Oir cò an duine don aithne nithean duine, ach do spiorad an duine a tha ann? Mar sin chan eil fhios aig neach sam bith air nithean Dhè, ach aig Spiorad Dhè.
An cuala tu a’ bheag ann an comhairle dhiamhair Dhè? Agus ad ionnsaigh fhèin a‑mhàin an do tharraing thu gliocas?
Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.
Is e spiorad duine lòchran an Tighearna, a’ sgrùdadh gach ionaid an taobh a‑staigh den chom.
Mar uisge domhain tha comhairle ann an cridhe duine, ach tàirngidh fear na tuigse a‑nìos i.
Tha an cridhe cealgach thar na h‑uile nithean, agus tha e do‑leigheas; cò as urrainn a thuigsinn?
Oir do aon duine tha facal a’ ghliocais air a thoirt leis an Spiorad: agus do dhuine eile facal an eòlais leis an Spiorad cheudna;
Ach dh’fhoillsich Dia dhuinne iad le a Spiorad: oir tha an Spiorad a’ rannsachadh nan uile nithean, eadhon nithean domhain Dhè.