Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 7:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh, a‑chum strìopachas a sheachnadh, biodh a bhean fhèin aig gach fear, agus aig gach mnaoi a fear fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

An tì a dh’amaiseas air mnaoi, amaisidh e air nì math, agus gheibh e deagh-ghean on Tighearna.

Is iad oighreachd athraichean taigh agus saoibhreas; ach is ann on Tighearna a tha bean chiallach.

Gidheadh tha sibh ag ràdh, Carson? A chionn gu robh an Tighearna na fhianais eadar thu agus bean d’òige, ris an do bhuin thu gu fealltach: gidheadh b’i do bhana-chompanach i, agus bean do choicheangail.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean-phòsda fhèin, ach a‑mhàin airson strìopachais, gu bheil e a’ toirt oirre adhaltranas a dhèanamh: agus an tì a phòsas a’ bhean sin a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais.

Teichibh o strìopachas. Tha gach aon pheacadh a nì duine an leth a‑muigh den chorp: ach an tì a nì strìopachas, tha e a’ peacachadh an aghaibh a chuirp fhèin.

A‑nis a‑thaobh nan nithean mun do sgrìobh sibh am ionnsaigh: Is math do fhear gun bheantainn ri mnaoi.

Thugadh am fear an deagh-ghean dligheach don mhnaoi; agus a’ bhean mar an ceudna don fhear.

Gidheadh mura faodar leo iad fhèin a ghleidheadh geamnaidh, pòsadh iad: oir is fheàrr pòsadh na losgadh.

Is amhlaidh sin is còir do na fir am mnathan fhèin a ghràdhachadh, mar an cuirp fhèin: an tì a ghràdhaicheas a bhean, tha e ga ghràdhachadh fhèin.

Gidheadh, thugadh gach aon agaibhse fa leth gràdh da mhnaoi, amhail mar dha fhèin; agus feuchadh a’ bhean gun toir i urram da fear.

Gum b’aithne do gach aon agaibh a shoitheach fhèin a shealbhachadh ann an naomhachd, agus ann an urram;

A’ toirmeasg pòsaidh agus ag iarraidh biadhan a sheachnadh, a chruthaich Dia a‑chum an gabhail maille ri breith-buidheachais leòsan a tha a’ creidsinn, agus aig a bheil eòlas na fìrinn.

Agus tàrlaidh nuair a thig an athraichean no am bràithrean dar n‑ionnsaigh-ne a dhèanamh gearain, gun abair sinn riu, Bithibh bàidheil riu air ar son-ne, a chionn nach do ghlèidh sinn do gach fear a bhean anns a’ chogadh, oir cha tug sibhse dhaibh anns an àm seo, air chor is gum biodh sibh ciontach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan