Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 1:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ionnas nach eil sibh an dèidh-làimh ann an tìodhlac sam bith; a’ feitheamh ri foillseachadh ar Tighearna Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Rid shlàinte dh’fheith mise, O Thighearna.

An sin samhlaichear rìoghachd nèimh ri deich òighean a thug leo an lòchrain, agus a chaidh a‑mach an còdhail an fhir nuadh-phòsda.

Agus sibh fhèin cosmhail ri daoine a tha a’ feitheamh ris an Tighearna, nuair a thilleas e on phòsadh; a‑chum air dha teachd agus bualadh, gun grad-fhosgail iad dha.

Is ann mar sin a bhios anns an là anns am foillsichear Mac an Duine.

Oir tha dùil dhùrachdach a’ chruthachaidh a’ feitheamh ri foillseachadh clann Dhè.

Agus chan e seo a‑mhàin, ach sinn fhèin mar an ceudna, aig a bheil ciad-thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fhèin, a’ feitheamh ris an uchd-mhacachd, eadhon saorsa ar cuirp.

Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.

Oir ciod an nì anns an robh sibh na bu lugha na eaglaisean eile, mura e nach do leig mi fhèin mo throm oirbh? Thugaibh maitheanas dhomh anns an eucoir seo.

Oir tha sinne tre an Spiorad a’ feitheamh ri dòchas fìreantachd o chreideamh.

Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd;

Nuair a dh’fhoillsichear Crìosd, neach as e ar beatha-ne, an sin bidh sibhse mar an ceudna air ur foillseachadh maille ris ann an glòir.

Agus gu feitheamh ri a Mhac o nèamh, a thog e suas o na mairbh, eadhon Iosa a shaor sinne on fheirg a tha ri teachd.

Agus dhuibhse a tha fo àmhghar, fois maille rinne, nuair a dh’fhoillsichear an Tighearna Iosa o nèamh, maille ra ainglean cumhachdach:

O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd-san.

Air dhuinn sùil a bhith againn ris an dòchas bheannaichte sin, eadhon foillseachadh glòir an Dè mhòir, agus ar Slànaighir Iosa Crìosd:

Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.

Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;

Ach do bhrìgh gu bheil sibh nur luchd-compàirt de fhulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas; a‑chum mar an ceudna, ann an àm foillseachadh a ghlòire, gun dèan sibh gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr.

Agus nuair a dh’fhoillsichear an t‑Ard-bhuachaille, gheibh sibh crùn na glòire nach searg as.

Le sùil a bhith agaibh ris, agus a’ luathachadh a‑chum teachd là Dhè, anns am bi na nèamhan, air dhaibh a bhith ri theine, air an sgaoileadh as a chèile, agus anns an leaghar na dùilean le dian-theas?

A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.

Coimheadaibh sibh fhèin ann an gràdh Dhè, le sùil ri tròcair ar Tighearna Iosa Crìosd a‑chum na beatha maireannaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan