Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 7:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An do ghairmeadh neach sam bith agus e timcheall-gheàrrte? Na dèanar e neo-thimcheall-gheàrrte: an do ghairmeadh neach sam bith gun e a bhith timcheall-gheàrrte? Na timcheall-ghearrar e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Uime sin is i mo bhreith-sa nach cuir sinn mì‑shuaimhneas orrasan de na Cinnich a tha air tilleadh a‑chum Dhè:

Do bhrìgh gun cuala sinne gun do chuir dream àraidh a chaidh uainne mì‑shuaimhneas oirbh le briathran, ag atharrachadh ur n‑inntinn, ag ràdh gur còir dhuibh a bhith air ur timcheall-ghearradh, agus an lagh a choimhead; do nach tug sinne a leithid sin a dh’àithne:

Oir chunnacas iomchaidh don Spiorad Naomh agus dhuinne gun nì air bith tuilleadh a chur oirbh a dh’uallach ach na nithean feumail seo;

Ach dh’èirich dream àraidh de bharail nam Pharasach a bha nan creidmhich, ag ràdh gur còir an timcheall-ghearradh, agus ag àithneadh dhaibh lagh Mhaois a choimhead.

Agus chuala iad umadsa, gu bheil thu a’ teagasg do na h‑Iùdhaich uile a tha am measg nan Cinneach, Maois a thrèigsinn, ag ràdh riu nach còir dhaibh an clann a thimcheall-ghearradh, no gluasad a rèir nan gnàth.

Far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall-ghearradh, no neo-thimcheall-ghearradh, duine borb, Sitianach, daor no saor: ach is e Crìosd na h‑uile, agus anns na h‑uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan