Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 8:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha mhol biadh sinn do Dhia: oir ma dh’itheas sinn, chan fheàirrd sinn e; cha mhò mura ith sinn, is misde sinn e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus do aon dhiubh thug e còig tàlannan, agus do neach eile a dhà, agus do neach eile a h‑aon; do gach aon fa leth a rèir a chomais; agus air ball ghabh e a thuras.

Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.

Tha am biadh airson na bronn, agus a’ bhrù airson a’ bhìdh: ach sgriosaidh Dia araon seo agus siud. A‑nis chan ann airson neòghlaine tha an corp, ach airson an Tighearna: agus an Tighearna airson a’ chuirp.

Na bithibh air ur giùlan mun cuairt le teagasgan eugsamhail coimheach: oir is math an nì an cridhe a bhith air a dhaingneachadh le gràs, chan ann le biadhan, nithean nach tug tairbhe don dream a ghnàthaich iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan