Oir bu mhiann leam gum biodh na h‑uile dhaoine mar mi fhèin: gidheadh tha a thìodhlac fhèin aig gach duine o Dhia, aig aon neach mar seo, agus aig neach eile mar siud.
Agus thubhairt Pòl, B’e mo ghuidhe air Dia gum biodh, chan e a‑mhàin thusa, ach mar an ceudna iadsan uile a tha ag èisdeachd rium an‑diugh, ann am beag agus ann am mòr, mar a tha mise, saor o na gèimhlean seo.
Uime sin air a bhith de thìodhlacan againn, eadar-dhealaichte a rèir a’ ghràis a thugadh dhuinn; mas fàidheadaireachd, dèanamaid fàidheadaireachd a rèir tomhas a’ chreidimh;
Ach cha do ghnàthaich mise a h‑aon dhiubh seo, agus cha do sgrìobh mi na nithean seo, a‑chum gun dèante mar sin dhomh: oir b’fheàrr dhomh am bàs fhaghail, na gun cuireadh neach air bith m’uaill ann an neo-bhrìgh.