Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


149 Rainn Bhìobaill air Bòidhchead a’ Chruthachaidh

149 Rainn Bhìobaill air Bòidhchead a’ Chruthachaidh


Genesis 1:1

Anns an toiseach chruthaich Dia na nèamhan agus an talamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 19:1

Cuiridh na nèamhan an cèill glòir Dhè, agus nochdaidh na speuran gnìomh a làmh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 1:31

Agus chunnaic Dia gach nì a rinn e, agus, feuch, bha e ro‑mhath. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an siathamh là.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 1:20

Oir riamh o chruthachadh an t‑saoghail tha a nithean-san nach faodar fhaicinn, eadhon a chumhachd sìorraidh agus a Dhiadhachd, air am faicinn gu soilleir, air dhaibh a bhith so‑thuigsinn o na nithean a rinneadh; a‑chum gum biodh iad gun leisgeul aca:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 8:3-4

Nuair a dh’amhairceas mi air do nèamhan, obair do mheur; air a’ ghealaich agus na reultan, a shuidhich thu; Cò e an duine gum biodh tusa cuimhneachail air, agus mac an duine gum fiosraicheadh tu e?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:24-25

Cia lìonmhor d’obraichean, a Thighearna! Ann an gliocas rinn thu iad gu lèir; tha an talamh làn led shaoibhreas. Mar an ceudna an cuan seo a tha mòr agus farsaing, anns a bheil creutairean snàigeach gun àireamh, araon beathaichean beaga agus mòra.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:26

Togaibh ur sùilean an àird, agus feuchaibh, cò a chruthaich iad seo: Esan a bheir a‑mach an armailtean air àireamh; a ghairmeas orra uile air an ainm; tro mheud a neirt agus treise a chumhachd, cha bhi aon air chall.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 33:6

Le facal an Tighearna rinneadh na nèamhan, agus le anail a bheòil an slòigh uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 139:14

Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 24:1-2

Is leis an Tighearna an talamh agus a làn, an domhan agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann. Cò e seo Rìgh na glòire? Tighearna nan slògh, is esan Rìgh na glòire. Selah. Oir shuidhich e air na cuantan e, agus shocraich e air na sruthan e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 55:12-13

Oir le aoibhneas thèid sibh a‑mach agus le sìth stiùrar sibh air ur n‑aghaidh: togaidh na slèibhtean agus na cnuic romhaibh àrd iolach, agus uile chraobhan na machrach buailidh am basan. An àite droighne fàsaidh an giuthas, agus an àite drise fàsaidh am miortal; agus bidh e don Tighearna mar ainm, mar chomharradh bith-bhuan, nach cuirear as àite.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 10:12-13

Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan. Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, bheir e air a’ cheò dol suas o chrìochan na talmhainn: nì e dealanach le frasan, agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 96:11-12

Biodh na nèamhan aoibhneach, agus dèanadh an talamh gàirdeachas; beucadh an fhairge agus a làn. Biodh a’ mhachair ait, agus gach nì a tha innte; an sin dèanadh uile chroinn na coille luathghaire

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:19-20

Le gliocas shuidhich an Tighearna an talamh; le tuigse shònraich e na nèamhan. Oir làithean buan, agus saoghal fada, agus sìth bheir iad dhut. Le a eòlas-san brisear suas na doimhneachdan, agus silidh na neòil a‑nuas an drùchd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Nehemiah 9:6

Is tusa, is tusa ad aonar an Tighearna: rinn thu na nèamhan, nèamhan nan nèamh agus an slòigh uile, an talamh agus gach nì a tha air, na cuantan agus gach nì a tha annta, agus tha thu gan cumail suas uile; agus tha slòigh nan nèamh a’ dèanamh adhraidh dhut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:1-2

Beannaich an Tighearna, O m’anam! A Thighearna mo Dhia, tha thusa ro‑mhòr; le urram agus mòralachd tha thusa air do sgeadachadh. Tha e a’ cur thobraichean anns na gleanntan, a tha a’ ruith air feadh nam beann. Bheir iad deoch do uile bheathaichean na machrach; caisgidh na h‑asail fhiadhaich an ìotadh. Am fagas dhaibh còmhnaichidh eunlaith nan speur, a bhios a’ seinn am measg nan geug. Uisgichidh e na beanntan o a sheòmraichean; le toradh a ghnìomh sàsaichear an talamh. Bheir e air feur fàs don sprèidh, agus air luibh a‑chum seirbhis an duine, a‑chum aran a thabhairt as an talamh, Agus fìon a nì cridhe an duine subhach, ola a nì a ghnùis dealrach, agus aran a neartaicheas cridhe an duine. Tha craobhan an Tighearna làn brìgh, seudair Lebanoin a shuidhich e, Far an dèan na h‑eòin an neadan; aig an storc tha na craobhan giuthais mar ionad-tàimh. Tha na beanntan àrda nan tèarmann do na gobhair fhiadhaich, na creagan do na coineanan. Rinn e a’ ghealach airson aimsirean; is aithne don ghrèin mar a laigheas i. Tha thu a’ cur solais umad mar thrusgan, a’ sìneadh a‑mach nan nèamh mar chùirtean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 1:16

Oir is ann leis-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean, a tha air nèamh, agus a tha air thalamh, faicsinneach agus neo-fhaicsinneach, mas àrd-chathraichean iad, no tighearnais, no uachdaranachdan, no cumhachdan; is ann leis-san agus air a shon-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 17:24-25

An Dia a rinn an saoghal, agus na h‑uile nithean a tha ann, do bhrìgh gur e fhèin Tighearna nèimh agus na talmhainn, chan eil e a’ gabhail còmhnaidh ann an teampaill làmh-dhèante: Cha mhò a bheirear adhradh dha le làmhan dhaoine, mar gum biodh uireasbhaidh nì sam bith air; oir is e fhèin a tha a’ toirt do na h‑uile beatha, agus anail, agus nan uile nithean:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 148:1-6

Molaibh-se an Tighearna. Molaibh an Tighearna o na nèamhan; molaibh e anns na h‑àrdan. Fiadh-bheathaichean agus gach uile ainmhidh; nithean snàigeach agus eunlaith iteagach; Rìghrean na talmhainn agus na h‑uile shlòigh; uachdarain agus uile bhritheamhan na talmhainn; Araon òigfhir agus òighean; seann daoine agus clann; Moladh iad sin ainm an Tighearna, oir tha a ainm-san a‑mhàin urramach, tha a ghlòir os cionn na talmhainn agus nan nèamh. Agus dh’àrdaich e adharc a shluaigh, moladh a naomh uile, eadhon clann Israeil, sluagh a tha am fagas dha. Molaibh-se an Tighearna. Molaibh e, a ainglean uile; molaibh e, a shlòigh uile. Molaibh e, a ghrian agus a ghealach; molaibh e, uile reultan solais. Molaibh e, a nèamhan nan nèamh, agus uisgeachan a tha os cionn nan nèamh. Moladh iad ainm an Tighearna, oir dh’àithn e, agus chruthaicheadh iad. Agus dhaingnich e iad gu saoghal nan saoghal; rinn e àithne nach tèid thairis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 38:4-7

Càit an robh thu nuair a leag mise bunaitean na talmhainn? Innis, ma tha tuigse agad. Nuair a chrùbas iad nan garaidhean, a dh’fhanas iad ann an sgàil a‑chum feall-fheitheimh? Cò a sholaras don fhitheach a lòn? An uair a dh’èigheas an t‑àl òg aige ri Dia, thèid iad air iomrall a chion bìdh. Cò a shuidhich a thomhaisean, mas aithne dhut, no cò a shìn an t‑sreang-thomhais air? Ciod air a bheil a bhunaitean air an daingneachadh, no cò a leag a chlach-oisinn, Nuair a sheinn reultan na maidne cuideachd, agus a rinn uile mhic Dhè gàirdeachas?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 1:3

Rinneadh na h‑uile nithean leis; agus as eugmhais cha do rinneadh aon nì a rinneadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 136:5-9

Dhàsan a rinn na nèamhan le gliocas, oir gu bràth mairidh a thròcair; Dhàsan a shìn an talamh os cionn nan uisgeachan, oir gu bràth mairidh a thròcair; Dhàsan a rinn solais mhòra, oir gu bràth mairidh a thròcair; A’ ghrian a riaghladh an là, oir gu bràth mairidh a thròcair; A’ ghealach agus na reultan a riaghladh na h‑oidhche, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 111:2-3

Tha gnìomharan an Tighearna mòr; rannsaichear iad leòsan uile aig a bheil tlachd annta. Urramach agus glòrmhor tha a obair-san; mairidh a fhìreantachd gu bràth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:31

Mairidh glòir an Tighearna gu bràth; nì an Tighearna gàirdeachas na obraichean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eclesiastes 3:11

Rinn e gach nì maiseach na àm fhèin: chuir e mar an ceudna an saoghal nan cridhe, air chor is nach urrainn aon duine an obair fhaotainn a‑mach a tha Dia a’ dèanamh, o thoiseach gu deireadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 95:4-5

Na làimh-san tha doimhneachdan na talmhainn, agus is leis àirde nam beann. Is leis an fhairge, oir is e a rinn i, agus dhealbh a làmh an talamh tioram.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 45:12

Is mise a rinn an talamh, agus chruthaich mi an duine air; is iad mo làmhan a shìn a‑mach na nèamhan; agus dom feachd uile thug mi àithne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 11:36

Oir is ann uaithesan, agus trìd-san, agus air a shon-san a tha na h‑uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 4:11

Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 102:25

O chian leag thu bunaitean na talmhainn, agus is iad na nèamhan obair do làmh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 26:7-8

Tha e a’ sìneadh na h‑àird a tuath os cionn an ionaid fhalaimh, a’ crochadh na talmhainn air neoni; A’ ceangal suas nan uisgeachan na neòil, agus cha reubar an neul fodhpa;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 9:13

Mo bhogha cuiridh mi anns an neul, agus bidh e na chomharradh coicheangail eadar mise agus an talamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:8

Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh; ach seasaidh facal ar Dè‑ne gu sìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 147:8-9

A dh’fhalaicheas nèamh le neòil, a dh’ullaicheas uisge don talamh, a bheir air feur fàs suas air na slèibhtean. Bheir esan a bhiadh don ainmhidh, do na fithich òga a ghoireas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 38:12-13

O thoiseach do làithean an tug thu àithne don mhadainn? An tug thu fios a h‑àite don sgarthanaich? A‑chum greim a ghabhail de chrìochan na talmhainn, agus gun crathte na h‑aingidh as.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 50:10-11

Oir is leamsa uile bheathaichean na coille, an sprèidh air mìle sliabh. Is aithne dhòmhsa uile eunlaith nam beann, agus is leamsa fiadh-bheathaichean na machrach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 5:22

Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:22

Is esan a tha na shuidhe air cuairt na talmhainn, agus tha a luchd-àiteachaidh mar fhionnain-fheòir; a tha a’ sìneadh a‑mach nan nèamhan mar sgàil thana, agus gan sgaoileadh mar bhùth anns an gabhar còmhnaidh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 6:28-29

Agus carson a tha sibh ro‑chùramach mu thimcheall ur culaidh? Fòghlamaibh cionnas a tha na lilidhean a’ fàs anns a’ mhachair; cha saothraich iad, agus cha snìomh iad. Gidheadh tha mise ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na uile ghlòir air èideadh mar aon dhiubh seo.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 66:4

Sleuchdaidh gach tìr dhut, agus seinnidh iad dhut; seinnidh iad dod ainm. Selah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 121:1-2

Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair. Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 38:22

An deachaidh tu a‑steach gu ionmhasan an t‑sneachda? No am faca tu ionmhasan na cloiche-meallain,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 11:3

Tre chreideamh tha sinn a’ tuigsinn gun do chruthaicheadh na saoghail tre fhacal Dhè, air chor is nach do rinneadh na nithean a chìthear de nithean a bha rim faicinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 8:27-29

Nuair a dheasaich e na nèamhan, bha mi an sin; nuair a tharraing e cuairt air aghaidh na doimhne; Nuair a dhaingnich e an t‑adhar shuas; nuair a neartaich e tobraichean na doimhne; Nuair a thug e a reachd don fhairge, nach rachadh na h‑uisgeachan thar a aithne; nuair a shuidhich e bunaitean na talmhainn;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:12

Cò a thomhais na h‑uisgeachan ann an glaic a làimhe; agus a shìn a‑mach na nèamhan le rèis; agus a chruinnich duslach na talmhainn ann an soitheach-tomhais; agus a chothromaich na slèibhtean ann an slighean, agus na cnuic ann am meidh-chothroim?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 8:6-8

Thug thu uachdaranachd dha air obraichean do làmh; chuir thu gach nì fo a chasan; Caoraich agus buar uile, agus mar an ceudna ainmhidhean na machrach; Eunlaith nan speur, agus iasg na mara, a shiùbhlas air slighean nan cuan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 14:17

Gidheadh, cha d’fhàg e e fhèin gun fhianais, a’ dèanamh maith, agus a’ toirt dhuinn uisge o nèamh, agus aimsirean tairbheach, a’ lìonadh ar cridheachan le biadh agus le subhachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 43:20-21

Bheir fiadh-bheathach na machrach glòir dhomh; na dràgonan agus na cailleachan-oidhche; a chionn gun tug mi uisgeachan anns an fhàsach, aibhnichean anns an dìthreabh, a‑chum deoch a thabhairt dom shluagh, dom mhuinntir thaghte. An sluagh seo dhealbh mi air mo shon fhèin; cuiridh iad an cèill mo chliù.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 36:5-6

A Thighearna, anns na nèamhan tha do thròcair; tha d’fhìrinn gu ruig na neòil. Tha d’fhìreantachd mar na beanntan àrda, do bhreitheanais nan doimhne mhòir; gleidhidh tusa, a Thighearna, duine agus ainmhidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 33:9

Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:25-29

Oir labhraidh e, agus dùisgidh e a’ ghaoth dhoineannach, agus togaidh i a tonnan. Thèid iad suas do na nèamhan, thèid iad sìos do na doimhneachdan; le àmhghar leaghaidh an anam. Thèid iad thuige agus uaithe, agus tuislichidh iad mar dhuine air mhisg; agus thèid as dan cèill uile. An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan bheir e iad. Cuiridh e an doineann gu fèith, agus bidh a tonnan nan tàmh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:5

Air urram glòir do mhòrachd agus air d’obraichean iongantach labhraidh mi;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 95:3-4

Oir is Dia mòr ar Tighearna, agus is Rìgh mòr e os cionn nan uile dhiathan. Na làimh-san tha doimhneachdan na talmhainn, agus is leis àirde nam beann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 1:14-15

Agus thubhairt Dia, Biodh solais ann an speuran nèimh a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche; agus biodh iad airson chomharraidhean, agus airson aimsirean, agus airson làithean, agus bhliadhnachan: Agus biodh iad mar sholais ann an speuran nèimh, a thoirt solais air an talamh: agus bha e mar sin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:14-15

Bheir e air feur fàs don sprèidh, agus air luibh a‑chum seirbhis an duine, a‑chum aran a thabhairt as an talamh, Agus fìon a nì cridhe an duine subhach, ola a nì a ghnùis dealrach, agus aran a neartaicheas cridhe an duine.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 148:13

Moladh iad sin ainm an Tighearna, oir tha a ainm-san a‑mhàin urramach, tha a ghlòir os cionn na talmhainn agus nan nèamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 98:7-8

Beucadh an fhairge agus a làn, an saoghal agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann. Buaileadh na tuiltean am basan; cuideachd dèanadh na beanntan luathghaire

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:18-20

Fosglaidh mi aibhnichean anns na h‑ionadan àrda, agus tobraichean ann am meadhon nan gleann; nì mi am fàsach na linne uisge, agus am fearann tioram na shruthan uisge. Cuiridh mi anns an fhàsach an seudar, an sitta, am miortal, agus an crann-ola; suidhichidh mi anns an fhàsach an giuthas, an gall-ghiuthas agus am bocsa le chèile: Cò a dhùisg suas an t‑ionracan on ear, a ghairm e a‑chum a choise, a chuir na cinnich na fhochar, agus a thug dha riaghladh thar rìghrean; a rinn iad mar an duslach ro a chlaidheamh, agus mar an asbhuain fhuadaichte ro a bhogha? A‑chum gum faic agus gun aithnich iad, agus gun toir iad fa‑near, agus gun tuig iad maraon, gur i làmh an Tighearna a rinn seo, agus gur e Tì naomh Israeil a dhealbh e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 65:17-18

Oir feuch, cruthaichidh mi nèamhan nuadha agus talamh nuadh; agus cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine. Ach dèanaibh-se gàirdeachas, agus bithibh aoibhneach gu cian nan cian, airson an nì a chruthaicheas mi; oir feuch, cruthaichidh mi Ierusalem na cùis-aoibhneis, agus a sluagh nan cùis-ghàirdeachais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 32:17

Ah, Thighearna Dhia, feuch, rinn thusa nèamh agus an talamh led mhòr-chumhachd agus led ghàirdean sìnte a‑mach, agus chan eil nì sam bith tuilleadh is cruaidh ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 147:15-18

Cuiridh e a‑mach a àithne air thalamh; gu luath ruithidh a fhacal. Bheir e sneachd mar olainn; sgaoilidh e an liath-reodhadh mar luaithre. Tilgidh e a‑mach a eigh mar ghreamannan; cò a dh’fhaodas seasamh fa chomhair a fhuachd? Cuiridh e a‑mach a fhacal, agus leaghaidh e iad; sèididh a’ ghaoth, sruthaidh na h‑uisgeachan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 8:30-31

An sin bha mise aige mar neach a dh’altramadh maille ris; agus bu mhi a thlachd gach là, a’ dèanamh gàirdeachais na fhianais an còmhnaidh; A’ dèanamh gàirdeachais anns a’ chuid a dh’àitichear de a thalamh, agus mo thlachd maille ri cloinn nan daoine.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 26:10-14

Chuartaich e na h‑uisgeachan le crìochan, gus an teirig an là maille ris an oidhche. Criothnaichidh puist nan nèamh, agus bidh uamhas orra ra achmhasan. Le a chumhachd roinnidh e an fhairge, agus le a thuigse buailidh e an t‑uaibhreach. Le a spiorad sgeadaich e na nèamhan; dhealbh a làmh an nathair lùbach. Feuch, is iad sin cuid de a shlighean; ach cia beag a’ chuibhreann a chuala sinn dheth? Agus cò a dh’fhaodas tàirneanach a chumhachd a thuigsinn?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 19:2

Tha là a’ dèanamh sgeòil do là, agus oidhche a’ foillseachadh eòlais do oidhche.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 148:5

Moladh iad ainm an Tighearna, oir dh’àithn e, agus chruthaicheadh iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 33:7

Càrnaidh e suas mar thòrr uisgeachan na fairge; cuiridh e an doimhne suas na thaighean-tasgaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 11:6-9

An sin gabhaidh am madadh-allaidh còmhnaidh maille ris an uan, agus laighidh an liopard sìos maille ris a’ mheann; agus an laogh, agus an leòmhann òg, agus an sprèidh reamhar le chèile; agus nì leanabh beag an stiùradh. Agus ionaltraidh a’ bhò agus am math-ghamhainn le chèile; laighidh an àlach sìos cuideachd; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh. Agus cluichidh an leanabh cìche air toll na nathrach nimhe; agus air nead na rìgh-nathrach cuiridh an leanabh a thàinig on chìch a làmh. Cha dochainn agus cha sgrios iad, air feadh mo shlèibh naoimh-sa gu h‑iomlan; oir lìonar an talamh le eòlas an Tighearna, mar a chòmhdaicheas na h‑uisgeachan aigeann na fairge.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:45

A‑chum gum bi sibh nur cloinn aig ur n‑Athair a tha air nèamh: oir tha esan a’ tabhairt air a’ ghrèin fhèin èirigh air na droch dhaoine, agus air na deagh dhaoine, agus a’ cur uisge air na fìreanan agus air na neo-fhìreanan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 4:24

Agus nuair a chuala iadsan seo, thog iad suas a dh’aon inntinn an guth ri Dia, agus thubhairt iad, A Thighearna, is tusa an Dia a rinn nèamh agus talamh, agus an fhairge, agus na h‑uile nithean a tha annta:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:19-21

Oir tha dùil dhùrachdach a’ chruthachaidh a’ feitheamh ri foillseachadh clann Dhè. Oir shaor lagh Spiorad na beatha, ann an Iosa Crìosd, mise o lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis. Oir chuireadh an cruthachadh fo dhìomhanas, chan ann le a thoil, ach trìdsan a chuir fo dhìomhanas e; Ann an dòchas gun saorar an cruthachadh fhèin fòs o dhaorsa na truaillidheachd, gu saorsa ghlòrmhor clann Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:18-22

Tha na beanntan àrda nan tèarmann do na gobhair fhiadhaich, na creagan do na coineanan. Rinn e a’ ghealach airson aimsirean; is aithne don ghrèin mar a laigheas i. Tha thu a’ cur solais umad mar thrusgan, a’ sìneadh a‑mach nan nèamh mar chùirtean. Nì thu dorchadas, agus tha an oidhche ann; an sin snàigidh uile bheathaichean na coille a‑mach. Beucaidh na leòmhainn òga airson cobhartaich, agus ag iarraidh am bìdh air Dia. Eiridh a’ ghrian, cruinnichidh iad le chèile, agus nan àitean-tàimh laighidh iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 139:13-15

Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar. Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin. Cha d’fhalaicheadh mo chorp uat nuair a rinneadh mi ann an diamhaireachd, a dhealbhadh mi gu h‑iongantach ann an ionadan ìochdarach na talmhainn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 37:14-16

Eisd ri seo, a Iob; seas, agus tabhair fa‑near obraichean iongantach Dhè. A bheil fhios agad cuin a dh’òrdaich Dia iad, agus a thug e air solas a neòil dealrachadh? A bheil fhios agad air cothromachadh nan neul, air obraichean iongantach an tì a tha iomlan ann an eòlas?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:24

Is e seo an là a rinn an Tighearna; dèanamaid gàirdeachas, agus bitheamaid ait air.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 44:24

Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, agus esan a dhealbh thu on bhroinn: Is mise an Tighearna, cruithear nan uile nithean; a tha a’ sìneadh nan nèamhan a‑mach am aonar; a tha a’ sgaoileadh na talmhainn leam fhèin;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 65:8

Gabhaidh eadhon luchd-àiteachaidh nan crìoch fada a‑mach eagal rod chomharraidhean; bheir thusa air dol a‑mach na maidne agus an fheasgair gàirdeachas a dhèanamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 26:13

Le a spiorad sgeadaich e na nèamhan; dhealbh a làmh an nathair lùbach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:15-16

Cumaidh an Tighearna suas iadsan uile a tha a’ tuiteam, agus togaidh e an àird iadsan uile a tha air cromadh sìos. Tha sùilean nan uile a’ feitheamh ort, agus bheir thu dhaibh am biadh na thràth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 46:4-5

Tha abhainn ann, agus nì a sruthan cathair Dhè ait; naomh-ionad pàilleanan an Tì as àirde. Tha Dia na meadhon; cha ghluaisear i; cuidichidh Dia leatha gu moch air mhadainn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 72:3

Bheir na beanntan sìth don t‑sluagh, agus na tulaichean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 78:69

Agus thog e a ionad naomh fhèin mar lùchairt àrd, mar an talamh a shuidhich e gu bràth;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eachdraidh 16:30-34

Biodh eagal oirbh na fhianais-san, gach uile thìr: daingnichear an domhan leis, air chor is nach gluaisear e. Biodh na nèamhan ait, agus dèanadh an talamh gàirdeachas; agus abradh iad am measg nan cinneach, Tha an Tighearna a’ rìoghachadh. Beucadh an fhairge, agus a làn; dèanadh a’ mhachair gàirdeachas, agus gach nì a tha innte. An sin seinnidh craobhan na coille gu h‑àrd-ghuthach an làthair an Tighearna, a chionn gu bheil e a’ teachd a thoirt breith air an talamh. Molaibh an Tighearna, oir tha e math; oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 42:5

Mar seo deir an Tighearna Dia, esan a chruthaich na nèamhan, agus a shìn a‑mach iad; a sgaoil a‑mach an talamh agus na chinneas as; a tha a’ tabhairt anail don t‑sluagh a tha air, agus deò dhaibhsan a tha ag imeachd air:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 147:4

Innsidh e àireamh nan rionnag; bheir e ainmean orra uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 21:1-2

Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis; agus cha robh fairge ann nas mò. Agus thug e leis mi anns an spiorad gu beinn mhòir agus àird, agus dh’fheuch e dhomh am baile mòr sin, Ierusalem naomh, a’ teachd a‑nuas à nèamh o Dhia, Aig an robh glòir Dhè: agus bha a shoillse cosmhail ri cloich ro‑luachmhoir, mar chloich iaspeir, soilleir mar chriostal; Agus bha balla mòr agus àrd aige, air an robh dà‑gheata-dheug, agus aig na geatachan dà‑aingeal-dheug, agus ainmean sgrìobhte orra, eadhon ainmean dà‑threubh-dheug chloinn Israeil. Air an taobh an ear, trì geatachan; air an taobh a tuath, trì geatachan; air an taobh a deas, trì geatachan; agus air an taobh an iar, trì geatachan. Agus bha aig balla na cathrach dà‑bhunait-dheug, agus anntasan ainmean dà‑abstol-dheug an Uain. Agus bha aig an tì a labhair rium, cuilc-shlat òir, a‑chum gun tomhaiseadh e am baile, agus a gheatachan, agus a bhalla. Agus tha am baile na laighe ceithir-cheàrnach, agus tha a fhad cho mòr ri a leud: agus thomhais e am baile leis a’ chuilc-shlait, dà‑mhìle-dheug stàid: is ionann fad, agus leud, agus àirde dha. Agus thomhais e a bhalla, ceud agus dà‑fhichead agus ceithir làmhan-coille, a rèir tomhas duine, eadhon an aingil. Agus bha a bhalla air a thogail de chloich iaspeir; agus b’òr fìorghlan am baile, cosmhail ri gloine soilleir. Agus bha bunaitean balla a’ bhaile air an dèanamh sgiamhach leis gach uile ghnè chlachan luachmhor. Bu iasper an ciad bunait; bu shaphir an dara; bu chalcedon an treas; b’emerald an ceathramh bunait; Agus chunnaic mise Eòin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a’ teachd a‑nuas o Dhia à nèamh, air ullachadh mar bhean-bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:10-12

Tha e a’ cur thobraichean anns na gleanntan, a tha a’ ruith air feadh nam beann. Bheir iad deoch do uile bheathaichean na machrach; caisgidh na h‑asail fhiadhaich an ìotadh. Am fagas dhaibh còmhnaichidh eunlaith nan speur, a bhios a’ seinn am measg nan geug.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 13:32

Nì gun amharas as lugha de gach uile phòr: gidheadh air fàs dha, is e as mò de na luibheannan, agus fàsaidh e na chrann, ionnas gun tig eunlaith an adhair, agus gun dèan iad neadan na gheugan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 8:1-2

O Iehòbhah ar Tighearna, cia òirdheirc d’ainm air feadh na talmhainn uile! a shocraich do ghlòir os cionn nan nèamh. A beul naoidhean agus chìochran dh’òrdaich thu neart, airson do naimhdean, a‑chum gun caisgeadh tu an nàmhaid agus an dìoghaltach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 1:25

Muinntir a chaochail fìrinn Dhè gu brèig, agus a thug adhradh agus a rinn seirbhis don chreutair nas mò na don Chruithear, a tha beannaichte gu sìorraidh. Amen.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:17

Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 136:25-26

A tha a’ tabhairt bìdh do gach feòil, oir gu bràth mairidh a thròcair. O thugaibh buidheachas do Dhia nan nèamh, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eclesiastes 1:5-7

Eiridh mar an ceudna a’ ghrian, agus thèid a’ ghrian fodha, agus luathaichidh i da h‑àite fhèin as an d’èirich i. Thèid a’ ghaoth a làimh na h‑àird a deas, agus thèid i mun cuairt don àird a tuath; thèid i mun cuairt agus mun cuairt a‑ghnàth, agus ath-thillidh a’ ghaoth air a cuairtean fhèin. Ruithidh na h‑aibhnichean uile a‑chum na mara, gidheadh chan eil a’ mhuir làn: a‑chum an àite as an tàinig na h‑aibhnichean, thuige sin tillidh iad a‑rìs.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 29:3-4

Tha guth an Tighearna os cionn nan uisgeachan; rinn Dia na glòire tàirneanaich, an Tighearna os cionn nan uisgeachan mòra. Tha guth an Tighearna cumhachdach; tha guth an Tighearna làn mòralachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 66:1-2

Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh-chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh? Dèanaibh gàirdeachas le Ierusalem, agus bithibh subhach air a son, sibhse uile len ionmhainn i; bithibh ro‑aoibhneach leatha, sibhse uile a tha ri bròn air a son; A‑chum gun deoghail sibh, agus gum bi sibh sàsaichte le cìochan a sòlais; a‑chum gun tarraing sibh, agus gum faigh sibh toil-inntinn ann am pailteas a glòire. Oir mar seo deir an Tighearna; Feuch, sgaoilidh mi sìth thairis oirre mar abhainn, agus glòir nan cinneach mar shruth a’ taomadh a‑nuas; an sin deoghlaidh sibh, giùlainear sibh air an leis, agus luaisgear sibh air na glùinean. Mar neach don toir a mhàthair comhfhurtachd, mar sin bheir mise comhfhurtachd dhuibhse; agus ann an Ierusalem gheibh sibh sòlas. Nuair a chì sibh seo nì ur cridhe gàirdeachas; agus bidh ur cnàmhan ùrar mar am feur; agus foillsichear làmh an Tighearna da òglaich; ach lasaidh a fhearg an aghaidh a naimhdean. Oir feuch, thig an Tighearna le teine, agus a charbad mar chuairt-ghaoith; a dhòrtadh a‑mach a chorraich mar ainteas, agus a achmhasain le lasraichean teine. Oir le teine agus le a chlaidheamh tagraidh an Tighearna ris gach uile fheòil; agus bidh mòran air am marbhadh leis an Tighearna. Iadsan a tha gan naomhachadh fhèin agus gan glanadh fhèin anns na liosan, air cùl aon chraoibh anns a’ mheadhon; ag ithe feòil mhuc, agus na gràinealachd, agus nan luch; gearrar as iad le chèile, deir an Tighearna. Oir is aithne dhòmhsa an gnìomharan, agus an innleachdan; thig mi a chruinneachadh nan uile chinneach agus theangannan ri chèile; agus thig iad, agus chì iad mo ghlòir. Agus cuiridh mi comharradh nam measg; agus a’ mhuinntir a thèid as dhiubh cuiridh mi a dh’ionnsaigh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thàirngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, na crìochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca riamh mo ghlòir; agus cuiridh iad an cèill mo ghlòir am measg nan cinneach. Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:24

Cia lìonmhor d’obraichean, a Thighearna! Ann an gliocas rinn thu iad gu lèir; tha an talamh làn led shaoibhreas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 12:10

Aig a bheil na làimh anam gach nì beò, agus anail gach uile fheòil dhaoine?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:33-34

Nì e aibhnichean nam fàsach, agus tobraichean uisge nan talamh tartmhor. Fearann beartach nì e fàs airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Peadar 3:5

Oir tha iad aineolach air seo de an deòin, gu robh na nèamhan ann o chian, agus an talamh na sheasamh as an uisge, agus anns an uisge, tre fhacal Dhè:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 4:4-5

Oir tha gach nì a chruthaich Dia math, agus chan ion nì sam bith a dhiùltadh, a ghabhar le breith-buidheachais: Oir tha e air a naomhachadh le facal Dhè agus le ùrnaigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 144:5-6

A Thighearna, lùb do fhlaitheasan, agus thig a‑nuas; bean ris na beanntan, agus bidh deatach dhiubh. Cuir a‑mach dealanach agus sgaoil iad; tilg do shaighdean agus claoidh iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 16:4

Rinn an Tighearna gach nì air a shon fhèin, agus mar an ceudna an t‑aingidh airson là an uilc.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 5:9

A tha a’ dèanamh nithean mòra agus do‑rannsachaidh; nithean iongantach gun àireamh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 22:1-2

Agus dh’fheuch e dhomh abhainn fhìorghlan de uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a’ teachd a‑mach à rìgh-chathair Dhè, agus an Uain. Agus thubhairt e rium, Na seulaich facail fàidheadaireachd an leabhair seo: oir tha an t‑àm am fagas. An tì a nì eucoir, dèanadh e eucoir a‑ghnàth: agus an tì a tha salach, biodh e salach a‑ghnàth: agus an tì a tha na fhìrean, biodh e na fhìrean a‑ghnàth: agus an tì a tha naomh, biodh e naomh a‑ghnàth. Agus, feuch, tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr; agus tha mo luach-saothrach maille rium, a thoirt do gach aon fa leth, a rèir mar a bhios a ghnìomharan. Is mise Alpha agus Omega, an tùs agus a’ chrìoch, an ciad neach agus an neach deireannach. Is beannaichte iadsan a nì a àitheantan-san, a‑chum gum bi còir aca air craoibh na beatha, agus gun tèid iad a‑steach tre na geatachan don bhaile. Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug. Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne. Agus tha an Spiorad agus a’ bhean nuadh-phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an tì a chluinneas, Thig. Agus an neach air a bheil tart, thigeadh e. Agus ge bè neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor. Oir tha mi a’ dèanamh fianais do gach uile neach a chluinneas briathran fàidheadaireachd an leabhair seo, Ma chuireas neach air bith ris na nithean seo, cuiridh Dia airsan na plàighean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo: Agus ma bheir neach air bith o bhriathran leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia a chuibhreann-san à leabhar na beatha, agus as a’ bhaile naomh, agus as na nithean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo. Ann am meadhon sràid na cathrach, agus air gach taobh den abhainn, bha craobh na beatha, a’ giùlan dà‑thoradh-dheug, agus a’ toirt a toraidh uaipe gach uile mhìos; agus bha duilleach na craoibhe a‑chum leigheas nan cinneach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 148:11-13

Rìghrean na talmhainn agus na h‑uile shlòigh; uachdarain agus uile bhritheamhan na talmhainn; Araon òigfhir agus òighean; seann daoine agus clann; Moladh iad sin ainm an Tighearna, oir tha a ainm-san a‑mhàin urramach, tha a ghlòir os cionn na talmhainn agus nan nèamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 61:3

A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:22

Beannaichibh an Tighearna, a obraichean uile, anns gach àite de a thighearnas; beannaich an Tighearna, O m’anam!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 139:1-3

A Thighearna, rannsaich thu mi, agus is aithne dhut mi. Eadhon an sin stiùraidh do làmh mi, agus cumaidh do dheaslàmh suas mi. Ma their mi, Gu deimhinn falaichidh an dorchadas mi, bidh an oidhche fhèin mar sholas mun cuairt orm. Chan fhalaich eadhon an dorchadas uatsa, ach dealraichidh an oidhche mar an là; is ionann an dorchadas agus an solas dhutsa. Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar. Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin. Cha d’fhalaicheadh mo chorp uat nuair a rinneadh mi ann an diamhaireachd, a dhealbhadh mi gu h‑iongantach ann an ionadan ìochdarach na talmhainn. Chunnaic do shùilean mo chiad-fhàs anabaich, agus ann ad leabhar sgrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh ri ùine, gun aon dhiubh fhathast ann. O cia luachmhor leamsa do smuaintean-sa, a Dhè! Cia mòr an àireamh! Nan àirmhinn iad, is lìonmhoire iad na a’ ghaineamh; nuair a dhùisgeas mi, tha mi a‑ghnàth maille riutsa. Gu cinnteach, a Dhè, marbhaidh tusa an t‑aingidh; uime sin, a dhaoine fuileachdach, imichibh uam. Is aithne dhut mo shuidhe agus m’èirigh; tuigidh tu mo smuaintean fad as. Oir labhair iad ad aghaidh gu h‑aingidh; thug do naimhdean d’ainm an dìomhanas. Nach eil mi a’ tabhairt fuath, a Thighearna, dhaibhsan a tha a’ tabhairt fuath dhutsa? Agus nach eil mi a’ gabhail gràin dhiubhsan a tha ag èirigh suas ad aghaidh? Le fuath iomlan tha mi a’ tabhairt fuath dhaibh; mar naimhdean measam iad. Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean; Agus amhairc a bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t‑slighe shìorraidh. Chuartaich thu mo cheum agus mo laighe sìos, agus air mo shlighean gu lèir is fiosrach thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eclesiastes 12:1

Cuimhnich a‑nis do Chruithear ann an làithean d’òige, mun tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnachan riut, anns an abair thu, Chan eil tlachd agam annta:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 121:2

Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 10:14

Feuch, is leis an Tighearna do Dhia nèamh, agus nèamh nan nèamh, an talamh mar an ceudna, agus gach nì a tha ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 65:25

Nì am madadh-allaidh agus an t‑uan ionaltradh le chèile; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh; ach is e an duslach as biadh don nathair. Cha dochainn agus cha mhill iad nam shliabh naomh-sa uile, deir an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 50:6

Agus cuiridh na nèamhan an cèill a cheartas; oir is e Dia fhèin as Britheamh ann. Selah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 124:8

Tha ar cobhair ann an ainm an Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 148:14

Agus dh’àrdaich e adharc a shluaigh, moladh a naomh uile, eadhon clann Israeil, sluagh a tha am fagas dha. Molaibh-se an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 5:24

Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 139:16-17

Chunnaic do shùilean mo chiad-fhàs anabaich, agus ann ad leabhar sgrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh ri ùine, gun aon dhiubh fhathast ann. O cia luachmhor leamsa do smuaintean-sa, a Dhè! Cia mòr an àireamh!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 38:16

An deachaidh tu a‑steach gu tobraichean na fairge? No ann an rannsachadh an dubh-aigein an d’imich thu?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 19:4-5

Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a‑mach, agus am facail gu iomall an domhain. Don ghrèin chuir e pàillean annta, agus tha i mar nuadh fhear-pòsda a’ teachd a‑mach as a sheòmar; nì i gàirdeachas mar ghaisgeach a’ ruith na rèise.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:18-19

Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn. Oir tha dùil dhùrachdach a’ chruthachaidh a’ feitheamh ri foillseachadh clann Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 35:1-2

Nì am fàsach agus an talamh tartmhor gàirdeachas air an son; agus bidh an dìthreabh ait, agus thig e fo bhlàth mar an ròs. Agus tillidh saor-dhaoine an Tighearna, agus thig iad gu Sion le caithreim, agus aoibhneas sìorraidh air an cinn: gheibh iad gàirdeachas agus aoibhneas, agus teichidh bròn agus osnaich air falbh. Brisidh e a‑mach gu h‑ùrar, seadh nì e gàirdeachas gu subhach agus gu ceòlmhor; bheirear glòir Lebanoin dha, maise Charmeil agus Shàroin; chì iad sin glòir an Tighearna, agus maise ar Dè‑ne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:25-26

Mar an ceudna an cuan seo a tha mòr agus farsaing, anns a bheil creutairean snàigeach gun àireamh, araon beathaichean beaga agus mòra. An sin siùbhlaidh na longan, agus an Lebhiatan sin a dhealbh thu gu bhith a’ sùgradh ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 66:12-13

Oir mar seo deir an Tighearna; Feuch, sgaoilidh mi sìth thairis oirre mar abhainn, agus glòir nan cinneach mar shruth a’ taomadh a‑nuas; an sin deoghlaidh sibh, giùlainear sibh air an leis, agus luaisgear sibh air na glùinean. Mar neach don toir a mhàthair comhfhurtachd, mar sin bheir mise comhfhurtachd dhuibhse; agus ann an Ierusalem gheibh sibh sòlas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 38:39-41

An sealg thusa cobhartach don leòmhann bhoireann, agus an sàsaich thu cìocras nan leòmhann òga; Càit an robh thu nuair a leag mise bunaitean na talmhainn? Innis, ma tha tuigse agad. Nuair a chrùbas iad nan garaidhean, a dh’fhanas iad ann an sgàil a‑chum feall-fheitheimh? Cò a sholaras don fhitheach a lòn? An uair a dh’èigheas an t‑àl òg aige ri Dia, thèid iad air iomrall a chion bìdh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 27:4

Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 102:18-22

Sgrìobhar seo don àl ri teachd, agus molaidh an sluagh a ghinear an Tighearna. Oir dh’amhairc e a‑nuas o àirde a naomhachd fhèin; o na nèamhan sheall an Tighearna air an talamh, Na falaich do ghnùis uam ann an là mo theinn; aom do chluas rium anns an là air an gairm mi ort; èisd rium gu grad. A chluinntinn osnaich a’ phrìosanaich, a‑chum fuasgladh orrasan a dh’òrdaicheadh a‑chum bàis; A‑chum ainm an Tighearna a chur an cèill ann an Sion, agus a chliù ann an Ierusalem; Nuair a chruinnichear na slòigh le chèile, agus na rìoghachdan gu seirbhis a dhèanamh don Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 65:5-7

Le nithean uamhasach ann an ceartas bheir thu freagradh dhuinn, a Dhè ar slàinte, dòchas uile chrìochan na talmhainn agus na fairge fada uainn, A tha a’ socrachadh nam beann led chumhachd, air do chrioslachadh le neart, A chaisgeas fuaim fhairgeachan, fuaim an tonn, agus buaireas nan cinneach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 89:11-12

Is leatsa na nèamhan; mar an ceudna is leat an talamh; shuidhich thusa an cruinne-cè agus a làn. Chruthaich thusa an àird a tuath agus an àird a deas; nì Tabor agus Hermon gàirdeachas ann ad ainm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 1:10

Agus, Leag thusa, a Thighearna, bunaitean na talmhainn air tùs; agus is iad na nèamhan obraichean do làmh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:35-38

Nì e fàsach na linne uisge, agus fearann tioram na thobraichean uisge. Agus an sin bheir e air na h‑acraich còmhnaidh a ghabhail, agus deasaichidh iad baile tàimh; Agus sìol-chuiridh iad achaidhean, agus suidhichidh iad fìonliosan, agus bheir iad toradh pailt uapa. Agus beannaichidh e iad, agus fàsaidh iad ro‑lìonmhor; agus cha lùghdaich e an sprèidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 38:22-23

An deachaidh tu a‑steach gu ionmhasan an t‑sneachda? No am faca tu ionmhasan na cloiche-meallain, A thaisg mise fa chomhair aimsir na teanntachd, fa chomhair là a’ chatha agus a’ chogaidh?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:20-23

Nì thu dorchadas, agus tha an oidhche ann; an sin snàigidh uile bheathaichean na coille a‑mach. Beucaidh na leòmhainn òga airson cobhartaich, agus ag iarraidh am bìdh air Dia. Eiridh a’ ghrian, cruinnichidh iad le chèile, agus nan àitean-tàimh laighidh iad. Thèid an duine a‑mach gu a obair, agus gu a shaothair gu feasgar.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:5

Shuidhich e an talamh air a bhunaitean, a‑chum nach gluaiste e gu bràth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 26:8

A’ ceangal suas nan uisgeachan na neòil, agus cha reubar an neul fodhpa;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 33:8-9

Ron Tighearna biodh eagal air an talamh uile; roimhesan biodh fiamh air luchd-àiteachaidh an domhain; Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 10:6

Agus mhionnaich e airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, a chruthaich nèamh agus na nithean a tha ann, agus an talamh agus na nithean a tha ann, agus an fhairge agus na nithean a tha innte, nach bi aimsir ann nas mò:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 66:1-2

Togaibh iolach ait do Dhia, a thìrean uile; Oir dhearbh thu sinn, a Dhè; ghlan thu sinn anns an teine, mar a ghlanar airgead. Thug thu a‑steach anns an lìon sinn; chuir thu teinn air ar leasraidh. Thug thu air daoine marcachd thar ar cinn; chaidh sinn tro theine agus tro uisge, ach thug thu a‑mach sinn gu ionad saoibhir. Thèid mi dod thaigh le ìobairtean-loisgte; coileanaidh mi dhut mo bhòidean, Leis an d’fhosgladh mo bhilean agus a labhair mo bheul, nuair a bha mi ann an èiginn. Iobairtean-loisgte de fheudail reamhar ìobraidh mi dhut, maille ri tùis reitheachan; bheir mi suas buar maille ri gobhair. Selah. Thigibh, èisdibh, sibhse uile air a bheil eagal Dhè, agus cuiridh mi an cèill na rinn e airson m’anama. Ghlaodh mi ris lem bheul, agus dh’àrdaicheadh e lem theangaidh. Ma bheir mi spèis do euceart am chridhe, chan èisd an Tighearna rium. Gu dearbh dh’èisd Dia, thug e an aire do ghuth m’ùrnaigh. Seinnibh glòir a ainme, dèanaibh a chliù glòrmhor.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 10:29-31

Nach eil dà ghealbhan air an reic air feòirling: agus cha tuit a h‑aon dhiubh air an talamh as eugmhais freasdal ur n‑Athar-se. Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs-mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus; Ach tha eadhon fuilteanan ur cinn uile air an àireamh. Air an adhbhar sin na biodh eagal oirbh; is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 93:4

Os cionn toirm uisgeachan lìonmhor, os cionn tonnan neartmhor na mara, is neartmhor anns na h‑àrdan an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 14:22

A bheil aon air bith am measg dìomhanais nan cinneach as urrainn uisge a thoirt seachad? No an urrainn na nèamhan frasan a thabhairt? Nach tu fhèin an tì a nì sin, O Thighearna ar Dia-ne? Air an adhbhar sin, feithidh sinne riut; oir is tu a rinn na nithean seo uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:3

Is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh e air moladh; agus chan fhaodar a mhòrachd a rannsachadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:13

Uisgichidh e na beanntan o a sheòmraichean; le toradh a ghnìomh sàsaichear an talamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:15-16

Tha guth gàirdeachais agus slàinte ann am pàilleanan nam fìrean; rinn deaslàmh an Tighearna treubhantas! Dh’àrdaicheadh deaslàmh an Tighearna; rinn deaslàmh an Tighearna treubhantas!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan