Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


143 Rainn Bhìobaill airson Sìth san Dachaigh

143 Rainn Bhìobaill airson Sìth san Dachaigh


Eòin 14:27

Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:7

Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 29:11

Bheir an Tighearna a neart da shluagh; beannaichidh an Tighearna a shluagh le sìth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 3:15

Agus biodh sìth Dhè a’ riaghladh nur cridhe, a‑chum a bheil sibh mar an ceudna air ur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:13

A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 26:3

Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 4:8

Ann an sìth araon laighidh mi, agus caidlidh mi; oir is tusa a‑mhàin, a Thighearna, a bheir orm còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:165

Is mòr sìth na muinntir a tha a’ toirt gràidh dod lagh, agus chan èirich adhbhar tuislidh dhaibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:9

Is beannaichte luchd-dèanamh na sìthe: oir goirear clann Dhè dhiubh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 17:1

Is fheàrr greim tioram, agus suaimhneas leis, na taigh làn de ìobairtean maille ri aimhreit.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:11

Ach mealaidh daoine macanta an talamh, agus gabhaidh iad tlachd ann am meud na sìth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 32:17

Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 85:8

Cluinnidh mi ciod a their Dia an Tighearna, oir labhraidh e sìth ra shluagh agus ra naoimh; ach na tilleadh iad a‑chum amaideachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Tesalònianaich 3:16

A‑nis gun tugadh Tighearna na sìthe e fhèin sìth dhuibhse a‑ghnàth air gach aon chor. Gu robh an Tighearna maille ribh uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 12:14

Leanaibh sìth maille ris na h‑uile dhaoine, agus naomhachd, nì as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:14

Seachainn an t‑olc, agus dèan am math; iarr sìochaint, agus lean i.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:14

Oir is esan ar sìth-ne, a rinn aon dhinn araon, agus a bhris sìos balla meadhonach an eadar-dhealachaidh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 46:1-3

Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan. Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh. Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah. Air an adhbhar sin cha bhi eagal oirnn, ged ghluaisear an talamh, agus ged atharraichear na beanntan gu meadhon na fairge. Ged bheuc na h‑uisgeachan, agus ged chuirear thar a chèile iad; ged chriothnaich na beanntan le a h‑ataireachd. Selah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 54:10

Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:5-6

Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:114

Is tusa m’ionad-falaich agus mo sgiath; as d’fhacal-sa tha m’earbsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:18

Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 5:22-23

Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh, Macantas, stuaim: an aghaidh an samhail sin chan eil lagh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 30:15

Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:6-7

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 11:28-30

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 26:12

Tha mo chas na seasamh ann an ionad còmhnard; anns na coitheanalan beannaichidh mi an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 127:1

Mura tog an Tighearna an taigh, gu dìomhain saothraichidh a luchd-togail; mura glèidh an Tighearna am baile, gu dìomhain nì am fear-coimhead faire.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 4:3

A’ dèanamh dìchill air aonachd an Spioraid a choimhead ann an ceangal na sìthe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 1:20

Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn-cheusaidh-san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 3:11

Seachnadh e olc, agus dèanadh e math; iarradh e sìth, agus leanadh e i.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:78

Biodh nàire air luchd an àrdain, oir gun adhbhar bhuin iad gu fiar rium; ach beachd-smaoinichidh mise air d’àitheantan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 128:1-4

Is beannaichte gach neach air am bi eagal an Tighearna, a ghluaiseas na shlighean. Oir ithidh tu toradh do làmh; sona bidh tu, agus èiridh gu math dhut. Bidh do bhean mar fhìonain tharbhaich làimh ri taobhan do thaighe, do chlann mar chroinn-ola mu thimcheall do bhùird. Feuch, mar seo beannaichear an duine air am bi eagal an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 9:6

Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:6

Oir an inntinn fheòlmhor is bàs i; ach an inntinn spioradail is beatha agus sìth i:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:14

Ann an slighe do theisteis rinn mi gàirdeachas, mar os cionn gach uile shaoibhreis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:18

Chan eil eagal ann an gràdh; ach tilgidh gràdh iomlan an t‑eagal a‑mach; do bhrìgh gu bheil pian anns an eagal; an tì a tha fo eagal, cha do rinneadh coileanta ann an gràdh e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 7:14

Ma dh’irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m’ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 15:17

Is fheàrr tràth de luibhean, far am bi gràdh, na damh biadhte agus fuath leis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:72

Is fheàrr dhòmhsa lagh do bheòil na mìltean de òr agus de airgead.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 31:20

Falaichidh tu iad ann an diamhaireachd do làthaireachd o àilgheas dhaoine; falaichidh tu iad ann am pàillean o strì nan teanga.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 6:33

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 122:6-7

Guidhibh-se airson sìth Ierusaleim; soirbhichidh iadsan leis an ionmhainn thu. Sìth gu robh an taobh a‑staigh ded bhallachan, suaimhneas ad lùchairtean!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 43:2

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:14-15

Seachainn an t‑olc, agus dèan am math; iarr sìochaint, agus lean i. Tha sùilean an Tighearna air na fìreanan, agus a chluas rin glaodh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 147:14

Nì e sìth ad chrìochan; sàsaichidh e thu le smior a’ chruithneachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:1

Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 3:16

Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 12:2

Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:37

Thoir fa‑near an duine foirfe, agus amhairc air an duine ionraic, oir is i sìth as crìoch don duine sin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 14:19

Uime sin leanamaid na nithean a bhios a‑chum sìthe agus na nithean a bhios a‑chum togail suas a chèile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 73:26

Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 6:15

Agus ullachadh soisgeul na sìthe mar bhrògan agaibh air ur casan,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 30:5

Oir chan eil ach tiota na fheirg; tha beatha na dheagh-ghean; rè oidhche mairidh bròn, ach air madainn thig gàirdeachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 12:20

Is cealg a bhios ann an cridhe luchd-deilbh an uilc; ach do chomhairlich na sìthe bidh gàirdeachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:18

Tha an Tighearna ceart na uile shlighean, agus naomh na uile ghnìomharan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 100:4-5

Thigibh a‑steach na gheatachan le buidheachas, na chùirtean le moladh; thugaibh buidheachas dha, beannaichibh a ainm; Oir tha an Tighearna math; mairidh a thròcair gu bràth, agus a fhìrinn o linn gu linn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 65:4

Is beannaichte esan a thaghas tusa, agus a bheir thu am fagas dhut; gheibh e còmhnaidh ad chùirtean; sàsaichear sinn le maitheas do thaighe, do theampaill naoimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:1

Thugaibh comhfhurtachd, thugaibh comhfhurtachd dom shluagh-sa, deir ur Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 131:2

Gu deimhinn shocraich agus chiùinich mi m’anam, mar leanabh a chuireadh o chìch a mhàthar; mar leanabh a chuireadh on chìch tha m’anam-sa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Tesalònianaich 5:13

Agus meas mòr a bhith agaibh dhiubh ann an gràdh airson an obrach. Bithibh sìochail nur measg fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 18:6

Am èiginn ghairm mi air an Tighearna, agus rim Dhia ghlaodh mi; chuala e as a theampall mo ghuth, agus thàinig mo ghlaodh na làthair da chluasan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 24:5

Gheibh esan beannachadh on Tighearna, agus fìreantachd o Dhia a shlàinte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 26:12

A Thighearna, òrdaichidh tu sìth dhuinne; oir eadhon ar n‑uile bheartan cumhachdach dh’obraich thusa annainn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:29-30

Cuiridh e an doineann gu fèith, agus bidh a tonnan nan tàmh. Agus a chruinnich e as na tìrean, on àird an ear agus on àird an iar, on àird a tuath agus on àird a deas. An sin bidh iad ait, a chionn gum bi iad sàmhach; agus bheir e iad don chaladh as miannach leo.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 16:7

Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 5:10

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 138:7

Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 30:18

Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh-ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart-bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris-san.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 31:14-15

Ach dh’earb mise asadsa, a Thighearna; thubhairt mi, Is tusa mo Dhia. Ann ad làimh-sa tha m’aimsirean: saor mi à làimh mo naimhdean, agus uapasan a tha an tòir orm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 9:9

Agus bidh an Tighearna na dhaingneach don tì a shàraichear, na dhaingneach ann an aimsirean teanntachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 12:6-7

Is briathran fìorghlan briathran an Tighearna; mar airgead air a dhearbhadh ann an àmhainn chreadha, air a ghlanadh seachd uairean. Gleidhidh tusa sinn, a Thighearna; dìonaidh tu sinn on ghinealach seo gu bràth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 126:5-6

Iadsan a chuireas sìol le deòir, buainidh iad le gàirdeachas. Esan a thèid a‑mach agus a ghuileas, ag iomchar rogha sìl, gu cinnteach thig e a‑rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 6:9

Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:112

Dh’aom mi mo chridhe a‑chum do reachdan a chur an gnìomh a‑ghnàth, gu ruig a’ chrìoch.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 11:6-9

An sin gabhaidh am madadh-allaidh còmhnaidh maille ris an uan, agus laighidh an liopard sìos maille ris a’ mheann; agus an laogh, agus an leòmhann òg, agus an sprèidh reamhar le chèile; agus nì leanabh beag an stiùradh. Agus ionaltraidh a’ bhò agus am math-ghamhainn le chèile; laighidh an àlach sìos cuideachd; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh. Agus cluichidh an leanabh cìche air toll na nathrach nimhe; agus air nead na rìgh-nathrach cuiridh an leanabh a thàinig on chìch a làmh. Cha dochainn agus cha sgrios iad, air feadh mo shlèibh naoimh-sa gu h‑iomlan; oir lìonar an talamh le eòlas an Tighearna, mar a chòmhdaicheas na h‑uisgeachan aigeann na fairge.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 62:1-2

Air Dia a‑mhàin tha m’anam a’ feitheamh; uaithesan thig mo shlàinte. Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air. Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd. Mar an ceudna dhutsa, a Thighearna, buinidh tròcair, oir bheir thu luigheachd do dhuine a rèir a obrach. Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear gu mòr mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 7:7-8

Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh: Oir gach uile neach a dh’iarras, glacaidh e: agus ge bè a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas an doras, fosglar.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:21

Na toirear buaidh ort leis an olc, ach thoir-sa buaidh air an olc leis a’ mhath.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 127:3-5

Feuch, is iad clann oighreachd an Tighearna, toradh na bronn a dhuais. Mar shaighdean ann an làimh gaisgich, mar sin tha mic na h‑òige. Is sona am fear aig a bheil a bhalg-saighead làn dhiubh; cha bhi nàire orra nuair a labhras iad rin naimhdean anns a’ gheata.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 5:18

Agus na bithibh air mhisg le fìon, anns a bheil anabarr; ach bithibh air ur lìonadh den Spiorad:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 56:3-4

Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa. Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:36-37

Lùb mo ghlùin gud theisteis, agus chan ann gu sannt. Tionndaidh mo shùilean o amharc air dìomhanas; ann ad shlighean beòthaich mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:24

Is e seo an là a rinn an Tighearna; dèanamaid gàirdeachas, agus bitheamaid ait air.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:19

Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 14:30

Is e beatha na feòla cridhe fallain; ach is e lobhadh nan cnàmh am farmad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 20:7

Gluaisidh am fìrean na ionracas: sona bidh a mhic na dhèidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 147:3

Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leòntan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 26:9

Lem anam mhiannaich mi thu anns an oidhche; seadh, lem spiorad an taobh a‑staigh dh’iarr mi thu anns a’ mhadainn; oir nuair a bhios do bhreitheanais air an talamh, fòghlamaidh luchd-àiteachaidh an t‑saoghail fìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:8

Is beannaichte na daoine a tha glan nan cridhe: oir chì iad Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 73:28

Ach is math dhòmhsa teachd dlùth do Dhia. Anns an Tighearna chuir mi mo dhòigh, a‑chum gum foillsichinn d’obraichean uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 128:6

Seadh, chì thu clann do chloinne, agus sìth air Israel.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 15:30

Nì solas nan sùl an cridhe aoibhneach; agus bheir deagh chliù smior do na cnàmhan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 5:14

Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:33

A‑nis gu robh Dia na sìthe maille ribh uile. Amen.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 30:12

A‑chum gun seinneadh mo ghlòir cliù dhut, agus nach biodh i na tosd. A Thighearna mo Dhia, gu bràth molaidh mise thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 20:9

Ma thig olc air bith oirnn, claidheamh, breitheanas, no plàigh, no gorta, seasaidh sinn fa chomhair an taighe seo, agus ann ad fhianais-sa (oir tha d’ainm anns an taigh seo), agus glaodhaidh sinn riut nar teinn, agus èisdidh tusa, agus saoraidh tu sinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 18:1-3

Gràdhaichidh mi thu, a Thighearna mo neart. Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig, agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe. Chuir e dorchadas mar ionad diamhair mun cuairt air; bu phàillean dha duibhre uisgeachan, neòil nan speur. On dealradh a bha fa chomhair chaidh a neòil thairis, clachan-meallain agus èibhlean teine. Agus rinn an Tighearna tàirneanaich anns na speuran, agus chuir an Tì as àirde a‑mach a ghuth. Agus chuir e a‑mach a shaighdean, agus sgap e iad, agus thilg e mòran tein-adhair, agus chlaoidh e iad. Agus chunnacas aigean nan uisgeachan, agus nochdadh bunaitean an domhain led achmhasan, a Thighearna, le sèideadh anail d’fheirge. Chuir e a‑nuas on àirde, ghlac e mi, tharraing e mi à uisgeachan lìonmhor. Shaor e mi om nàmhaid làidir, agus uapasan a dh’fhuathaich mi, oir bu treasa iad na mise. Ghabh iad romham ann an là m’àmhghair, ach bha an Tighearna na chùl-taice dhomh. Agus thug e a‑mach mi gu ionad farsaing; shaor e mi, a chionn gun do ghabh e tlachd annam. Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear-saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd. Thug an Tighearna luigheachd dhomh a rèir m’ionracais; a rèir glaine mo làmh dhìol e dhomh. Oir ghlèidh mi slighean an Tighearna, agus cha do chlaon mi gu h‑aingidh om Dhia. Oir bha a bhreitheanais uile am fhianais, agus a reachdan cha do chuir mi uam. Agus bha mi ionraic na fhianais, agus ghlèidh mi mi fhèin om aingidheachd. Uime sin dhìol an Tighearna dhomh a rèir m’ionracais, a rèir glaine mo làmh ann an sealladh a shùl. Don duine thròcaireach nochdaidh tu thu fhèin tròcaireach; don duine ionraic nochdaidh tu thu fhèin ionraic. Don duine ghlan nochdaidh tu thu fhèin glan; agus don duine reasgach nochdaidh tu thu fhèin reasgach. Oir saoraidh tu an sluagh a tha fo àmhghar; ach na sùilean àrda bheir thu a‑nuas. Oir lasaidh tusa mo lòchran, a Thighearna; soillsichidh mo Dhia mo dhorchadas. Oir leatsa ruith mi tro bhuidhinn, agus lem Dhia leum mi thar balla. Gairmidh mi air an Tighearna as airidh air cliù, agus om naimhdean saorar mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 29:17

Cronaich do mhac, agus bheir e suaimhneas dhut: seadh, bheir e sòlas dod anam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:50

Is e seo mo chomhfhurtachd ann am àmhghar, oir bheòthaich d’fhacal mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 3:2

Suidhichibh ur n‑aigne air na nithean a tha shuas, agus chan ann air na nithean a tha air an talamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 16:11

Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha; tha lànachd aoibhneis ad làthair-sa; tha mòr-shubhachas aig do dheaslàimh gu sìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:63

Is fear-comainn mi dhaibhsan uile air am bi d’eagal, agus dhaibhsan a ghleidheas do reachdan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:24

Nuair a laigheas tu sìos, cha bhi eagal ort: seadh, laighidh tu sìos, agus bidh do chadal milis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:31

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:147-148

Thàinig mi ron sgarthanaich, agus dh’èigh mi; as d’fhacal dh’earb mi. Ghabh mo shùilean ro fhairean na h‑oidhche, a‑chum gum beachd-smaoinichinn air d’fhacal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 17:22

Nì cridhe subhach math mar leigheas; ach tiormaichidh spiorad briste na cnàmhan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 1:3

Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 48:18

O gun tugadh tu fa‑near m’àitheantan-sa! An sin bhiodh do shìth mar abhainn, agus d’fhìreantachd mar thonnan na fairge:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 16:5-6

Is e an Tighearna cuibhreann m’oighreachd agus mo chupain; is tusa a chumas suas mo chrannchur. Thuit mo roinn dhòmhsa ann an ionadan aoibhneach; seadh, tha oighreachd thaitneach agam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 46:5

Tha Dia na meadhon; cha ghluaisear i; cuidichidh Dia leatha gu moch air mhadainn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 3:1

Feuchaibh, ciod a’ ghnè ghràidh a thug an t‑Athair dhuinne, gun goirte clann Dhè dhinn! Uime sin chan aithne don t‑saoghal sinn, do bhrìgh nach b’aithne dha esan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 100:1-3

Togaibh iolach ait don Tighearna, a thìrean uile. Dèanaibh seirbhis don Tighearna le aoibhneas, thigibh na fhianais le luathghaire. Biodh fhios agaibh gur e an Tighearna as Dia ann; is e a rinn sinn, agus cha sinn fhèin; is sinn a shluagh, agus caoraich a ionaltraidh-san.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 18:30

A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:19

Ach leasaichidh mo Dhia-sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:52

Chuimhnich mi do bhreitheanais o chian, a Thighearna, agus fhuair mi comhfhurtachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 32:17-18

Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh. Agus gabhaidh mo shluagh còmhnaidh ann am fàrdaich fhoisdinnich, agus ann an ionadan-còmhnaidh tèarainte, agus ann an àiteachan-tàimh suaimhneach,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:28

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:147

Thàinig mi ron sgarthanaich, agus dh’èigh mi; as d’fhacal dh’earb mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 63:1-3

A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge; Tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh; mar chuibhreann do na sionnaich bidh iad. Ach bidh an rìgh aoibhneach ann an Dia; nì gach neach a mhionnaicheas airsan uaill, nuair a dhruidear beul na dream a labhras breug. A‑chum, mar a chunnaic mi thu ann ad ionad naomh, gum faicinn do chumhachd agus do ghlòir. A chionn gur fheàrr do choibhneas gràidh na beatha, bheir mo bhilean cliù dhut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 126:1-3

Nuair a thug an Tighearna air ais braighdeanas Shioin, bha sinn mar dhaoine a chunnaic aisling. An sin lìonadh ar beul le gàire agus ar teanga le luathghaire; an sin thubhairt iad am measg nan cinneach, Rinn an Tighearna nithean mòra air an son. Rinn an Tighearna nithean mòra air ar son-ne; bha sinn aoibhneach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 23:6

Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh an Tighearna fad mo làithean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 21:21

An tì a leanas fìreantachd agus tròcair, gheibh e beatha, fìreantachd, agus urram.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:35

Thoir orm triall ann an ceum d’àitheantan, oir annsan tha mo thlachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:10

Bidh easbhaidh air na leòmhainn òga, agus bidh acras orra, ach orrasan a dh’iarras an Tighearna cha bhi math air bith a dhìth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 32:18

Agus gabhaidh mo shluagh còmhnaidh ann am fàrdaich fhoisdinnich, agus ann an ionadan-còmhnaidh tèarainte, agus ann an àiteachan-tàimh suaimhneach,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 9:10

Agus cuiridh iadsan don aithne d’ainm an dòigh annad, oir cha trèig thusa, a Thighearna, iadsan a dh’iarras thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 1:2

Gràs dhuibh agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:3

Earb thusa as an Tighearna, agus dèan math; mar sin gabhaidh tu còmhnaidh anns an tìr, agus beathaichear thu gu cinnteach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 115:15-16

Is beannaichte sibhse on Tighearna, a rinn na nèamhan agus an talamh. Is leis an Tighearna na nèamhan, eadhon na nèamhan; ach an talamh thug e do chloinn nan daoine.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:10

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 2:1-5

A mhic, ma ghabhas tu mo bhriathran-sa, agus ma dh’fhalaicheas tu m’àitheantan maille riut; Nuair a thèid gliocas a‑steach ann ad chridhe, agus a bhios eòlas taitneach dod anam, Nì ciall do dhìon, coimheadaidh tuigse thu: Gud shaoradh o shlighe an droch dhuine; on duine a labhras nithean fiara; A dh’fhàgas ceuman an ionracais, a dh’imeachd ann an slighean an dorchadais; Leis an aoibhinn an t‑olc a dhèanamh, agus a tha a’ gabhail tlachd ann an aingealtachd nan aingidh. Aig a bheil an slighean cam, agus iad a’ claonadh nan ceuman: A‑chum do shaoradh on mhnaoi choimhich, on bhanachoigrich a nì miodal le a briathran; A thrèigeas oide-ionnsachaidh a h‑òige, agus a dhìochuimhnicheas coicheangal a Dè: Oir tha a taigh a’ claonadh a‑chum bàis, agus a ceuman a‑chum nam marbh. Cha till duine sam bith a thèid da h‑ionnsaigh, agus a‑rìs chan fhaigh e slighean na beatha. Air chor is gun aom thu do chluas ri gliocas, gun leag thu do chridhe air tuigse: A‑chum gun imich thu ann an slighe dhaoine matha, agus gun glèidh thu ceuman nam fìrean. Oir gabhaidh na h‑ionracain còmhnaidh anns an tìr, agus fanaidh na daoine foirfe innte. Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn, agus spìonar luchd-easaontais as. Seadh, ri eòlas ma dh’èigheas tu, ri tuigse ma thogas tu suas do ghuth; Ma dh’iarras tu i mar airgead, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar airson ionmhasan falaichte; An sin tuigidh tu eagal an Tighearna, agus gheibh thu eòlas Dhè:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:7

Campaichidh aingeal an Tighearna man timcheall-san don eagal e, agus teasairgidh e iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:6-7

Tha an Tighearna leam, chan eagal leam ciod a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm. Tha an Tighearna am measg mo luchd-cuideachaidh, agus chì mi crìoch mo luchd-fuatha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:20-21

A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe, a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Iosa, àrd-bhuachaille nan caorach, tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh, Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile-san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair-san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:13

Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 16:1

Tha deasachadh cridhe duine agus freagradh na teangaidh on Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 78:72

Agus bheathaich e iad a rèir ionracas a chridhe, agus le seòltachd a làmh stiùir e iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:20

Chuir e a fhacal uaithe, agus shlànaich e iad; agus shaor e iad o sgrios.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 73:24

Led chomhairle stiùraidh tu mi, agus fa dheòidh gabhaidh tu mi a‑chum glòire.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan