Agus dh’èisd bean àraidh rinn dom b’ainm Lidia, bean-reicidh purpair, o bhaile Thiatìra, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia; aig an d’fhosgail an Tighearna a cridhe, ionnas gun tug i aire do na nithean a labhradh le Pòl.
Oir cha do chuir Crìosd mi a bhaisteadh, ach a shearmonachadh an t‑soisgeil; chan ann an gliocas facail, a‑chum nach cuirte crann-ceusaidh Chrìosd an neo-bhrìgh.
Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs-sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm.