Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 7:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dhaibhsan a tha pòsda tha mi ag àithneadh, gidheadh cha mhise, ach an Tighearna, gun a’ bhean a dhealachadh ra fear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Gu deimhinn, mar a chlaonas bean neo-dhìleas o a fear-pòsda, mar sin bhuin sibhse gu neo-dhìleas riumsa, O thaigh Israeil, deir an Tighearna.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean-phòsda fhèin, ach a‑mhàin airson strìopachais, gu bheil e a’ toirt oirre adhaltranas a dhèanamh: agus an tì a phòsas a’ bhean sin a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais.

Agus thàinig na Pharasaich da ionnsaigh, agus dh’fheòraich iad dheth ga dhearbhadh, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh?

Gach neach a chuireas uaithe a bhean, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais; agus ge bè neach a phòsas a’ bhean a chuireadh air falbh o a fear, tha e a’ dèanamh adhaltranais.

Ach ma dhealaicheas i, fanadh i gun phòsadh, no biodh i rèidh ra fear: agus na cuireadh am fear uaithe a bhean.

Ach ris a’ chuid eile tha mise ag ràdh, chan e an Tighearna, Ma bhios aig bràthair sam bith bean ana-creidmheach, agus gu bheil i toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris, na cuireadh e uaithe i.

Ach ma dh’fhalbhas am fear ana-creidmheach, falbhadh e. Chan eil bràthair no piuthar fo dhaorsa nan leithidean sin de chàsan: ach ghairm Dia sinn a‑chum sìthe.

A‑nis a‑thaobh òighean, chan eil àithne agam on Tighearna: gidheadh tha mi a’ toirt breith, mar neach a fhuair tròcair on Tighearna gu bhith dìleas.

Ach tha i nas sona ma dh’fhanas i mar sin, a rèir mo bhreith-sa: agus is i mo bharail gu bheil Spiorad Dhè agam.

Ach tha mi a’ labhairt seo mar nì ceadaichte, agus chan ann mar àithne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan