Agus ri Sàrah thubhairt e, Feuch, thug mi mìle bonn airgid dod bhràthair: feuch, tha e dhutsa na chòmhdachadh sùl do gach uile a tha maille riut, agus maille ris gach uile: mar seo fhuair i achmhasan.
Na leig led bheul a thoirt air d’fheòil peacachadh; agus na abair an làthair an aingil gum bu mhearachd e; cuim am biodh fearg air Dia airson do ghutha-sa, agus an sgriosadh e obair do làmh?
Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.