Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 4:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir chan fhios dhomh nì sam bith am aghaidh fhèin; gidheadh chan eil mi le seo air m’fhìreanachadh: ach is e an Tighearna an tì a bheir breith orm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Cò e an duine, gum biodh e glan? Agus gun saoradh esan e fhèin, a rugadh o mhnaoi?

Cionnas, matà, a shaorar duine an làthair Dhè? Agus cionnas a bhios esan glan a rugadh o mhnaoi?

Ann am fhìreantachd fanaidh mi, agus cha leig mi uam i; cha mhaslaich mo chridhe mi rè mo làithean.

Feuch, tha mi gràineil; ciod a fhreagras mi dhut? Cuiridh mi mo làmh air mo bheul.

Ma dh’fhìreanaicheas mi mi fhèin, dìtidh mo bheul fhèin mi; agus foirfe ma nì mi mi fhèin, nochdaidh e fiar mi.

Ma chomharraicheas tusa aingidheachd, a Thighearna; a Thighearna, cò a sheasas?

Agus na tig ann am breitheanas led òglach; oir ann ad fhianais chan fhìreanaichear duine beò air bith.

Cò a thuigeas a sheachrain? O lochdan diamhair glan thusa mi.

Tha mo chas na seasamh ann an ionad còmhnard; anns na coitheanalan beannaichidh mi an Tighearna.

Agus cuiridh na nèamhan an cèill a cheartas; oir is e Dia fhèin as Britheamh ann. Selah.

Tha uile shlighean duine ceart na shùilean fhèin; ach measaidh an Tighearna na cridheachan.

Iarraidh mòran deagh-ghean an uachdarain; ach is ann on Tighearna a tha breitheanas gach duine.

Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.

Agus air dearcadh do Phòl air a’ chomhairle, thubhairt e, Fheara agus a bhràithrean, anns an uile dheagh chogais chaith mise mo bheatha a‑thaobh Dhè gus an là‑an‑diugh.

(Oir chan iad luchd-èisdeachd an lagha a tha nam fìreanan am fianais Dhè, ach bidh luchd-dèanamh an lagha air am fìreanachadh.

Oir ma dh’fhìreanaicheadh Abrahàm le obraichean, tha adhbhar uaill aige, ach chan ann a‑thaobh Dhè.

Ach agamsa is ro‑bheag an nì gun tugte breith orm leibhse, no le breitheanas duine: seadh, chan eil mi a’ toirt breith orm fhèin.

Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.

Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.

Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair-bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan