Ach tha mi a’ labhairt seo mar nì ceadaichte, agus chan ann mar àithne.
Agus dhaibhsan a tha pòsda tha mi ag àithneadh, gidheadh cha mhise, ach an Tighearna, gun a’ bhean a dhealachadh ra fear.
Ach ris a’ chuid eile tha mise ag ràdh, chan e an Tighearna, Ma bhios aig bràthair sam bith bean ana-creidmheach, agus gu bheil i toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris, na cuireadh e uaithe i.
A‑nis a‑thaobh òighean, chan eil àithne agam on Tighearna: gidheadh tha mi a’ toirt breith, mar neach a fhuair tròcair on Tighearna gu bhith dìleas.
Ach tha i nas sona ma dh’fhanas i mar sin, a rèir mo bhreith-sa: agus is i mo bharail gu bheil Spiorad Dhè agam.
An nì a tha mi a’ labhairt, chan ann a rèir an Tighearna a tha mi ga labhairt, ach mar gum b’ann gu h‑amaideach anns an dànadas uaille seo.
Chan eil mi a’ labhairt seo mar àithne, ach a‑thaobh dùrachd dhaoine eile, agus a dhearbhadh treibhdhireas ur gràidh-se.