Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 11:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gach fear a tha a’ dèanamh ùrnaigh no fàidheadaireachd, agus còmhdach air a cheann, tha e a’ toirt eas-urraim da cheann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Daibhidh suas ri uchdaich Sliabh nan Crann-ola, a’ dol suas agus a’ gul, agus a cheann còmhdaichte, agus e ag imeachd cas-ruisgte: agus chòmhdaich an sluagh uile a bha maille ris, gach fear dhiubh, a cheann, agus chaidh iad suas, ag imeachd agus a’ gul.

Ach dh’fhalaich an rìgh a aghaidh, agus ghlaodh an rìgh le guth àrd, A mhic, Absaloim! Absaloim, a mhic, a mhic!

Oir tha am mac a’ toirt eas-onoir don athair; tha an nighean ag èirigh suas an aghaidh a màthar, bean a’ mhic an aghaidh a màthar-chèile: is iad naimhdean duine muinntir a thaighe fhèin.

A‑nis bha anns an eaglais a bha aig Antioch, fàidhean, agus luchd-teagaisg àraidh; mar a tha Barnabas, agus Simeon ris an abrar Niger, agus Lucius o Chirène, agus Manaen, co‑alta Heroid an tetrarc, agus Saul.

Nach eil nàdar fhèin a’ teagasg dhuibh, ma bhios gruag fhada air fear, gur nàir dha e?

Ach gach bean a tha a’ dèanamh ùrnaigh no fàidheadaireachd gun chòmhdach air a ceann, tha i a’ toirt eas-urraim da ceann: oir is ionnan sin agus ged bhiodh i air a bearradh.

Do neach eile obrachadh mhìorbhailean; do neach eile fàidheadaireachd; do neach eile aithneachadh spiorad; do neach eile iomadh gnè theanga; agus do neach eile eadar-mhìneachadh theanga.

Agus chuir Dia dream àraidh anns an eaglais, air tùs abstoil, anns an dara àite fàidhean, anns an treas àite luchd-teagaisg, a‑rìs mìorbhailean, na dhèidh sin tìodhlacan leighis, luchd-cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh gnè theanga.

Agus ged robh agam fàidheadaireachd, agus ged thuiginn na h‑uile rùintean diamhair, agus gach uile eòlas; agus ged robh agam gach uile ghnè creidimh, ionnas gun atharraichinn slèibhtean, agus mi gun ghràdh agam, chan eil annam ach neoni.

Na dèanaibh tàir air fàidheadaireachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan