Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


67 Rannan à Bìoball mu Shìth Dhè

67 Rannan à Bìoball mu Shìth Dhè

Tha e sgrìobhte ann am Facal Dhè: "Nì an Tighearna cogadh air ur son-se, agus bithidh sibhse sàmhach." (Ecsodus 14:14). Nuair a smaoinicheas mi air a’ bhèrs seo, tha mi a’ tuigsinn nuair a tha mi ann am meadhan cruadal, chan eil agam ach feitheamh air Dia. Tro earbsa ann, lìonaidh E mi le sìth.

Is e Dia mo dhìonadair rè àmhghar, deuchainn no buaireadh; ’s e esan a tha comasach air an ciùineas. Nuair a chuireas mi mo dhòchas ann, falbhaidh an t-eagal agus thig mi slàn às an t-suidheachadh.

Chan eil agad ach do dhòchas àrdachadh anns an Tighearna gus a chreidsinn os cionn a h-uile càil, a’ fuireach gu tur sàbhailte na fhìrinn mhòir. Gabh fois ann an Dia, a’ beathachadh le a fhacal, agus cha bhi stoirm sam bith comasach air riaghladh thairis air do fhaireachdainnean, oir is e Iosa do Phrionnsa na Sìthe.




Eòin 16:33

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 14:27

Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 26:3

Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iùdas 1:2

Gu robh tròcair, agus sìth, agus gràdh, air am meudachadh dhuibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 3:11

Seachnadh e olc, agus dèanadh e math; iarradh e sìth, agus leanadh e i.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 1:3

Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus o ar Tighearna Iosa Crìosd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Tesalònianaich 3:16

A‑nis gun tugadh Tighearna na sìthe e fhèin sìth dhuibhse a‑ghnàth air gach aon chor. Gu robh an Tighearna maille ribh uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:7

Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 14:33

Oir chan e Dia ùghdar na mì‑riaghailt, ach na sìthe, mar ann an eaglaisean nan naomh uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:9

Na nithean sin araon a dh’fhòghlaim agus a ghabh sibh, agus a chuala agus a chunnaic sibh annamsa, dèanaibh: agus bidh Dia na sìthe maille ribh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:33

A‑nis gu robh Dia na sìthe maille ribh uile. Amen.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 12:14

Leanaibh sìth maille ris na h‑uile dhaoine, agus naomhachd, nì as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:6-7

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 29:11

Bheir an Tighearna a neart da shluagh; beannaichidh an Tighearna a shluagh le sìth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Peadar 1:2

Gu robh gràs agus sìth air am meudachadh dhuibh, tre eòlas Dhè, agus Iosa ar Tighearna,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 54:10

Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 3:15

Agus biodh sìth Dhè a’ riaghladh nur cridhe, a‑chum a bheil sibh mar an ceudna air ur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 55:12

Oir le aoibhneas thèid sibh a‑mach agus le sìth stiùrar sibh air ur n‑aghaidh: togaidh na slèibhtean agus na cnuic romhaibh àrd iolach, agus uile chraobhan na machrach buailidh am basan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 5:7

A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air-san: oir tha cùram aige dhibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:1

Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:14

Seachainn an t‑olc, agus dèan am math; iarr sìochaint, agus lean i.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 29:11

Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:13

A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:19

Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 4:8

Ann an sìth araon laighidh mi, agus caidlidh mi; oir is tusa a‑mhàin, a Thighearna, a bheir orm còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 85:8

Cluinnidh mi ciod a their Dia an Tighearna, oir labhraidh e sìth ra shluagh agus ra naoimh; ach na tilleadh iad a‑chum amaideachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Tesalònianaich 5:13

Agus meas mòr a bhith agaibh dhiubh ann an gràdh airson an obrach. Bithibh sìochail nur measg fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:18

Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 46:10

Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 1:7

A‑chum nan uile a tha anns an Ròimh, air an gràdhachadh le Dia, air an gairm nan naoimh: Gràs gu robh dhuibhse, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:6

Oir an inntinn fheòlmhor is bàs i; ach an inntinn spioradail is beatha agus sìth i:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 5:22

Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 48:18

O gun tugadh tu fa‑near m’àitheantan-sa! An sin bhiodh do shìth mar abhainn, agus d’fhìreantachd mar thonnan na fairge:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 9:6

Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:37

Thoir fa‑near an duine foirfe, agus amhairc air an duine ionraic, oir is i sìth as crìoch don duine sin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Rìgh 2:33

Tillidh uime sin am fuil-san air ceann Ioaib, agus air ceann a shliochd gu bràth: ach aig Daibhidh, agus aig a shliochd, agus aig a thaigh, agus aig a rìgh-chathair, bidh sìth gu bràth on Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 32:17

Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 34:25

Agus nì mise coicheangal sìthe riu, agus cuiridh mi cosg air na droch bheathaichean anns an fhearann; agus gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte anns an fhàsach agus caidlidh iad anns na coilltean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 16:7

Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 4:3

A’ dèanamh dìchill air aonachd an Spioraid a choimhead ann an ceangal na sìthe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:2

Siùbhlaidh e ann an sìth; gabhaidh esan a tha ag imeachd na ionracas fois na leabaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:165

Is mòr sìth na muinntir a tha a’ toirt gràidh dod lagh, agus chan èirich adhbhar tuislidh dhaibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Tesalònianaich 5:23

Agus gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan; agus gun deònaicheadh Dia gum bi ur n‑uile spiorad, agus anam, agus chorp, air an gleidheadh gu neo-choireach, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:9

Is beannaichte luchd-dèanamh na sìthe: oir goirear clann Dhè dhiubh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 14:19

Uime sin leanamaid na nithean a bhios a‑chum sìthe agus na nithean a bhios a‑chum togail suas a chèile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 20:21

An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Sìth dhuibh: mar a chuir an t‑Athair uaithe mise, mar sin tha mise gur cur-se uam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 13:11

Fa‑dheòidh, a bhràithrean, slàn leibh: bithibh coileanta, bithibh subhach, bithibh a dh’aon inntinn, bithibh sìochail; agus bidh Dia a’ ghràidh agus na sìthe maille ribh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Sechariah 8:19

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Trasg a’ cheathramh mìos, agus trasg a’ chòigeamh, agus trasg an t‑seachdamh, agus trasg an deicheamh, bidh do thaigh Iùdah nan aoibhneas agus nan gàirdeachas, agus nam fèillean subhach; a‑mhàin gràdhaichibh-se fìrinn agus sìochaint.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 52:7

Cia maiseach air na slèibhtean casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe; teachdaire an deagh sgeòil, a tha ag èigheach slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as rìgh ann!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:14

Oir is esan ar sìth-ne, a rinn aon dhinn araon, agus a bhris sìos balla meadhonach an eadar-dhealachaidh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Sephaniah 3:17

Tha an Tighearna Dia ann ad mheadhon cumhachdach; nì e do thèarnadh; nì e gàirdeachas os do chionn le luathghair; gabhaidh e fois na ghràdh; nì e gàirdeachas os do chionn le seinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 12:20

Is cealg a bhios ann an cridhe luchd-deilbh an uilc; ach do chomhairlich na sìthe bidh gàirdeachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:20-21

A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe, a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Iosa, àrd-bhuachaille nan caorach, tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh, Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile-san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair-san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 23:2

Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:50

Is e seo mo chomhfhurtachd ann am àmhghar, oir bheòthaich d’fhacal mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:1

Thugaibh comhfhurtachd, thugaibh comhfhurtachd dom shluagh-sa, deir ur Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:31

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 14:14

Cogaidh an Tighearna air ur son, agus fanaidh sibhse nur tosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 4:3

Oir tha sinne a chreid a’ dol a‑steach do shuaimhneas, amhail a thubhairt e, Mar a thug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas: ged bha na h‑obraichean crìochnaichte o thoiseach an t‑saoghail.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 1:20

Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn-cheusaidh-san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 55:22

Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu; cha leig e am feasd don fhìrean a bhith air a ghluasad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Timòteus 1:7

Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 62:1

Air Dia a‑mhàin tha m’anam a’ feitheamh; uaithesan thig mo shlàinte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 53:5

Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan-san shlànaicheadh sinne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 91:1

Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 1:3

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 56:3

Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac

Urnuigh ri Dia

A Dhè mhaith agus shìorraidh, a Thighearna Àrd, an ainm Ìosa tha mi a' tighinn gad ionnsaigh, 's tu fhèin a-mhàin airidh air gach moladh agus adhradh. Tha mi ag ainmeachadh fuil Chrìosd air mo bheatha agus a-nis tha mi a' cur a-mach às mo chridhe gach buaireadh, mì-riaghailt agus eagal. A Thighearna, tapadh leat nach eil tèarainteachd nas fheàrr na bhith nad làmhan, oir a' coiseachd leatsa thèid mi anns an t-slighe cheart, tapadh leat nach eil thu a' dèanamh do bhriathran falamh agus tha thu air gealltainn mo smuaintean agus mo chridhe a chumail ann an làn shìth. A Thighearna, tapadh leat nach eil tèarainteachd nas fheàrr na bhith nad làmhan, oir a' coiseachd leatsa thèid mi anns an t-slighe cheart, tapadh leat nach eil thu a' dèanamh do bhriathran falamh agus tha thu air gealltainn mo smuaintean agus mo chridhe a chumail ann an làn shìth. Tha do bhriathran ag ràdh: "Cuir an t-olc air chùl, agus dèan am maith; iarr sìth, agus lean i." Tha mi ag iarraidh gum bi làthaireachd agus toradh an Spioraid Naoimh a' riaghladh air mo bheatha agus beatha mo theaghlaich. Tha mi ag ainmeachadh saorsa nam bheatha agus bho seo a-mach tha mi a' diùltadh gach trom-inntinn, bròn, mì-fhoighidinn agus àmhghar. Na leig le cuideam agus strì an t-saoghail seo cron a dhèanamh air mo dhàimh riut fhèin no air na daoine mun cuairt orm, ach an àite sin, dèan mi a bhith ann an sìth le gach neach agus a' cleachdadh naomhachd às aonais nach fhaic duine thu. Ath-nuadhaich do Spiorad annam, slànaich mi bho gach cuimhne agus pian gus am faigh mo smuaintean làn shìth. An ainm Ìosa. Amen.
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan