Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch suidhichidh mise mar stèidh ann an Sion clach, clach dhearbhte, clach-chinn na h‑oisinn; sàr bhunait; esan a chreideas, cha chuirear gu amhluadh e.
A rèir gràs Dhè a thugadh dhòmhsa mar fhear-togail aitreibh glic, leag mi am bunait, agus tha neach eile a’ togail air, ach thugadh gach neach an aire cionnas a thogas e air.
Gidheadh, tha bunait Dhè a’ seasamh daingeann, aig a bheil an seula seo, Is aithne don Tighearna an dream sin as leis. Agus, gach neach a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, trèigeadh e eucoir.