Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Corintianach 1:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia a‑ghnàth dur taobh, airson gràs Dhè a thugadh dhuibh ann an Iosa Crìosd;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ach thubhairt esan riu, Chan eil na h‑uile dhaoine comasach air a’ chainnt seo a ghabhail, ach iadsan don tugadh e.

Mise agus an t‑Athair, is aon sinn.

Ma dh’iarras sibh nì air bith am ainm-sa, nì mise e.

Agus guidhidh mise an t‑Athair, agus bheir e dhuibh Comhfhurtair eile, a‑chum gum fan e maille ribh gu bràth;

Ach an Comhfhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair uaithe ann am ainm-sa, teagaisgidh esan dhuibh na h‑uile nithean, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh na h‑uile nithean a labhair mise ribh.

Ach nuair a thig an Comhfhurtair, a chuireas mise dur n‑ionnsaigh on Athair, Spiorad na fìrinn, a tha a’ teachd a‑mach on Athair, nì esan fianais mum thimcheall-sa.

Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.

Agus nuair a chuala iadsan seo, thug iad glòir don Tighearna, agus thubhairt iad ris-san, Tha thu a’ faicinn, a bhràthair, cia lìon mìle de na h‑Iùdhaich a tha a’ creidsinn; agus tha iad uile ro‑eudmhor mun lagh.

Air tùs, tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia tre Iosa Crìosd air ur son-se uile, do bhrìgh gu bheil ur creideamh iomraiteach air feadh an domhain gu lèir.

Ach buidheachas do Dhia, an dèidh dhuibh a bhith nur seirbhisich don pheacadh, gun tug sibh o ur cridhe ùmhlachd don chumadh teagaisg sin don tugadh sibh thairis.

Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

Agus bha gràs ar Tighearna thar tomhas ro‑phailt dhomh, maille ri creideamh, agus ri gràdh a tha ann an Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan