Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 8:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thugaibh an aire nach bi an comas seo a tha agaibh air aon dòigh na adhbhar oilbheim don dream a tha lag.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Neartaichibh-se na làmhan laga, agus daingnichibh na glùinean anfhann.

An sin their mi, Tilgibh suas, tilgibh suas; ullaichibh an t‑slighe; thugaibh air falbh gach ceap-tuislidh à rathad mo shluaigh.

A mhic an duine, chuir na daoine seo suas an iodhalan nan cridhe, agus chuir iad ceap-tuislidh an aingidheachd fan comhair: an leig mise dhaibh air aon chor m’iarraidh?

A chionn gun do rinn iad frithealadh dhaibh ann an làthair an iodhalan, agus gun tug iad air taigh Israeil tuiteam gu aingidheachd; uime sin thog mise suas mo làmh nan aghaidh, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, agus giùlainidh iad an aingidheachd.

Cha mhallaich thu am bodhar, agus ron dall cha chuir thu ceap-tuislidh, ach bidh eagal do Dhè ort; Is mise an Tighearna.

Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.

Uime sin is còir dhuinne a tha làidir giùlan le anfhainneachd na muinntir sin a tha lag, agus gun sinn fhèin a thoileachadh.

Na iarradh neach air bith an nì sin a bhuineas dha fhèin; ach iarradh gach aon an nì sin a thig ri math neach eile.

Ach ma their duine sam bith ribh, Dh’ìobradh an nì seo do iodhalan, na ithibh, air a sgàth-san a nochd dhuibh e, agus air sgàth cogais. Oir is leis an Tighearna an talamh, agus a làn.

Air sgàth cogais, tha mi ag ràdh, chan i do chogais fhèin, ach cogais an neach ud eile: oir carson a bheirear breith air mo shaorsa-sa le cogais duine eile?

Na tugaibh adhbhar oilbheim do na h‑Iùdhaich, no do na Greugaich, no do eaglais Dhè:

Oir ma chì neach thusa aig a bheil eòlas a’ suidhe a‑chum bìdh ann an teampall iodhail, nach neartaichear cogais an tì sin a tha lag a‑chum na nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan ithe:

Ach le peacachadh dhuibh mar sin an aghaidh nam bràithrean, agus len cogais anfhann a lotadh, tha sibh a’ peacachadh an aghaidh Chrìosd.

Rinneadh mi dhaibhsan a tha anfhann mar dhuine anfhann, a‑chum gun cosnainn an dream a tha anfhann: bha mi anns an uile chruth do na h‑uile dhaoine, a‑chum air gach uile dhòigh gun saorainn cuideigin.

Tha mi a’ labhairt a‑thaobh eas-urraim, mar gum bitheamaid anfhann: ach, ge bè nì anns a bheil neach air bith dàn (tha mi a’ labhairt gu h‑amaideach), tha mise dàn ann mar an ceudna.

Cò tha lag, agus nach eil mise lag? Cò tha a’ faotainn oilbheim, agus nach eil mise a’ losgadh?

Gun a bhith a’ toirt adhbhar oilbheim air bith ann an aon nì, a‑chum nach faigheadh a’ mhinistrealachd mì‑chliù:

Oir, a bhràithrean, ghairmeadh a‑chum saorsa sibh; a‑mhàin na dèanaibh an t‑saorsa na cion-fàth don fheòil, ach le gràdh dèanaibh seirbhis da chèile.

Thugaibh an aire nach dèan neach air bith fòirneart oirbh tre fheallsanachd agus mealltaireachd dhìomhain, a rèir beul-aithris dhaoine, a rèir ciad-thoiseachan an t‑saoghail, agus chan ann a rèir Chrìosd:

Mar dhaoine saora, agus gun ur saorsa a ghnàthachadh mar bhrat-falaich don olc, ach mar sheirbhisich Dhè.

A’ gealltainn saorsa dhaibh, agus gun annta fhèin ach tràillean na truaillidheachd: oir ge bè nì lem buadhaichear air duine, don nì sin fhèin tha e air a chur fo dhaorsa.

Gidheadh, tha beagan agam ad aghaidh, do bhrìgh gu bheil agad an sin an dream a tha a’ cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap-tuislidh a chur ro chloinn Israeil, a‑chum nithean a dh’ìobradh do iodhalan ithe, agus strìopachas a dhèanamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan