A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, tre ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, gun labhair sibh uile an t‑aon nì, agus nach bi roinnean nur measg; ach gum bi sibh ceangailte ri chèile gu diongmhalta ann an aon inntinn, agus ann an aon bharail.
Oir air tùs, nuair tha sibh a’ cruinneachadh an ceann a chèile anns an eaglais, tha mi a’ cluinntinn gu bheil roinnean nur measg; agus tha mi an cuid ga chreidsinn.
Oir is eagal leam, air dhomh teachd, nach faigh mi sibh mar as miann leam, agus gum faighear mise dhuibhse mar nach bu mhiann leibh: air eagal gum bi connsachadh, farmad, fearg, còmhstri, cùl-chàineadh, cogarsaich, àrdan, ceannairce nur measg:
Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas-umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana-miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.