Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 14:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tì a tha a’ labhairt ann an teangaidh choimhich, tha e ga theagasg fhèin: ach an tì a nì fàidheadaireachd, tha e a’ teagasg na h‑eaglais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus leanaidh na comharraidhean seo an dream a chreideas: Ann am ainm-sa tilgidh iad a‑mach deamhain; labhraidh iad le teangan nuadha;

Uime sin leanamaid na nithean a bhios a‑chum sìthe agus na nithean a bhios a‑chum togail suas a chèile.

Do neach eile obrachadh mhìorbhailean; do neach eile fàidheadaireachd; do neach eile aithneachadh spiorad; do neach eile iomadh gnè theanga; agus do neach eile eadar-mhìneachadh theanga.

Agus chuir Dia dream àraidh anns an eaglais, air tùs abstoil, anns an dara àite fàidhean, anns an treas àite luchd-teagaisg, a‑rìs mìorbhailean, na dhèidh sin tìodhlacan leighis, luchd-cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh gnè theanga.

Ged labhrainn le teangaidhean dhaoine agus aingeal, agus gun ghràdh agam, tha mi am umha a nì fuaim, no am chiombal a nì gleangarsaich.

Agus ged robh agam fàidheadaireachd, agus ged thuiginn na h‑uile rùintean diamhair, agus gach uile eòlas; agus ged robh agam gach uile ghnè creidimh, ionnas gun atharraichinn slèibhtean, agus mi gun ghràdh agam, chan eil annam ach neoni.

Mar sin mar an ceudna sibhse do bhrìgh gu bheil dèidh agaibh air tìodhlacan spioradail, iarraibh sibh fhèin a thoirt barrachd a‑chum fòghlam na h‑eaglais.

Uime sin tha teangaidhean coimheach nan comharradh, chan ann don dream a tha a’ creidsinn, ach dhaibhsan a tha mì‑chreidmheach: ach tha fàidheadaireachd chan ann air an son-san nach eil a’ creidsinn, ach air an son-san a tha a’ creidsinn.

Ciod e sin, matà, a bhràithrean? Nuair a tha sibh a’ teachd an ceann a chèile, tha salm, tha teagasg, tha teanga, tha foillseachadh, tha eadar-theangachadh, aig gach aon agaibh. Dèanar na h‑uile nithean a‑chum fòghlaim.

Ach an tì a tha a’ dèanamh fàidheadaireachd, tha e a’ labhairt ri daoine a‑chum teagaisg, agus a‑chum earail, agus a‑chum comhfhurtachd.

Bu mhath leam gun labhradh sibh uile le teangaidhean, ach b’fheàrr leam sibh a dhèanamh fàidheadaireachd, oir is mò an tì a nì fàidheadaireachd na an tì a labhras le teangaidhean, mura eadar-theangaich e, a‑chum gum faigheadh an eaglais fòghlam.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan