Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 3:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin chan eil anns an tì a shuidhicheas no anns an tì a dh’uisgicheas, brìgh sam bith; ach ann an Dia a tha a’ toirt an fhàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Tabhair glòir, a Thighearna, chan ann dhuinne, chan ann dhuinne, ach dod ainm fhèin, airson do thròcair agus airson d’fhìrinn.

Agus biodh maise an Tighearna ar Dia oirnn, agus daingnich thusa obair ar làmh dhuinn; seadh, daingnich obair ar làmh.

Tha na cinnich uile mar neoni na làthair-san; tha iad air am meas leis mar fhìor neoni agus dìomhanas.

Feuch, is dìomhanas iad uile; is neoni an obraichean; is gaoth agus faoineis an dealbhan leaghte.

Agus tha uile luchd-àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr-thoradh uaithe; oir as m’eugmhais-sa chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh.

Agus ged robh agam fàidheadaireachd, agus ged thuiginn na h‑uile rùintean diamhair, agus gach uile eòlas; agus ged robh agam gach uile ghnè creidimh, ionnas gun atharraichinn slèibhtean, agus mi gun ghràdh agam, chan eil annam ach neoni.

Shuidhich mise, dh’uisgich Apollos: ach is e Dia a thug am fàs.

An tì a shuidhicheas, agus an tì a dh’uisgicheas, is aon iad: agus gheibh gach aon a dhuais fhèin, a rèir a shaothair fhèin.

Rinneadh am amadan mi le uaill a dhèanamh; cho-èignich sibhse mi: oir bu chòir dhomh a bhith air mo mholadh leibhse: oir cha robh mi a’ bheag sam bith goirid air na h‑abstoil as àirde, ged nach eil annam ach neoni.

Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs-sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm.

Oir ma shaoileas duine gur nì‑eigin e fhèin, gun a bhith ann ach neoni, tha e ga mhealladh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan