Agus cha do chruthaicheadh am fear airson na mnà, ach a’ bhean airson an fhir.
Agus thubhairt an Tighearna Dia, Chan eil e math gum biodh an duine na aonar: nì mi dha còmhnadh da rèir fhèin.
Agus thug Adhamh ainmean don sprèidh uile, agus do eunlaith nan speur, agus do uile bheathaichean na machrach; ach do Adhamh cha d’fhuaireadh còmhnadh da rèir fhèin.
Agus thog an Tighearna Dia an aisne a thug e on duine suas na mnaoi, agus thug e i a‑chum an duine.
Uime sin is còir don mhnaoi cumhachd a bhith aice air a ceann, airson nan aingeal.