Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 3:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Shuidhich mise, dh’uisgich Apollos: ach is e Dia a thug am fàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Mura tog an Tighearna an taigh, gu dìomhain saothraichidh a luchd-togail; mura glèidh an Tighearna am baile, gu dìomhain nì am fear-coimhead faire.

Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd.

Gu cinnteach tha clann Adhaimh nan dìomhanas, clann an duine nam brèig; air meidh ma chuirear iad, is aotroime iad gu lèir na dìomhanas.

Nìthear an t‑anam fial sultmhor; agus an tì a dh’uisgicheas, uisgichear mar an ceudna e fhèin.

Oir mar a chuireas an talamh a‑mach a chinneas, agus mar a bheir an lios air an t‑sìol fàs a‑nìos; mar sin bheir an Tighearna Iehòbhah air fìreantachd agus moladh fàs suas an làthair nan uile chinneach.

Agus nuair a chuala iad na nithean seo, thosd iad, agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Thug Dia mas eadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas a‑chum na beatha.

Agus nuair a thàinig iad, agus a chruinnich iad an eaglais an ceann a chèile, dh’aithris iad meud nan nithean a rinn Dia leo, agus gun d’fhosgail e doras creidimh do na Cinnich.

Agus dh’èisd bean àraidh rinn dom b’ainm Lidia, bean-reicidh purpair, o bhaile Thiatìra, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia; aig an d’fhosgail an Tighearna a cridhe, ionnas gun tug i aire do na nithean a labhradh le Pòl.

Agus thàinig gu Ephesus Iùdhach àraidh dom b’ainm Apollos, a rugadh ann an Alecsandria, duine deas-bhriathrach, agus cumhachdach anns na sgriobtairean.

Agus thàrladh, nuair a bha Apollos ann an Corintus, air do Phòl dol tro na crìochan uachdarach, gun tàinig e gu Ephesus. Agus air faotainn dheisciobal àraidh,

Agus air dhàsan fàilte a chur orra, chuir e an cèill dhaibh fa leth na nithean a rinn Dia le a mhinistrealachd-san am measg nan Cinneach.

Oir cha bhi dànachd agam labhairt air a’ bheag de na nithean sin, nach d’obraich Crìosd leam, a‑chum na Cinnich a dhèanamh umhail ann am facal agus ann an gnìomh,

A‑nis tha mi ag ràdh seo, gun abair gach aon agaibh, Is le Pòl mise; agus is le Apollos mise; agus is le Cèphas mise; agus is le Crìosd mise.

Ach uaithesan tha sibhse ann an Iosa Crìosd, neach a rinneadh dhuinne le Dia na ghliocas, na fhìreantachd, na naomhachadh, agus na shaorsa:

Mas e Pòl, no Apollos, no Cèphas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nithean a tha làthair, no nithean a tha ri teachd; is leibhse iad uile;

Uime sin chan eil anns an tì a shuidhicheas no anns an tì a dh’uisgicheas, brìgh sam bith; ach ann an Dia a tha a’ toirt an fhàis.

Nach abstol mise? Nach eil mi saor? Nach fhaca mi Iosa Crìosd ar Tighearna? Nach sibhse m’obair anns an Tighearna?

Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh,

Oir cha tàinig ar soisgeul-ne dur n‑ionnsaigh-se ann am facal a‑mhàin, ach mar an ceudna ann an cumhachd, agus anns an Spiorad Naomh, agus ann am mòr làn-dearbhachd; mar as aithne dhuibh ciod a’ ghnè dhaoine bha annainn nur measg air ur son-se.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan