A charaid, smaoinich air seo: tha biadh spioradail cho cudromach ri biadh corporra. Bidh sinn ag ithe gus ar cuirp a chumail fallain, ach feumaidh sinn ar n-anama a bhiadhadh cuideachd. Tha fìor shàsachadh agus làn ri lorg ann, chan ann an rudan an t-saoghail seo, ach ann an Dia.
Tha thu a’ faicinn, thuirt Ìosa, “Chan ann le h-aran a-mhàin a bhios duine beò, ach le gach facal a thig à beul Dhè.” (Mata 4:4) Tha Facal Dhè, a’ Bhìoball, riatanach airson ar fàs spioradail. An sin a gheibh thu comhfhurtachd, stiùireadh, agus a h-uile rud a dh’fheumas tu gach latha. Tha e coltach ri solas air do shlighe, agus bheir e saorsa dhut nach fhaigh thu an àite sam bith eile. ’S e Facal Dhè a chumas ar spiorad fallain.
Ach tha barrachd ann. Tha dàimh dlùth ri Dia deatamach. Chan urrainn dhuinn am biadh spioradail seo fhaighinn às aonais. Thuirt Ìosa, “Is mise aran na beatha; an tì a thig thugamsa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air.” (Eòin 6:35) ’S e Ìosa stòras na beatha. Le bhith a’ cumail dlùth ris, bidh ar spioradan air an lìonadh gu làn. ’S e na faclan a thig bho a bheul a h-uile rud a dh’fheumas sinn.
Agus ciamar a chumas sinn dlùth ris? Tro ùrnaigh. Tha ùrnaigh mar dhòigh conaltraidh ri Dia. ’S ann tro ùrnaigh a dh’innseas sinn dha ar feumalachdan, ar miannan, agus a shireas sinn a chuideachadh. Dìreach mar a dh’fheumas sinn biadh corporra airson a bhith beò, feumaidh sinn ùrnaigh gus ceangal a chumail ri Dia agus neart fhaighinn bhuaithe gus seasamh làidir anns a h-uile suidheachadh.
Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air.
Is mise an t‑aran beò, a thàinig a‑nuas o nèamh: ma dh’itheas neach air bith den aran seo, bidh e beò gu sìorraidh: agus an t‑aran a bheir mise uam, is e m’fheòil e, a bheir mi airson beatha an t‑saoghail.
Is mise an doras: ma thèid neach air bith a‑steach tromhamsa, tèarnar e, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh.
Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;
Thubhairt Iosa riu, Is e mo bhiadh-sa toil an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, agus a obair a chrìochnachadh.
Agus bheir mi dhuibh aodhairean a rèir mo chridhe fhèin, agus beathaichidh iad sibh le eòlas agus le tuigse.
Agus gun d’òl iad uile an aon deoch spioradail (oir dh’òl iad den charraig spioradail sin a lean iad: agus b’i a’ charraig sin Crìosd):
An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.
Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Tha e sgrìobhte, Chan ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach uile fhacal a thig o bheul Dhè.
Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.
Agus fhreagair Iosa e, ag ràdh, Tha e sgrìobhte nach ann le aran a‑mhàin a thig duine beò, ach le gach uile fhacal Dhè.
Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.
Agus dh’irioslaich e thu, agus thug e ort acras fhulang, agus bheathaich e thu le mana (nì nach b’aithne dhut fhèin, cha mhò a b’aithne dod athraichean e), a‑chum gun tugadh e ort fios a bhith agad nach ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach facal a thig a‑mach à beul an Tighearna bidh duine beò.
O blaisibh agus faicibh gur math an Tighearna; is beannaichte an duine sin a dh’earbas as.
Carson a tha sibh a’ caitheamh airgid air nì nach aran, agus ur saothair air nì nach sàsaich? Eisdibh le deagh aire riumsa, agus ithibh an nì a tha math; agus gabhadh ur n‑anam toil-inntinn ann an cuirm shòghmhoir.
Fhuaireadh do bhriathran, agus dh’ith mi suas iad; agus bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh.
Agus gun d’ith iad uile an t‑aon bhiadh spioradail; Oir, ma tha compàirt bìdh agamsa tre ghràs, carson a labhrar olc umam a‑thaobh an nì sin airson a bheil mi a’ toirt buidheachais? Uime sin co‑dhiù dh’itheas no dh’òlas sibh, no ge bè nì a nì sibh, dèanaibh na h‑uile nithean a‑chum glòir Dhè. Na tugaibh adhbhar oilbheim do na h‑Iùdhaich, no do na Greugaich, no do eaglais Dhè: A rèir mar a tha mise a’ dèanamh toil nan uile dhaoine anns na h‑uile nithean, gun a bhith ag iarraidh mo bhuannachd fhèin, ach buannachd mhòran, a‑chum gun tèarnar iad. Agus gun d’òl iad uile an aon deoch spioradail (oir dh’òl iad den charraig spioradail sin a lean iad: agus b’i a’ charraig sin Crìosd):
Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd-teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad-thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir. Oir gach neach a tha a’ gnàthachadh bainne, tha e neo-theòma air facal na fìreantachd: oir is naoidhean e.
Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.
O àithne a bhilean cha deachaidh mi air m’ais; nas mò na mo dhlighe bìdh mheas mi briathran a bheòil.
Air an là dheireannach, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e am ionnsaigh-sa, agus òladh e. An tì a chreideas annamsa, mar a tha an sgriobtar ag ràdh, sruthaidh as a bhroinn aibhnichean de uisge beò.
Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh, Macantas, stuaim: an aghaidh an samhail sin chan eil lagh.
Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd-teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad-thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir. Oir gach neach a tha a’ gnàthachadh bainne, tha e neo-theòma air facal na fìreantachd: oir is naoidhean e. Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.
Uime sin mar a ghabh sibh dur n‑ionnsaigh an Tighearna Iosa Crìosd, gluaisibh ann: Air dhuibh a bhith air ur freumhachadh agus air ur togail suas annsan, agus air ur daingneachadh anns a’ chreideamh, a rèir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann le breith-buidheachais.
Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh’ung thu le ola mo cheann; tha mo chupan a’ cur thairis.
Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan.
Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thug e do na deisciobail e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa.
Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta. Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile: Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna; A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh: A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd. Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn oirbh: beannaichibh, agus na mallaichibh. Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh. Bithibh a dh’aon rùn da chèile. Na biodh ur cion air nithean àrda, ach cuiribh sibh fhèin ann an co‑inbhe riùsan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin. Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine. Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine. A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh. Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
Ach a’ labhairt na fìrinn ann an gràdh, gum fàs sinn suas anns na h‑uile nithean thuigesan, as e an ceann, eadhon Crìosd:
Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd;
Oir gach uile nì a ghinear o Dhia, bheir e buaidh air an t‑saoghal: agus is i seo a’ bhuaidh a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, eadhon ar creideamh-ne.
A shàsaicheas do bheul le nithean matha, air chor is gun ath-nuadhaichear d’òige, mar òige na h‑iolaire.
A mhic, dom fhacail thoir aire; rim bhriathran aom do chluas: Na imicheadh iad od shùilean: glèidh iad ann am meadhon do chridhe. Oir is beatha iad dhaibhsan a gheibh iad, agus ìocshlaint dam feòil uile.
Bheir fiadh-bheathach na machrach glòir dhomh; na dràgonan agus na cailleachan-oidhche; a chionn gun tug mi uisgeachan anns an fhàsach, aibhnichean anns an dìthreabh, a‑chum deoch a thabhairt dom shluagh, dom mhuinntir thaghte.
Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd: A‑chum gum bi òglach Dhè coileanta, làn-deas a‑chum gach uile dheagh obrach.
Na meallar sibh; cha dèanar fanaid air Dia: oir ge bè nì a shìol-chuireas duine, an nì ceudna buainidh e.
Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh.
Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Gun deònaicheadh e dhuibh a rèir saoibhreas a ghlòire, a bhith air ur neartachadh gu treun, tre a Spiorad-san anns an duine an leth a‑staigh;
Ach leasaichidh mo Dhia-sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd.
Agus, a bhràithrean, chan fhaodainn-sa labhairt ribhse mar ri daoine spioradail, ach mar ri daoine feòlmhor, amhail ri naoidheanan ann an Crìosd. A rèir gràs Dhè a thugadh dhòmhsa mar fhear-togail aitreibh glic, leag mi am bunait, agus tha neach eile a’ togail air, ach thugadh gach neach an aire cionnas a thogas e air. Oir bunait eile chan urrainn duine sam bith a leagadh, ach am bunait a leagadh cheana, eadhon Iosa Crìosd. A‑nis ma thogas neach air a’ bhunait seo, òr, airgead, clachan luachmhor, fiodh, feur, connlach; Nìthear obair gach aon duine follaiseach: oir nochdaidh an là i, do bhrìgh gum foillsichear i le teine; agus dearbhaidh an teine obair gach aoin, ciod as gnè dhi. Ma dh’fhanas obair neach sam bith a thog e air, gheibh e duais. Ma loisgear obair neach sam bith, fuilingidh e call: ach saorar e fhèin; gidheadh mar tre theine. Nach eil fhios agaibh gur sibh teampall Dhè, agus gu bheil Spiorad Dhè na chòmhnaidh annaibh? Ma thruailleas neach air bith teampall Dhè, sgriosaidh Dia an tì sin: oir tha teampall Dhè naomh, agus is sibhse e. Na mealladh neach air bith e fhèin: ma shaoileas neach air bith nur measg e fhèin a bhith glic anns an t‑saoghal seo, biodh e na amadan, a‑chum gum bi e glic. Oir is amaideachd aig Dia gliocas an t‑saoghail seo: oir tha e sgrìobhte, Glacaidh e na daoine glice nan innleachdan fhèin. Bheathaich mi le bainne sibh, agus chan ann le biadh: oir fhathast cha b’urrainn sibh a ghabhail, agus a‑nis fhèin chan urrainn sibh.
Bha mi òg, agus a‑nis tha mi sean; gidheadh chan fhaca mi am fìrean air a thrèigsinn, agus a shliochd ag iarraidh arain.
Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.
Ach thusa, O òglaich Dhè, teich o na nithean sin: agus lean fìreantachd, diadhachd, creideamh, gràdh, foighidinn, ceannsachd.
Is sibhse solas an t‑saoghail. Chan fhaodar baile a tha air a shuidheachadh air sliabh fhalach.
Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
A‑nis an tì a bheir sìol don fhear-chuir, agus aran a‑chum bìdh, gun tugadh e agus gum meudaicheadh e ur curachd-se, agus gun tugadh e do thoradh ur fìreantachd fàs.)
Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.
Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.
Ach nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e riu, Chan ann aig a’ mhuinntir a tha slàn a tha feum air an lèigh, ach aig a’ mhuinntir a tha easlan.
Agus ghlac e aran, agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp-sa a tha air a thoirt air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.
Rinn agus dhealbh do làmhan mi; thoir tuigse dhomh, a‑chum gum fòghlaim mi d’àitheantan.
Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.
Tha mi ag ràdh mas eadh, Gluaisibh anns an Spiorad, agus cha choilean sibh ana-miann na feòla.
Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.
Treòraich mi ann ad fhìrinn agus teagaisg mi, oir is tusa Dia mo shlàinte, agus ortsa tha mi a’ feitheamh gach là.
Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh-ne.
Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.
Agus ma thiomaicheas d’anam ris an acrach, agus gun sàsaich thu an t‑anam leònte; an sin èiridh do sholas ann an doilleireachd agus bidh do dhorchadas mar mheadhon-là.
Ghlaodh mi lem uile chridhe; èisd rium, a Thighearna; gleidhidh mi do reachdan. Ghlaodh mi riut; saor mi, agus coimheadaidh mi do theisteis.
Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.
Cha leig an Tighearna le anam an ionraic gort fhulang; ach sgaoilidh e maoin nan aingidh.
Agus na tugaibh ur buill nan airm euceirt don pheacadh: ach thugaibh sibh fhèin do Dhia, mar dhream a tha beò o na mairbh, agus ur buill nan airm fìreantachd do Dhia.
Ach buidheachas do Dhia, a tha a’ toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Crìosd.
Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh,
Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:
Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus ghlac e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air amharc dha suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e, agus thug e na buileannan da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.
Ho! gach neach air a bheil tart, thigibh-se a‑chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgead, thigibh, ceannaichibh agus ithibh; seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgead agus gun luach, fìon agus bainne.
Air Dia a‑mhàin tha m’anam a’ feitheamh; uaithesan thig mo shlàinte. Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air. Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd. Mar an ceudna dhutsa, a Thighearna, buinidh tròcair, oir bheir thu luigheachd do dhuine a rèir a obrach. Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear gu mòr mi.
Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad. Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca. Ach taisgibh ionmhasan dhuibh fhèin air nèamh, far nach mill an leòmann no a’ mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich. Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, is ann an sin a bhios ur cridhe mar an ceudna.
Chan eil e an comas dhuibh cupan an Tighearna òl, agus cupan dheamhan. Chan eil e an comas dhuibh co‑roinn a bhith agaibh de bhòrd an Tighearna, agus de bhòrd dheamhan.
Uime sin measaidh mi do reachdan uile a‑thaobh gach nì a bhith ceart; is fuathach leam gach slighe bhreugach.
Agus an sin bheir e air na h‑acraich còmhnaidh a ghabhail, agus deasaichidh iad baile tàimh;
Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.
Bheir e air feur fàs don sprèidh, agus air luibh a‑chum seirbhis an duine, a‑chum aran a thabhairt as an talamh, Agus fìon a nì cridhe an duine subhach, ola a nì a ghnùis dealrach, agus aran a neartaicheas cridhe an duine.
Oir tha gach nì a chruthaich Dia math, agus chan ion nì sam bith a dhiùltadh, a ghabhar le breith-buidheachais: Oir tha e air a naomhachadh le facal Dhè agus le ùrnaigh.
Agus stiùraidh an Tighearna thu an còmhnaidh, agus sàsaichidh e d’anam ri àm tarta, agus ungaidh e do chnàmhan; agus bidh tu mar lios air a dheagh uisgeachadh, agus mar thobar fìor-uisge, air nach tig fàiling uisge.
Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.
Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus moladh gach nì a tha an taobh a‑staigh dhìom a ainm naomh-san. A rèir ar peacaidhean cha do rinn e oirnn, agus a rèir ar n‑euceartan cha tug e luigheachd dhuinn. Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e. Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais. Mar a ghabhas athair truas da chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan don eagal e; Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn. An duine, mar fheur tha a làithean; mar bhlàth na machrach, mar sin fàsaidh e fo bhlàth; Oir gabhaidh a’ ghaoth thairis, agus cha bhi e ann, agus chan aithnich a ionad fhèin e nas mò. Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne, Dhaibhsan a chumas a choicheangal, agus a chuimhnicheas a àitheantan a‑chum an dèanamh. Shocraich an Tighearna a rìgh-chathair anns na nèamhan, agus tha a rìoghachd a’ riaghladh os cionn nan uile. Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus na dìochuimhnich a thìodhlacan uile. Beannaichibh an Tighearna, sibhse a ainglean, treun ann an neart, a’ dèanamh a iarrtais, ag èisdeachd ri fuaim a fhacail. Beannaichibh an Tighearna, a shlòigh uile, sibhse a luchd-frithealaidh a tha a’ dèanamh a thoile. Beannaichibh an Tighearna, a obraichean uile, anns gach àite de a thighearnas; beannaich an Tighearna, O m’anam! Is e a mhaitheas dhut do pheacaidhean gu lèir, a shlànaicheas d’easlaintean uile; A shaoras do bheatha o sgrios, a chrùnas thu le coibhneas gràidh agus le caomh-thròcairean; A shàsaicheas do bheul le nithean matha, air chor is gun ath-nuadhaichear d’òige, mar òige na h‑iolaire.
Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh:
Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr-thoradh uaithe; oir as m’eugmhais-sa chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh.
A mhic, ma ghabhas tu mo bhriathran-sa, agus ma dh’fhalaicheas tu m’àitheantan maille riut; Nuair a thèid gliocas a‑steach ann ad chridhe, agus a bhios eòlas taitneach dod anam, Nì ciall do dhìon, coimheadaidh tuigse thu: Gud shaoradh o shlighe an droch dhuine; on duine a labhras nithean fiara; A dh’fhàgas ceuman an ionracais, a dh’imeachd ann an slighean an dorchadais; Leis an aoibhinn an t‑olc a dhèanamh, agus a tha a’ gabhail tlachd ann an aingealtachd nan aingidh. Aig a bheil an slighean cam, agus iad a’ claonadh nan ceuman: A‑chum do shaoradh on mhnaoi choimhich, on bhanachoigrich a nì miodal le a briathran; A thrèigeas oide-ionnsachaidh a h‑òige, agus a dhìochuimhnicheas coicheangal a Dè: Oir tha a taigh a’ claonadh a‑chum bàis, agus a ceuman a‑chum nam marbh. Cha till duine sam bith a thèid da h‑ionnsaigh, agus a‑rìs chan fhaigh e slighean na beatha. Air chor is gun aom thu do chluas ri gliocas, gun leag thu do chridhe air tuigse: A‑chum gun imich thu ann an slighe dhaoine matha, agus gun glèidh thu ceuman nam fìrean. Oir gabhaidh na h‑ionracain còmhnaidh anns an tìr, agus fanaidh na daoine foirfe innte. Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn, agus spìonar luchd-easaontais as. Seadh, ri eòlas ma dh’èigheas tu, ri tuigse ma thogas tu suas do ghuth; Ma dh’iarras tu i mar airgead, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar airson ionmhasan falaichte; An sin tuigidh tu eagal an Tighearna, agus gheibh thu eòlas Dhè:
Nas mò rin iarraidh tha iad na an t‑òr, seadh, na mòran den òr fhìorghlan; agus nas mìlse na a’ mhil, seadh, na a’ mhil a shileas as na cìrean-meala.
Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?
Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia gach uair a chuimhnicheas mi oirbh, Air dhuibh an còmhrag ceudna a bhith agaibh a chunnaic sibh annamsa, agus a tha sibh a‑nis a’ cluinntinn a bhith annam. A‑ghnàth ann am uile ùrnaighean air ur son-se uile, le gàirdeachas a’ dèanamh guidhe, Airson ur co‑roinn den t‑soisgeul, on chiad là gus a‑nis:
Ach tha mi ag ràdh ribh nach òl mi à seo suas de thoradh seo na fìonain, gus an là sin anns an òl mi e nuadh maille ribh ann an rìoghachd m’Athar.
Thigibh a‑steach na gheatachan le buidheachas, na chùirtean le moladh; thugaibh buidheachas dha, beannaichibh a ainm;
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
A mhic, na dìochuimhnich mo lagh; ach gleidheadh do chridhe m’àitheantan: Agus lìonar do shaibhlean le pailteas, agus le fìon nuadh ruithidh d’fhìon-amair thairis. Air cronachadh an Tighearna, a mhic, na dèan-sa tàir, agus na sgìthich de a smachdachadh. Oir esan as toigh leis an Tighearna smachdaichidh e, mar a smachdaicheas athair am mac anns a bheil a thlachd. Is sona an duine a dh’amaiseas air gliocas, agus am fear a gheibh tuigse: Oir is fheàrr a ceannachd na ceannachd airgid, agus a buannachd na an t‑òr. Is luachmhoire i na na seudan, agus chan eil gach nì as urrainn thu a mhiannachadh rin coimeas rithe. Tha saoghal fada na làimh dheis; na làimh chlì saoibhreas agus urram. Is slighean subhachais a slighean, agus is sìth a ceuman uile. Is craobh beatha i dhaibhsan a nì greim oirre, agus is sona iadsan a ghleidheas i. Le gliocas shuidhich an Tighearna an talamh; le tuigse shònraich e na nèamhan. Oir làithean buan, agus saoghal fada, agus sìth bheir iad dhut.
Ach is beannaichte ur sùilean-se, oir tha iad a’ faicinn; agus ur cluasan, oir tha iad a’ cluinntinn.
A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.
Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.
Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth-leanaibh ris an nì a tha math.
Ach iadsan a thèid a thaobh dan slighean claona, iomainidh an Tighearna a‑mach le luchd-dèanamh an uilc. Sìth gu robh air Israel!
Oir an tì a chuireas da fheòil, buainidh e on fheòil truaillidheachd; ach an tì a chuireas don Spiorad, buainidh e on Spiorad a’ bheatha shuthainn.
Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich.
An sin gairmidh tu, agus freagraidh an Tighearna; glaodhaidh tu, agus their e, Tha mise an seo. Ma chuireas tu air falbh as do mheadhon a’ chuing, tomhadh a’ mheòir, agus labhairt toibheim;
Ach nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas dhiubh, airson gu robh iad air fannachadh, agus air an sgapadh o chèile, mar chaoraich aig nach eil buachaille.
Is gràsmhor an Tighearna, agus cothromach; agus is tròcaireach ar Dia-ne. Gleidhidh an Tighearna na daoine aon-fhillte; dh’ìslicheadh mi, agus theasairg e mi.
Ach is cumhang an doras, agus is aimhleathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum na beatha, agus is tearc iad a tha ag amas oirre.
Is e mo thlachd do thoil a dhèanamh, a Dhè; seadh, tha do lagh an taobh a‑staigh dem chridhe.
Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:
Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.
Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth. Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi. Aisigidh e m’anam; treòraichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgàth a ainme fhèin.
Oir cha nàir leamsa soisgeul Chrìosd: oir is e cumhachd Dhè e a‑chum slàinte do gach neach a chreideas, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach.
Seadh, labhair iad an aghaidh Dhè; thubhairt iad, An urrainn Dia bòrd a dheasachadh anns an fhàsach?
Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh.
Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):
Is beannaichte an duine sin aig a bheil a neart annadsa, agus iadsan aig a bheil do shlighean nan cridhe. A’ dol tro ghleann Baca, nì iad sin tobar ann; lìonaidh mar an ceudna an t‑uisge na linneachan.
Lùb mo ghlùin gud theisteis, agus chan ann gu sannt. Tionndaidh mo shùilean o amharc air dìomhanas; ann ad shlighean beòthaich mi.
An sin ghairm Iosa a dheisciobail da ionnsaigh, agus thubhairt e, Tha mi a’ gabhail truais den t‑sluagh, oir dh’fhan iad maille rium a‑nis rè trì làithean, agus chan eil nì air bith aca ra ithe: agus cha chuir mi uam nan trasg iad, air eagal gum fannaich iad air an t‑slighe.
O gum moladh daoine Dia airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! Oir shàsaich e an t‑anam cìocrach, agus lìon e an t‑anam acrach le math.
Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan-san shlànaicheadh sinne.
Molaidh mi thu, a Thighearna mo Dhia, lem uile chridhe, agus bheir mi glòir dod ainm gu bràth;
A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich:
Tha thusa ad ionad-falaich dhomh; o theinn gleidhidh tu mi; le òrain shaorsa cuartaichidh tu mi. Selah.
Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu. Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear-cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.
Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin.
Is fiosrach Dia air làithean nan daoine ionraic, agus bidh an oighreachd gu sìorraidh. Cha chuirear gu nàire iad ann an àm an uilc, agus ann an làithean na gorta sàsaichear iad.
Ach tha mi ag ràdh ribh gun toir daoine cunntas ann an là a’ bhreitheanais airson gach facail dhìomhain a labhras iad. Oir led fhacail saorar thu, agus led fhacail dìtear thu.
Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.