Thugadh am fear an deagh-ghean dligheach don mhnaoi; agus a’ bhean mar an ceudna don fhear.
Ma ghabhas e bean eile dha fhèin, a biadh, a h‑aodach, agus a dlighe-pòsaidh, cha lùghdaich e.
Gidheadh, a‑chum strìopachas a sheachnadh, biodh a bhean fhèin aig gach fear, agus aig gach mnaoi a fear fhèin.
Chan eil comas a cuirp fhèin aig a’ mhnaoi, ach aig an fhear: agus mar an ceudna chan eil comas a chuirp fhèin aig an fhear, ach aig a’ mhnaoi.
Mar an ceudna, fheara, gabhaibh-se còmhnaidh maille riu a rèir eòlais, a’ tabhairt urraim don mhnaoi mar an soitheach as anfhainne, agus mar mhuinntir a tha nan co‑oighreachan air gràs na beatha; a‑chum nach cuirear bacadh air ur n‑ùrnaighean.