Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


150 Briathran Dhè airson Guth Dhè a Chluinntinn

150 Briathran Dhè airson Guth Dhè a Chluinntinn


Eòin 10:27

Tha mo chaoraich-sa ag èisdeachd rim ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Rìgh 19:11-12

Agus thubhairt e, Falbh a‑mach, agus seas air an t‑sliabh an làthair an Tighearna. Agus, feuch, ghabh an Tighearna seachad, agus reub gaoth mhòr agus làidir na beanntan, agus bhris i na creagan nam bloighdean ron Tighearna, ach cha robh an Tighearna anns a’ ghaoith; agus an dèidh na gaoithe crith-thalmhainn, ach cha robh an Tighearna anns a’ chrith-thalmhainn; Agus an dèidh na crith-thalmhainn teine, ach cha robh an Tighearna anns an teine; agus an dèidh an teine guth ciùin, caol.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 33:3

Glaodh riumsa, agus freagraidh mi thu, agus feuchaidh mi dhut nithean mòra agus cumhachdach, air nach eil thu eòlach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 46:10

Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:5-6

Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 30:21

Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 8:47

An tì a tha o Dhia, èisdidh e ri briathran Dhè: uime sin chan eil sibhse ag èisdeachd, a chionn nach ann o Dhia a tha sibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 3:20

Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 3:7-8

Uime sin, mar a tha an Spiorad Naomh ag ràdh, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, Na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh, ann an là a’ bhuairidh anns an fhàsach:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 32:8

Fìor-theagaisgidh mi thu, agus nochdaidh mi dhut an t‑slighe air an tigeadh dhut triall; seòlaidh mi dhut lem shùil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 1:5

Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 10:17

Uime sin, is ann o èisdeachd a thig creideamh, agus èisdeachd tre fhacal Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 25:4-5

Nochd dhomh do shlighean, a Thighearna; teagaisg dhomh do cheuman. Treòraich mi ann ad fhìrinn agus teagaisg mi, oir is tusa Dia mo shlàinte, agus ortsa tha mi a’ feitheamh gach là.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 16:13

Ach nuair a thig esan, Spiorad na fìrinn, treòraichidh e sibh a‑chum gach uile fhìrinn: oir cha labhair e uaithe fhèin: ach labhraidh e na h‑uile nithean a chluinneas e: agus foillsichidh e dhuibhse nithean a tha ri teachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 55:3

Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh-sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 7:24

Air an adhbhar sin, gach uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus a nì iad, samhlaichidh mi e ri duine glic, a thog a thaigh air carraig:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:105

Is lòchran d’fhacal dom chois agus solas dom cheum.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 50:4

Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 8:34

Is beannaichte an duine a dh’èisdeas rium, a’ dèanamh faire aig mo gheatachan gach là, a’ feitheamh aig ursainnean mo dhorsan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 11:28

Ach thubhairt esan, Is mò gur beannaichte iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a choimheadas e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:18

Fosgail mo shùilean, a‑chum gum faic mi nithean iongantach od lagh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 11:15

Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 28:1-2

Agus tàrlaidh, ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, a choimhead agus a dhèanamh a àithneantan uile, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun cuir an Tighearna do Dhia suas thu os cionn uile chinnich na talmhainn. Agus chì uile chinnich na talmhainn gun goirear ainm an Tighearna ort, agus bidh eagal orra romhad. Agus nì an Tighearna saoibhir thu ann am maoin, ann an toradh do chuirp, agus ann an toradh do sprèidhe, agus ann an toradh do thalmhainn, anns an talamh a mhionnaich an Tighearna dod athraichean a thabhairt dhut. Fosglaidh an Tighearna dhut a dheagh ionmhas, na nèamhan a thoirt uisge dod fhearann na àm, agus a bheannachadh uile obraichean do làimhe; agus bheir thu an iasad do mhòran chinneach, agus cha ghabh thu an iasad. Agus nì an Tighearna an ceann dhìot, agus chan e an t‑earball; agus bidh tu a‑mhàin an uachdar, agus cha bhi thu an ìochdar; ma dh’èisdeas tu ri àitheantan an Tighearna do Dhia, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun coimhead agus gun dèan thu iad. Agus cha tèid thu a‑thaobh o aon air bith de na briathran a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum na làimhe deise no a‑chum na làimhe clìthe, a dhol an dèidh dhiathan eile a dhèanamh seirbhis dhaibh. Ach tàrlaidh, mura èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt fa‑near gun dèan thu a àitheantan agus a reachdan uile, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, gun tig na mallachdan seo uile ort, agus gum beir iad ort. Mallaichte bidh tu anns a’ bhaile, agus mallaichte bidh tu anns a’ mhachair. Mallaichte bidh do bhasgaid agus do chuibhreann. Mallaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach. Mallaichte bidh tu nuair a thig thu a‑steach, agus mallaichte bidh tu nuair a thèid thu a‑mach. Agus thig na beannachdan seo uile ort, agus beiridh iad ort, ma dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 85:8

Cluinnidh mi ciod a their Dia an Tighearna, oir labhraidh e sìth ra shluagh agus ra naoimh; ach na tilleadh iad a‑chum amaideachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Samuel 3:10

Agus thàinig an Tighearna, agus sheas e, agus ghairm e mar air na h‑uairean eile, A Shamueil, a Shamueil. An sin fhreagair Samuel, Labhair, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 2:1-5

A mhic, ma ghabhas tu mo bhriathran-sa, agus ma dh’fhalaicheas tu m’àitheantan maille riut; Nuair a thèid gliocas a‑steach ann ad chridhe, agus a bhios eòlas taitneach dod anam, Nì ciall do dhìon, coimheadaidh tuigse thu: Gud shaoradh o shlighe an droch dhuine; on duine a labhras nithean fiara; A dh’fhàgas ceuman an ionracais, a dh’imeachd ann an slighean an dorchadais; Leis an aoibhinn an t‑olc a dhèanamh, agus a tha a’ gabhail tlachd ann an aingealtachd nan aingidh. Aig a bheil an slighean cam, agus iad a’ claonadh nan ceuman: A‑chum do shaoradh on mhnaoi choimhich, on bhanachoigrich a nì miodal le a briathran; A thrèigeas oide-ionnsachaidh a h‑òige, agus a dhìochuimhnicheas coicheangal a Dè: Oir tha a taigh a’ claonadh a‑chum bàis, agus a ceuman a‑chum nam marbh. Cha till duine sam bith a thèid da h‑ionnsaigh, agus a‑rìs chan fhaigh e slighean na beatha. Air chor is gun aom thu do chluas ri gliocas, gun leag thu do chridhe air tuigse: A‑chum gun imich thu ann an slighe dhaoine matha, agus gun glèidh thu ceuman nam fìrean. Oir gabhaidh na h‑ionracain còmhnaidh anns an tìr, agus fanaidh na daoine foirfe innte. Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn, agus spìonar luchd-easaontais as. Seadh, ri eòlas ma dh’èigheas tu, ri tuigse ma thogas tu suas do ghuth; Ma dh’iarras tu i mar airgead, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar airson ionmhasan falaichte; An sin tuigidh tu eagal an Tighearna, agus gheibh thu eòlas Dhè:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 14:26

Ach an Comhfhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair uaithe ann am ainm-sa, teagaisgidh esan dhuibh na h‑uile nithean, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh na h‑uile nithean a labhair mise ribh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 1:17-18

Gun tugadh Dia ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair na glòire, spiorad gliocais agus foillseachaidh dhuibh, ann an eòlas airsan; Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 4:12

Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar-sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 2:10-11

Ach dh’fhoillsich Dia dhuinne iad le a Spiorad: oir tha an Spiorad a’ rannsachadh nan uile nithean, eadhon nithean domhain Dhè. Oir cò an duine don aithne nithean duine, ach do spiorad an duine a tha ann? Mar sin chan eil fhios aig neach sam bith air nithean Dhè, ach aig Spiorad Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:31

Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:11

Thigibh, a chlann, agus èisdibh rium; teagaisgidh mi dhuibh eagal an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Timòteus 3:16-17

Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd: A‑chum gum bi òglach Dhè coileanta, làn-deas a‑chum gach uile dheagh obrach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 14:15-17

Mas toigh leibh mise, coimheadaibh m’àitheantan: Agus guidhidh mise an t‑Athair, agus bheir e dhuibh Comhfhurtair eile, a‑chum gum fan e maille ribh gu bràth; Spiorad na fìrinn; neach nach urrainn an saoghal a ghabhail, do bhrìgh nach eil e ga fhaicinn, agus nach aithne dha e: ach is aithne dhuibhse e, oir tha e fantainn maille ribh, agus bidh e annaibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 33:14-15

Oir aon uair labhraidh Dia, agus an dara uair chan amhairc e thairis air. Ann an aisling, ann an sealladh na h‑oidhche, nuair a thuiteas cadal trom air daoine, nuair a bhios iad nan suain air an leabaidh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 29:12-13

An sin gairmidh sibh orm, agus thèid sibh agus nì sibh ùrnaigh rium, agus èisdidh mise ribh. Agus iarraidh sibh mi, agus gheibh sibh mi, nuair a rannsaicheas sibh air mo shon le ur n‑uile chridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 6:6

Ach thusa, nuair a nì thu ùrnaigh, imich a‑steach dod sheòmar, agus air dùnadh do dhorais dhut, dèan ùrnaigh rid Athair a tha ann an uaigneas, agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 8:18

Air an adhbhar sin thugaibh fa‑near cionnas a dh’èisdeas sibh: oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha; agus ge bè neach aig nach eil, bheirear uaithe eadhon an nì sin a shaoilear a bhith aige.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 42:16

Agus stiùraidh mi na doill air slighe nach b’aithne dhaibh; tro cheuman air nach robh iad eòlach treòraichidh mi iad; nì mi an dorchadas na sholas romhpa, agus nì mi slighean fiara dìreach: na nithean seo nì mi air an son, agus cha trèig mi iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 15:26

Agus thubhairt e, Ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, agus ma nì thu an nì sin a tha ceart na shealladh, agus ma bheir thu an aire da àitheantan, agus ma ghleidheas tu a reachdan uile, aon de na h‑eucailean a chuir mi air na h‑Eiphitich cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearna a shlànaicheas thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 143:8

Thoir orm do choibhneas gràidh a chluinntinn anns a’ mhadainn, oir annadsa chuir mi mo dhòigh; thoir orm gun aithnich mi an t‑slighe anns an còir dhomh imeachd, oir riutsa tha mi a’ togail suas m’anama.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 10:39

Agus bha piuthar aice den goirte Muire, a shuidh aig casan Iosa, agus a bha ag èisdeachd a fhacail.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 5:1

Agus ghairm Maois air Israel uile, agus thubhairt e riu, Eisd, O Israeil, ris na reachdan agus na breitheanais a labhras mi nur cluasan air an là‑an‑diugh, a‑chum gum fòghlaim sibh iad, agus gun glèidh agus gun dèan sibh iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 7:14

Ma dh’irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m’ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 19:7-8

Is iomlan lagh an Tighearna, ag iompachadh an anama; tha fianais an Tighearna cinnteach, a’ dèanamh a’ bhaoghalta glic. Tha reachdan an Tighearna ceart, a’ dèanamh a’ chridhe aoibhneach; tha àithne an Tighearna glan, a’ soillseachadh nan sùl.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 1:23

Tillibh rim achmhasan: feuch, dòirtidh mi a‑mach mo spiorad oirbh; nì mi aithnichte mo bhriathran dhuibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 5:24

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 5:6-7

Uime sin irioslaichibh sibh fhèin fo làimh chumhachdaich Dhè, a‑chum is gun àrdaich e sibh ann an àm iomchaidh: A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air-san: oir tha cùram aige dhibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 6:47-48

Gach neach a thig am ionnsaigh-sa, agus a chluinneas mo bhriathran, agus a nì iad, feuchaidh mi dhuibh cò ris as cosmhail e: Is cosmhail e ri duine a thog taigh, agus a chladhaich domhain, agus a chuir a’ bhunait air carraig: agus nuair a thàinig an tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin, agus cha b’urrainn e a charachadh; oir bha e air a shuidheachadh air carraig.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 4:20-21

A mhic, dom fhacail thoir aire; rim bhriathran aom do chluas: Na imicheadh iad od shùilean: glèidh iad ann am meadhon do chridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 6:18

A’ dèanamh ùrnaigh a‑ghnàth leis gach uile ghnè ùrnaigh agus aslachaidh anns an Spiorad, agus a’ dèanamh faire a‑chum an nì seo fhèin maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidhe airson nan naomh uile;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 3:15

Am feadh a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 48:17-18

Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, Tì naomh Israeil; is mise an Tighearna do Dhia, a tha a’ teagasg dhut ciod a thig gud bhuannachd; a tha gad stiùradh anns an t‑slighe air an imich thu. O gun tugadh tu fa‑near m’àitheantan-sa! An sin bhiodh do shìth mar abhainn, agus d’fhìreantachd mar thonnan na fairge:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:14

Oir a mheud is a tha air an treòrachadh le Spiorad Dhè, is iad mic Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 23:3

Aisigidh e m’anam; treòraichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgàth a ainme fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 2:12-13

A‑nis fhuair sinne, chan e spiorad an t‑saoghail, ach an Spiorad a tha o Dhia; a‑chum gum biodh aithne againn air na nithean sin a thugadh dhuinn gu saor le Dia. Nithean mar an ceudna a tha sinn a’ labhairt, chan ann am briathran a theagaisgeas gliocas dhaoine, ach am briathran a theagaisgeas an Spiorad Naomh; a’ coimeas nithean spioradail ri nithean spioradail.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:11-12

Air cronachadh an Tighearna, a mhic, na dèan-sa tàir, agus na sgìthich de a smachdachadh. Oir esan as toigh leis an Tighearna smachdaichidh e, mar a smachdaicheas athair am mac anns a bheil a thlachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 30:15

Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 5:1

Agus thàrladh, nuair a bha am poball a’ dlùth-theannadh air a‑chum facal Dhè èisdeachd, gun do sheas e làimh ri loch Ghenesaret,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 13:23

Ach an tì ud a ghabh sìol ann an deagh fhearann, is e sin an neach a tha a’ cluinntinn an fhacail, agus ga thoirt fa‑near; neach mar an ceudna a tha a’ giùlan toraidh, agus a tha a’ toirt a‑mach cuid a cheud uiread, cuid a thrì-fichead, agus cuid eile a dheich-ar‑fhichead uiread is a chuireadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 63:1

A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:6-7

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 40:1-2

Dh’fheith mi le foighidinn ris an Tighearna, agus chrom e thugam, agus chuala e mo ghlaodh. Cha d’fhalaich mi d’fhìreantachd ann am meadhon mo chridhe; chuir mi an cèill d’fhìrinn agus do shlàinte; cha do cheil mi do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn on choitheanal mhòr. A Thighearna, na cùm-sa do chaomh-thròcairean uam; gleidheadh do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn a‑ghnàth mi. Oir dh’iadh uilc gun àireamh mun cuairt orm; ghlac m’euceartan mi, agus chan eil e an comas dhomh sealltainn suas; nas lìonmhoire tha iad na falt mo chinn, agus thrèig mo chridhe mi. Guma toil leat, a Thighearna, mo theasairginn; greas, a Thighearna, a‑chum mo chuideachaidh. Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile a tha ag iarraidh m’anama ga sgrios; ruaigear air an ais agus nàraichear iadsan a tha a’ guidhe uilc dhomh. Aonaranach gu robh iadsan mar thuarasdal an nàire, a their riumsa, Ahà, ahà! Dèanadh iadsan uile a dh’iarras thusa gàirdeachas agus aoibhneas annad; abradh iadsan an còmhnaidh a ghràdhaicheas do shlàinte, Mòr-mholadh gu robh don Tighearna. Tha mise bochd agus uireasbhaidheach, ach smaoinichidh an Tighearna orm. Is tusa m’fhear-cobhair agus m’fhear-saoraidh; a Dhè, na dèan moille. Agus thug e a‑nìos à sloc uamhainn mi, à clàbar làthaich, agus chuir e mo chasan air carraig; shocraich e mo cheuman.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Timòteus 2:7

Smaoinich air na nithean a tha mi ag ràdh; agus gun tugadh an Tighearna dhut tuigse anns na h‑uile nithean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 6:20-22

A mhic, coimhead àithne d’athar, agus na trèig reachd do mhàthar: Ceangail iad a‑ghnàth air do chridhe, daingnich iad mud mhuineal. Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad thu; nuair a chaidleas tu gleidhidh iad thu; agus nuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 12:26

Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 29:3-4

Tha guth an Tighearna os cionn nan uisgeachan; rinn Dia na glòire tàirneanaich, an Tighearna os cionn nan uisgeachan mòra. Tha guth an Tighearna cumhachdach; tha guth an Tighearna làn mòralachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 4:8

Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 11:6

Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 55:6-7

Iarraibh an Tighearna, am feadh a tha e ra fhaotainn; gairmibh air, am feadh a tha e am fagas. Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 16:7

Beannaichidh mise an Tighearna, a thug comhairle orm; tha m’àirnean mar an ceudna gam theagasg an àm na h‑oidhche.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 6:63

Is e an Spiorad a bheothaichas; chan eil tairbhe air bith anns an fheòil: na briathran a tha mise a’ labhairt ribh, is spiorad agus is beatha iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 25:14

Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 13:2

Agus air dhaibh a bhith ri ministrealachd don Tighearna, agus a’ trasgadh, thubhairt an Spiorad Naomh, Cuiribh air leth dhòmhsa Barnabas agus Saul, a‑chum na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 10:5

A’ tilgeadh sìos reusonachaidh, agus gach nì àrd a dh’àrdaicheas e fhèin an aghaidh eòlas Dhè, agus a’ toirt ann am braighdeanas gach smuain a‑chum ùmhlachd Chrìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 2:27

Ach tha an t‑ungadh a fhuair sibh uaithesan a’ fantainn annaibh: agus chan eil feum agaibh gun teagaisgeadh aon neach air bith sibh: ach, mar a tha an t‑ungadh seo fhèin gur teagasg mu thimcheall nan uile nithean, agus a tha e fìor, agus nach breug e, eadhon mar a theagaisg e sibh, fanaibh ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 91:15

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 12:15

Tha slighe an amadain ceart na shùilean fhèin; ach tha esan a dh’èisdeas ri comhairle, glic.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 4:29

Ach ma dh’iarras tu an Tighearna do Dhia as a sin, amaisidh tu air, ma dh’iarras tu e led uile chridhe, agus led uile anam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 4:4

Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Tha e sgrìobhte, Chan ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach uile fhacal a thig o bheul Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 15:31

Gabhaidh a’ chluas a dh’èisdeas ri achmhasan na beatha còmhnaidh am measg nan daoine glice.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 19:5

A‑nis matà, ma dh’èisdeas sibh da‑rìribh rim ghuth, agus ma ghleidheas sibh mo choicheangal, an sin bidh sibh dhòmhsa nur n‑ionmhas sònraichte os cionn nan uile shluagh: oir is leamsa an talamh uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 130:5

Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:2

Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 10:4-5

Agus nuair a chuireas e a‑mach a chaoraich fhèin, imichidh e romhpa, agus leanaidh na caoraich e: oir is aithne dhaibh a ghuth. Agus chaidh e a‑rìs gus an taobh thall de Iòrdan, don ionad anns an robh Eòin air tùs ri baisteadh; agus rinn e còmhnaidh an sin. Agus thàinig mòran da ionnsaigh, agus thubhairt iad, Cha do rinn Eòin aon mhìorbhail: ach bha na h‑uile nithean a thubhairt Eòin mun duine seo fìor. Agus chreid mòran anns an àite sin ann. Agus cha lean iad coigreach, ach teichidh iad uaithe, do bhrìgh nach aithne dhaibh guth choigreach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 27:14

Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 5:17

Air an adhbhar sin na bithibh-se neo-ghlic, ach a’ tuigsinn ciod e toil an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 5:14-15

Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn. Agus ma tha fhios againn gun èisd e rinn, ge bè nì a dh’iarras sinn, tha fhios againn gu bheil ar n‑iarrtais, a dh’iarr sinn air, againn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 73:24

Led chomhairle stiùraidh tu mi, agus fa dheòidh gabhaidh tu mi a‑chum glòire.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 5:14

Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 2:13

Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 12:13

Maille ris-san tha gliocas agus neart; aigesan tha comhairle agus tuigse.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:5-7

Tabhair suas do shlighe don Tighearna, agus earb as, agus nì e e; Agus bheir e a‑mach d’fhìreantachd mar an solas, agus do bhreitheanas mar am meadhon-là. Bi ad thosd an làthair an Tighearna, agus feith le foighidinn air; na biodh campar ort mun tì a shoirbhicheas na shlighe, mun fhear a bheir a dhroch innleachdan gu buil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 1:19

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, biodh gach duine ealamh a‑chum èisdeachd, mall a‑chum labhairt, mall a‑chum feirge:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 19:20-21

Eisd ri comhairle, agus gabh fòghlam, a‑chum gum bi thu glic ann ad làithean deireannach. Is lìonmhor na smuaintean ann an cridhe duine; ach is i comhairle an Tighearna a sheasas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:2

Is beannaichte iadsan a ghleidheas a theisteis, a dh’iarras e len uile chridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 22:17-18

Aom do chluas, agus èisd ri briathran dhaoine glice, agus socraich do chridhe air m’eòlas-sa: Oir is taitneach an nì e, ma ghleidheas tu iad ann ad chom, ma bhios iad araon deas air do bhilean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 58:11

Agus stiùraidh an Tighearna thu an còmhnaidh, agus sàsaichidh e d’anam ri àm tarta, agus ungaidh e do chnàmhan; agus bidh tu mar lios air a dheagh uisgeachadh, agus mar thobar fìor-uisge, air nach tig fàiling uisge.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 13:4

An dèidh an Tighearna ur Dia gluaisidh sibh, agus bidh a eagal-san oirbh, agus gleidhidh sibh a àitheantan, agus èisdidh sibh ra ghuth, agus nì sibh seirbhis dha, agus dlùth-leanaidh sibh ris.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 1:1-2

Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an cathair luchd-fanaid: Ach aig a bheil tlachd ann an lagh an Tighearna, agus a smaoinicheas air a lagh-san a là agus a dh’oidhche.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 13:16

Ach is beannaichte ur sùilean-se, oir tha iad a’ faicinn; agus ur cluasan, oir tha iad a’ cluinntinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 25:12

Mar chluas-fhàinne òir, agus mar usgair den òr fhìorghlan, tha fear-cronachaidh glic aig cluais fhurachair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 2:1

Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Tesalònianaich 5:17

Dèanaibh ùrnaigh gun sgur.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:4

Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 139:23-24

Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean; Agus amhairc a bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t‑slighe shìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 10:14-15

Is mise am buachaille math, agus is aithne dhomh mo chaoraich fhèin, agus aithnichear lem chaoraich fhèin mi. Mar as aithne don Athair mise, mar sin is aithne dhòmhsa an t‑Athair: agus tha mi leigeadh m’anama sìos airson nan caorach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:23-24

Leis an Tighearna tha ceuman duine air an òrdachadh, agus gabhaidh e tlachd na shlighe. Ged thuit e, cha tilgear gu tur sìos e, oir cumaidh an Tighearna suas air làimh e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 33:11

Seasaidh comhairle an Tighearna gu sìorraidh, smuaintean a chridhe o linn gu linn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 4:29-30

Na tigeadh cainnt thruaillidh air bith a‑mach as ur beul, ach an nì sin a tha math a‑chum deagh-fhòghlaim, ionnas gun toir e gràs don luchd-èisdeachd. A’ dèanamh dìchill air aonachd an Spioraid a choimhead ann an ceangal na sìthe. Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an do chuireadh seula oirbh gu là na saorsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 105:4

Iarraibh an Tighearna agus a neart; iarraibh a ghnùis a‑ghnàth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:10

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:165

Is mòr sìth na muinntir a tha a’ toirt gràidh dod lagh, agus chan èirich adhbhar tuislidh dhaibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Samuel 15:22

Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 2:6-7

Oir bheir an Tighearna gliocas; as a bheul thig eòlas agus tuigse. Tha e a’ tasgadh suas gliocais fhallain airson nam fìrean: is sgiath e dhaibhsan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 16:24

Gus a seo cha d’iarr sibh nì air bith ann am ainm-sa: iarraibh, agus gheibh sibh, a‑chum gum bi ur n‑aoibhneas làn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 14:33

Oir chan e Dia ùghdar na mì‑riaghailt, ach na sìthe, mar ann an eaglaisean nan naomh uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 73:28

Ach is math dhòmhsa teachd dlùth do Dhia. Anns an Tighearna chuir mi mo dhòigh, a‑chum gum foillsichinn d’obraichean uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 33:14

Agus thubhairt e, Thèid mo làthaireachd maille riut, agus bheir mi fois dhut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 85:13

Imichidh ceartas roimhe, agus stiùraidh e a cheuman anns an t‑slighe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 11:28-30

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 27:8

Nuair a thubhairt thusa, Iarraibh-se mo ghnùis, thubhairt mo chridhe riut, Do ghnùis, a Thighearna, iarraidh mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:21-22

A mhic, na dealaicheadh iad rid shùilean: coimhead gliocas fallain agus tuigse. Agus bidh iad nam beatha dod anam, agus nam maise dod mhuineal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 3:16

Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 26:3

Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:22

Thigeamaid am fagas le cridhe fìor, ann an làn dearbhachd a’ chreidimh, le ar cridheachan air an crath-ghlanadh o dhroch cogais, agus le ar cuirp air an nighe le uisge glan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 2:46-47

Agus thàrladh an dèidh trì làithean gun d’fhuair iad e anns an teampall, na shuidhe am meadhon an luchd-teagaisg, araon gan èisdeachd, agus a’ cur cheist orra. Agus ghabh a’ mhuinntir a chuala e uile iongantas ra thuigse agus ra fhreagraidhean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 6:16

Nach eil fhios agaibh, an tì don toir sibh sibh fhèin mar sheirbhisich a‑chum ùmhlachd, gur seirbhisich sibh don tì don dèan sibh ùmhlachd; mas ann don pheacadh a‑chum bàis, no do ùmhlachd a‑chum fìreantachd?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 14:1

Leanaibh gràdh, agus biodh mòr-mhiann tìodhlacan spioradail oirbh, ach gum bu mhò ur togradh gun dèanadh sibh fàidheadaireachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:18

Tha an Tighearna ceart na uile shlighean, agus naomh na uile ghnìomharan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 1:5

Eisdidh duine glic, agus meudaichidh e fòghlam; agus sealbhaichidh duine tuigseach comhairlean glice:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 3:17

Ach tha an gliocas a tha on àirde air tùs glan, an dèidh sin sìochail, ciùin, agus so‑chomhairleachaidh, làn de thròcair agus de dheagh thoradh, gun leth-bhreith agus gun cheilg.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:33-34

Teagaisg dhomh, a Thighearna, slighe do reachdan, agus gleidhidh mi i gu ruig a’ chrìoch. Thoir tuigse dhomh, agus gleidhidh mi do lagh; seadh, coimheadaidh mi e lem uile chridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 8:6

Eisdibh, oir labhraidh mi air nithean òirdheirc; agus bidh fosgladh mo bhilean air nithean cearta.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:71

Is math dhòmhsa gu robh mi ann an àmhghar, a‑chum gum fòghlamainn do reachdan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 13:10

O uabhar a‑mhàin thig connsachadh; ach aig na daoine a ghabhas deagh chomhairle tha gliocas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:1

A mhic, na dìochuimhnich mo lagh; ach gleidheadh do chridhe m’àitheantan:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:26

Tha an Spiorad fhèin mar an ceudna a’ dèanamh còmhnaidh le ar n‑anfhainneachd: oir chan aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar a bu chòir dhuinn; ach tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son le osnaidhean do‑labhairt.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 91:1-2

Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich. Chan èirich olc air bith dhut, agus cha tig plàigh am fagas dod fhàrdaich; Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile. Nan làmhan togaidh iad suas thu, air eagal gum buail thu do chas air cloich. Air an leòmhann agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon. A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha. Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte. Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 3:18

Ach air bhith dhuinne uile, le aghaidh gun chòmhdach, ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n‑atharrachadh a‑chum na h‑ìomhaigh cheudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 8:15

Ach an nì a thuit anns an talamh mhath, is iad sin iadsan, air dhaibh am facal èisdeachd, a tha ga choimhead ann an cridhe treibhdhireach agus math, agus a’ toirt toraidh uapa le foighidinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 8:17

Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 84:8

A Thighearna Dhè nan slògh, cluinn m’ùrnaigh; èisd, a Dhè Iàcoib. Selah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 10:20

Oir cha sibhse a labhras, ach Spiorad ur n‑Athar fhèin a labhras annaibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 14:1

Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 22:14

Agus thubhairt esan, Thagh Dia ar n‑athraichean ro‑làimh thusa, a‑chum gun gabhadh tu eòlas air a thoil, agus gum faiceadh tu an t‑Aon cothromach sin, agus gun cluinneadh tu guth as a bheul.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan