Oir gu deimhinn air dhòmhsa a bhith uaibh anns a’ cholainn, ach an làthair agaibh ann an spiorad, thug mi breith cheana, mar gum bithinn an làthair, air an neach a rinn seo mar seo;
Oir ged tha mi uaibh anns an fheòil, gidheadh tha mi maille ribh anns an spiorad, a’ dèanamh gàirdeachais, agus a’ faicinn ur n‑òrdaigh, agus seasmhachd ur creidimh ann an Crìosd.
Ach air dhuinne, a bhràithrean, a bhith air ar dealachadh uaibhse rè tamaill bhig ann am pearsa, ach chan ann an cridhe, is ro‑mhò a rinn sinn dìcheall air ur n‑aghaidh fhaicinn le mòr-thogradh.
Dh’innis mi cheana, agus tha mi ro‑làimh ag innse dhuibh, mar gum bithinn an làthair an dara uair; agus a‑nis air dhomh a bhith as ur làthair, tha mi a’ sgrìobhadh a‑chum na dream a pheacaich roimhe seo, agus a‑chum chàich uile, ma thig mi a‑rìs, nach caomhain mi:
Smaoinicheadh a leithid sin de dhuine seo, mar a tha sinn ann am facal tre litrichean, agus sinn as làthair, mar sin gum bi sinn ann an gnìomh air dhuinn a bhith an làthair.
A‑nis tha mise fhèin Pòl a’ guidhe oirbh, tre mhacantas agus shèimheachd Chrìosd, neach air dhomh a bhith an làthair a tha ìosal nur measg, ach air dhomh a bhith uaibh a tha dàn oirbh: