Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 7:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh mura faodar leo iad fhèin a ghleidheadh geamnaidh, pòsadh iad: oir is fheàrr pòsadh na losgadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin do bhrìgh nach fhaodar cur an aghaidh nan nithean seo, is còir dhuibhse a bhith ciùin, agus gun nì sam bith a dhèanamh gu h‑obann.

Gidheadh, a‑chum strìopachas a sheachnadh, biodh a bhean fhèin aig gach fear, agus aig gach mnaoi a fear fhèin.

Ach ma phòsas tu, cha do pheacaich thu; agus ma phòsas òigh, cha do pheacaich i: gidheadh, bidh aig an leithidean seo trioblaid anns an fheòil; ach tha mi gur caomhnadh.

Ach ma shaoileas duine sam bith gu bheil e ga ghiùlan fhèin gu mì‑chiatach a‑thaobh a mhaighdinn, ma chaidh blàth a h‑aimsir thairis, agus gur còir a dhèanamh mar sin, dèanadh e nas àill leis, chan eil e a’ peacachadh: pòsadh iad.

Tha a’ bhean ceangailte leis an lagh rè na h‑ùine a tha a fear beò: ach ma gheibh a fear bàs, tha i saor gu pòsadh ri aon neach as toil leatha; a‑mhàin anns an Tighearna.

Gum b’aithne do gach aon agaibh a shoitheach fhèin a shealbhachadh ann an naomhachd, agus ann an urram;

Ach diùlt na bantraichean òga: oir nuair a dh’fhàsas iad mear an aghaidh Chrìosd, is miann leo pòsadh;

Is àill leam uime sin na mnathan òga a phòsadh, iad a bhreith cloinne, a stiùradh an taighe, agus gun chion-fàth air bith a thoirt don eascaraid labhairt gu toibheumach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan