann am ghèimhlean, agus ann an seasamh airson, agus ann an daingneachadh, an t‑soisgeil.

Aig mo chiad fhreagradh cha robh aon neach leam, ach thrèig na h‑uile mi: nar agrar orra e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan