Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha mi nur measg ann an anfhainneachd agus ann an eagal, agus ann am mòr-chrith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Anns an là sin bidh an Eiphit cosmhail ri mnathan; agus bidh crith agus geilt oirre, ro chrathadh làmh Tighearna nan sluagh, a chrathas e os a cionn.

A‑nis air dhaibh imeachd tro Amphipolis, agus Apolònia, thàinig iad gu Tesalonìca, far an robh sionagog aig na h‑Iùdhaich:

An dèidh nan nithean seo, dh’fhàg Pòl baile na h‑Aithne, agus thàinig e gu Corintus;

Agus nuair a bha Galio na uachdaran air Achaia, dh’èirich na h‑Iùdhaich a dh’aon inntinn an aghaidh Phòil, agus thug iad e gu cathair a’ bhreitheanais;

Agus nuair a chuir iad na aghaidh, agus a labhair iad toibheum, chrath e a aodach, agus thubhairt e riu, Biodh ur fuil air ur ceann fhèin; tha mise glan: à seo suas thèid mi a‑chum nan Cinneach.

A‑nis tha mise fhèin Pòl a’ guidhe oirbh, tre mhacantas agus shèimheachd Chrìosd, neach air dhomh a bhith an làthair a tha ìosal nur measg, ach air dhomh a bhith uaibh a tha dàn oirbh:

Oir tha a litrichean (tha iadsan ag ràdh) cudthromach agus làidir, ach tha an làthaireachd chorporra anfhann, agus a chainnt tàireil.

Oir ged a cheusadh e tre anfhainneachd, gidheadh tha e beò tre chumhachd Dhè: oir tha sinne mar an ceudna anfhann annsan, gidheadh bidh sinn beò maille ris tre chumhachd Dhè dur taobh-se.

Oir tha sinn subhach nuair a tha sinn fhèin anfhann, agus sibhse làidir: agus tha sinn a’ guidhe seo mar an ceudna, sibhse a bhith coileanta.

Uime sin, air don mhinistrealachd seo a bhith againn, a rèir mar a fhuair sinn tròcair, chan eil sinn a’ fannachadh:

Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath-nuadhachadh o là gu là.

Ach anns gach nì gar dearbhadh fhèin mar mhinistearan Dhè, ann am mòr-fhoighidinn, ann an àmhgharan, ann an uireasbhaidh, ann an teanntachdan,

Agus tha dùrachd a chridhe-san nas pailte dur taobh-se, air dha a bhith a’ cuimhneachadh ur n‑ùmhlachd uile, mar a ghabh sibh ris le eagal agus ball-chrith.

Oir nuair a thàinig sinn do Mhacedònia, cha d’fhuair ar feòil fois sam bith, ach bha sinn fo àmhghar air gach taobh; an leth a‑muigh bha còmhrag, an leth a‑staigh bha eagal.

A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, le eagal agus crith, ann an treibhdhireas ur cridhe, mar do Chrìosd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan