Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 5:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha sibh air ur sèideadh suas, agus cha do rinn sibh bròn mar a bu chòir, a‑chum gun tugte air falbh uaibh am fear a rinn an gnìomh seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

A chionn gu robh do chridhe tiom, agus gun d’irislich thu thu fhèin an làthair an Tighearna, nuair a chuala tu ciod a labhair mise an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, gum biodh iad nam fàsach, agus nam mallachadh, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am fhianais; chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.

Ruith sruthan dheur sìos om shùilean, a chionn nach do choimhead iad do lagh.

Ach mura èisd sibh ris, guilidh m’anam ann an ionadan uaigneach airson ur n‑uabhair, agus guilidh mo shùil gu goirt, agus silidh mo dheòir gu pailt, a chionn gun toirear ann am bruid treud an Tighearna.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon.

Marbhaibh gu tur an sean agus an t‑òg, an òigh agus an leanabh, agus na mnathan; ach na beanaibh ri aon duine air a bheil an comharradh; agus tòisichibh aig mo naomh-ionad-sa. An sin thòisich iad aig na seann daoine a bha fa chomhair an taighe.

Agus, feuch, thàinig fear de chloinn Israeil, agus thug e a‑chum a bhràithrean ban-Mhidianach, ann an sealladh Mhaois, agus ann an sealladh coitheanal chloinn Israeil uile, agus iad a’ gul aig doras pàillean a’ choitheanail.

A‑nis tha cuid air an sèideadh suas, mar nach tiginn dur n‑ionnsaigh.

Ach tha Dia a’ toirt breith orra-san a tha an leth a‑muigh. Uime sin cuiribh air falbh an droch dhuine sin as ur meadhon fhèin.

Oir is eagal leam, air dhomh teachd, nach faigh mi sibh mar as miann leam, agus gum faighear mise dhuibhse mar nach bu mhiann leibh: air eagal gum bi connsachadh, farmad, fearg, còmhstri, cùl-chàineadh, cogarsaich, àrdan, ceannairce nur measg:

Air eagal, nuair a thig mi a‑rìs, gun ìslich mo Dhia mi nur measg, agus gun dèan mi caoidh airson mòran den dream a pheacaich cheana, agus nach do ghabh aithreachas den neòghlaine, agus strìopachas, agus mhacnas, a rinn iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan