Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 11:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ma bhios neach air bith connspaideach, chan eil a leithid sin de ghnàthachadh againne, no aig eaglaisean Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh mi dearbhadh a’ cheannaich, e sin anns an robh an gnothach agus na cùmhnantan seulaichte, agus e sin a bha fosgailte.

Agus chuala iad umadsa, gu bheil thu a’ teagasg do na h‑Iùdhaich uile a tha am measg nan Cinneach, Maois a thrèigsinn, ag ràdh riu nach còir dhaibh an clann a thimcheall-ghearradh, no gluasad a rèir nan gnàth.

Thoir iadsan leat, agus bi air do ghlanadh maille riu, agus dèan costas leo, a‑chum gum beàrr iad an cinn: agus gum bi fhios aig na h‑uile nach eil ach neoni anns na chuala iad mud thimcheall-sa, ach gu bheil thu fhèin mar an ceudna ag imeachd gu riaghailteach, agus a’ coimhead an lagha.

Ach ma bhios gruag fhada air mnaoi, is glòir dhi e: oir thugadh gruag dhi airson còmhdaich.

A‑nis a‑thaobh an tionail airson nan naomh, mar a dh’òrdaich mi do eaglaisean Ghalàtia, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.

Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.

Ach a rèir mar a roinn Dia ris gach duine, mar a ghairm an Tighearna gach aon, mar sin gluaiseadh e: agus mar sin tha mise ag òrdachadh anns na h‑eaglaisean uile.

Nach abstol mise? Nach eil mi saor? Nach fhaca mi Iosa Crìosd ar Tighearna? Nach sibhse m’obair anns an Tighearna?

No a bheil mise agus Barnabas a‑mhàin gun chomas againn a bhith saor o obair?

Oir rinneadh sibhse, a bhràithrean, nur luchd-leanmhainn air eaglaisean Dhè, ann an Iudèa, a tha ann an Iosa Crìosd: oir dh’fhuiling sibh na nithean ceudna o ur luchd-dùthcha fhèin, mar a dh’fhuiling iadsan o na h‑Iùdhaich:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan