Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 4:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis tha cuid air an sèideadh suas, mar nach tiginn dur n‑ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Ciod as àill leibh? An tig mi dur n‑ionnsaigh le slait, no ann an gràdh, agus ann an spiorad na macantachd?

Agus tha sibh air ur sèideadh suas, agus cha do rinn sibh bròn mar a bu chòir, a‑chum gun tugte air falbh uaibh am fear a rinn an gnìomh seo.

Ach tha mi ag iarraidh oirbh a dh’athchuinge, gun sibh a thoirt orm nuair a bhios mi an làthair a bhith dàn, leis a’ mhuinghinn leis an saoilear mi a bhith dàn an aghaidh dream àraidh a tha a’ toirt meas oirnn, mar gum bitheamaid ag imeachd a rèir na feòla.

Oir is eagal leam, air dhomh teachd, nach faigh mi sibh mar as miann leam, agus gum faighear mise dhuibhse mar nach bu mhiann leibh: air eagal gum bi connsachadh, farmad, fearg, còmhstri, cùl-chàineadh, cogarsaich, àrdan, ceannairce nur measg:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan