Oir ged shearmonaich mi an soisgeul, chan eil adhbhar uaill agam: oir tha èiginn air a cur orm; seadh, is an‑aoibhinn dhomh, mura searmonaich mi an soisgeul.
Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.
Crioslaich thusa suas uime sin do leasraidh, agus èirich, agus labhair riu na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut; na biodh fiamh ort romhpa, air eagal gun cuir mise gu amhluadh thu nam fianais.
Mheall thu mi, O Thighearna, agus bha mi air mo mhealladh; is tu as treasa na mise, agus thug thu buaidh: tha mi ann am chùis-mhagaidh gach là, gach aon ri fanaid orm.
Nuair a their mi, Cha toir mi iomradh air, cha mhò a labhras mi tuilleadh na ainm; an sin tha e ann am chridhe mar gum b’e teine loisgeach, air a dhruideadh suas ann am chnàmhan; agus ged sgìthich mi mi fhèin ga chumail a‑steach, chan urrainn mi.
Ach thubhairt an Tighearna ris, Imich; oir is soitheach taghte dhòmhsa e, a‑chum m’ainm a ghiùlan am fianais nan Cinneach, agus rìghrean, agus chloinn Israeil.
Agus air dhàsan a bhith air chrith agus làn uamhainn, thubhairt e, A Thighearna, ciod as àill leat mise a dhèanamh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus rach a‑steach don bhaile, agus innsear dhut ciod as còir dhut a dhèanamh.
Oir ged bhiodh deich mìle luchd-teagaisg agaibh ann an Crìosd, gidheadh chan eil agaibh mòran athraichean: oir ann an Iosa Crìosd, ghin mise sibh tron t‑soisgeul.
Ma tha muinntir eile nan luchd-compàirt den chumhachd seo thairis oirbh, nach mò as còir dhuinne a bhith? Gidheadh, cha do chuir sinn an cumhachd seo an cleachdadh; ach tha sinn a’ fulang nan uile nithean, a‑chum nach cuireamaid bacadh air soisgeul Chrìosd.
Ach air mo shon-sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart.