Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 1:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Airson gun do rinneadh saoibhir leis-san sibh anns gach uile nì, anns gach ùr‑labhradh, agus anns gach eòlas:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.

Mas e an tuiteam-san saoibhreas an domhain, agus an lùghdachadh saoibhreas nan Cinneach, cia as mò na sin a bhios an lànachd?

Agus tha cinnt agamsa fhèin dur taobh-se, mo bhràithrean, gu bheil sibh làn de mhaitheas, air ur lìonadh leis an uile eòlas, agus comasach mar an ceudna air a chèile a chomhairleachadh.

Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.

Do neach eile obrachadh mhìorbhailean; do neach eile fàidheadaireachd; do neach eile aithneachadh spiorad; do neach eile iomadh gnè theanga; agus do neach eile eadar-mhìneachadh theanga.

Oir do aon duine tha facal a’ ghliocais air a thoirt leis an Spiorad: agus do dhuine eile facal an eòlais leis an Spiorad cheudna;

Agus ged robh agam fàidheadaireachd, agus ged thuiginn na h‑uile rùintean diamhair, agus gach uile eòlas; agus ged robh agam gach uile ghnè creidimh, ionnas gun atharraichinn slèibhtean, agus mi gun ghràdh agam, chan eil annam ach neoni.

Cha tèid an gràdh air cùl a‑chaoidh: ach mas fàidheadaireachdan a tha ann, thèid iad air cùl; mas teangaidhean, sguiridh iad; mas eòlas, cuirear air cùl e.

Ciod e sin, matà, a bhràithrean? Nuair a tha sibh a’ teachd an ceann a chèile, tha salm, tha teagasg, tha teanga, tha foillseachadh, tha eadar-theangachadh, aig gach aon agaibh. Dèanar na h‑uile nithean a‑chum fòghlaim.

Agus tre d’eòlas-sa an tèid do bhràthair lag am mugha, airson an d’fhuair Crìosd bàs?

Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.

Mar dhream a tha brònach, gidheadh a‑ghnàth a’ dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a tha a’ dèanamh mòran saoibhir; mar dhaoine aig nach eil nì sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithean.

Uime sin mar a tha sibh pailt anns gach uile nì, ann an creideamh, ann an ùr‑labhradh, agus ann an eòlas, agus anns an uile dhìcheall, agus nur gràdh dhuinne, bithibh pailt anns a’ ghràs seo mar an ceudna.

Air dhuibh a bhith air ur dèanamh saoibhir anns gach uile nì a‑chum gach uile thabhartais, nì a dh’obraicheas leinne breith-buidheachais do Dhia.

Gun tugadh Dia ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair na glòire, spiorad gliocais agus foillseachaidh dhuibh, ann an eòlas airsan;

A‑chum gum foillsicheadh e anns na linntean ri teachd saoibhreas ro‑phailt a ghràis, ann an coibhneas dar taobh-ne, tre Iosa Crìosd.

Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach;

Agus air mo shon-sa, a‑chum gun toirear dhomh comas labhairt le fosgladh mo bheòil ann an dànachd, a‑chum gum foillsich mi rùn-diamhair an t‑soisgeil;

Agus tha mi a’ guidhe seo, gum biodh ur gràdh-se air a mheudachadh nas mò agus nas mò ann an eòlas, agus ann an uile thuigse:

Anns a bheil uile ionmhasan a’ ghliocais agus an eòlais falaichte.

Agus gun do chuir sibh umaibh an duine nuadh, a tha air ath-nuadhachadh ann an eòlas, a rèir ìomhaigh an tì a chruthaich e:

Cò a tha na dhuine glic agus aig a bheil eòlas nur measg? Nochdadh e à deagh chaitheamh-beatha, a obraichean fhèin le ceannsachd gliocais.

Ach fàsaibh ann an gràs, agus ann an eòlas ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir a‑nis agus gu sìorraidh. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan