A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.
Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):
Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean. Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd!
Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh.
Oir is ann le dòchas a shaorar sinn: ach dòchas a chìthear, cha dòchas e: oir an nì a tha an duine a’ faicinn, carson a bhios dòchas aige ris? Ach ma tha dòchas againn ris an nì nach eil sinn a’ faicinn, feithidh sinn gu foighidinneach ris.
Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.
Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.
Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè. Ach thàinig an lagh a‑steach, a‑chum gum meudaichte an cionta: ach far an do mheudaicheadh am peacadh, bu ro‑mhò a mheudaicheadh gràs: A‑chum is mar a rìoghaich am peacadh a‑chum bàis, mar sin gun rìoghaicheadh gràs tre fhìreantachd a‑chum na beatha maireannaich tre Iosa Crìosd an Tighearna. Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn; Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas: Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Gidheadh chreid mise gum faicinn maitheas an Tighearna ann an tìr nam beò. Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna.
Bithibh-se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna.
Feuch, tha sùil an Tighearna orrasan don eagal e, orrasan a chuireas an dòchas na thròcair, A‑chum an anam a theasairginn on bhàs, agus an cumail beò anns a’ ghorta. Molaibh an Tighearna air clàrsaich; air an t‑saltair, inneal-ciùil nan deich teud, seinnibh dha. Feithidh ar n‑anam air an Tighearna; is esan ar cobhair agus ar sgiath. Oir annsan nì ar cridhe gàirdeachas, a chionn na ainm naomh-san gun do chuir sinn ar dòigh. Gu robh do thròcair, a Thighearna, oirnn, a rèir mar a chuir sinn ar dòchas annad.
Ach seallaidh mise ris an Tighearna: bidh mo dhòchas ann an Dia mo shlàinte: èisdidh mo Dhia rium.
Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.
Ach bitheamaid-ne, a tha den là, stuama, a’ cur oirnn uchd-èideadh a’ chreidimh agus a’ ghràidh, agus mar chlogaid, dòchas na slàinte:
Is sona an tì aig a bheil Dia Iàcoib mar a chobhair, aig a bheil a dhòchas anns an Tighearna a Dhia,
Agus bidh rìghrean nan oideachan-altraim dhut, agus am bànrighinnean nam màthraichean-altraim dhut; sleuchdaidh iad sìos dhut, len aghaidh ris an làr, agus imlichidh iad duslach do chas; agus aithnichidh tu gur mise an Tighearna, agus cha nàraichear iadsan a chuireas an dòchas annamsa.
A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:
A’ cuimhneachadh gun sgur obair ur creidimh, agus saothair ur gràidh, agus foighidinn ur dòchais nar Tighearna Iosa Crìosd, ann am fianais Dhè, agus ar n‑Athar;
Agus earbaidh tu, oir bidh dòchas agad; agus cladhaichidh tu, agus gu tèarainte gabhaidh tu tàmh.
Neach an aghaidh dòchais a chreid ann an dòchas, a‑chum gum biodh e na athair mòran chinneach; a rèir mar a thubhairteadh, Mar seo bidh do shliochd.
Agus a‑nis fanaidh creideamh, dòchas, gràdh, na trì nithean seo; ach is e an gràdh as mò dhiubh seo.
Air dhuinn sùil a bhith againn ris an dòchas bheannaichte sin, eadhon foillseachadh glòir an Dè mhòir, agus ar Slànaighir Iosa Crìosd:
Is beannaichte an neach a dh’earbas as an Tighearna, agus a chuireas a dhòchas ann an Iehòbhah:
Earbadh Israel as an Tighearna, oir aig an Tighearna tha tròcair, agus aigesan tha mòr-shaorsa;
Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
Oir cha dìochuimhnichear an t‑ainnis gu bràth; cha tèid as do dhòchas nam bochd gu sìorraidh.
Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.
Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.
Oir is tusa mo dhòchas, a Thighearna Dhè, mo dhòigh om òige. Leatsa chumadh mise suas on bhroinn; à innibh mo mhàthar bhuin thu mi; ortsa bidh mo mholadh an còmhnaidh.
Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh; Agus ciod e ro‑mheud a chumhachd dar taobh-ne a tha a’ creidsinn, a rèir obrachadh a threun-neirt;
Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.
A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.
Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
Uime sin nì mo chridhe aoibhneas, agus nì mo ghlòir gàirdeachas; gabhaidh m’fheòil mar an ceudna fois ann an dòchas.
Seadh, na nàraichear neach sam bith a dh’fheitheas ortsa; biodh nàire orrasan a chiontaicheas gun adhbhar.
Molaidh mise thu gu sìorraidh, a chionn gun do rinn thu e; agus feithidh mi air d’ainm-sa, oir tha e math an làthair do naomh.
Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.
An uair a chuimhnicheas mi ort air mo leabaidh, a bheachd-smaoinicheas mi ort ann am fairean na h‑oidhche. A chionn gu robh thu ad chobhair agam, uime sin fo sgàil do sgiathan nì mi gàirdeachas.
Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:
Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath-nuadhachadh o là gu là. Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach; Air dhuinne a bhith ag amharc chan ann air na nithean a tha rim faicinn, ach air na nithean nach eil rim faicinn: oir tha na nithean a chìthear aimsireil; ach tha na nithean nach faicear sìorraidh.
Mar sin bidh eòlas a’ ghliocais dod anam, ma gheibh thu e; agus nuair a thig do chrìoch, cha ghearrar as do dhòchas.
Cia mòr do mhaitheas, a thaisg thu dhaibhsan don eagal thu, a rinn thu dhaibhsan a dh’earbas asad, am fianais clann nan daoine!
Oir is ann uime seo a tha sinn an dà chuid ri saothair, agus a’ fulang maslaidh, do bhrìgh gu bheil dòchas againn anns an Dia bheò, neach as e Slànaighear nan uile dhaoine, gu h‑àraidh nan creidmheach.
A‑nis gun tugadh ar Tighearna Iosa Crìosd e fhèin, agus Dia, eadhon ar n‑Athair-ne, a ghràdhaich sinn, agus a thug dhuinn sòlas sìorraidh, agus dòchas math tre ghràs, Comhfhurtachd dur cridhe-se, agus gun daingnicheadh e sibh anns gach uile dheagh fhacal agus ghnìomh.
Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;
Agus a‑nis ciod ris am feith mi, a Thighearna? Tha mo dhòchas annadsa. Saor mi o m’easaontasan uile; na dèan ball-maslaidh an amadain dhìom.
Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.
Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh-san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch.
Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?
A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn, Dhàsan gu robh glòir anns an eaglais tre Iosa Crìosd, air feadh gach uile linn, gu saoghal nan saoghal. Amen.
Airson an dòchais a tha air a thasgadh fa ur comhair air nèamh, air an cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil:
A nochd dhomh teanntachdan mòra agus cruaidhe, a bheothaicheas mi a‑rìs, agus o dhoimhneachdan na talmhainn a bheir mi a‑nìos a‑rìs? Meudaichidh tu mo mhòrachd, agus air gach taobh bheir thu sòlas dhomh.
Tha an Tighearna ceart na uile shlighean, agus naomh na uile ghnìomharan. Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn.
Agus anns an là sin theirear, Feuch, is e seo ar Dia-ne; dh’fheith sinn ris, agus thèarainn e sinn; is e seo an Tighearna, dh’fheith sinn ris, nì sinn gàirdeachas agus uaill na shlàinte.
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.
Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.
Oir tha dòchas à craoibh, ma ghearrar sìos i, gum fàs i a‑rìs, agus nach fàilnich a faillean òg. Ged fhàs a freumh sean anns an talamh, agus anns an ùir ged bhàsaich a stoc; Trìd fhàile an uisge ùr‑fhàsaidh i, agus bheir i a‑mach geugan mar òg‑chraoibh.
Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Cùm suas mi a rèir d’fhacail, agus mairidh mi beò; agus na leig fo nàire mi a‑thaobh mo dhòchais.
Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:
Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast;
Ann an teinn ghairm mi air an Tighearna; fhreagair an Tighearna mi, gam chur ann an ionad farsaing. Tha an Tighearna leam, chan eagal leam ciod a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.
Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à duine. Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à uachdarain.
Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn.
Iadsan a chuireas sìol le deòir, buainidh iad le gàirdeachas. Esan a thèid a‑mach agus a ghuileas, ag iomchar rogha sìl, gu cinnteach thig e a‑rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab.
Muinntir trìdsan a tha a’ creidsinn ann an Dia a thog esan o na mairbh, agus a thug glòir dha, a‑chum gum biodh ur creideamh agus ur muinghinn ann an Dia.
Gidheadh, tha mi a‑ghnàth maille riut; chùm thu suas mi air do dheas-làimh. Led chomhairle stiùraidh tu mi, agus fa dheòidh gabhaidh tu mi a‑chum glòire. Cò a tha agam anns na nèamhan ach thusa? Agus an coimeas riut chan eil neach air thalamh air a bheil mo dhèidh. Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh.
Abraibh riùsan a tha lag-chridheach, Bithibh làidir, na biodh eagal oirbh; feuch, thig ur Dia le dìoghaltas, is e Dia le ath-dhìoladh; thig e fhèin, agus saoraidh e sibh.
Dh’fheith mi le foighidinn ris an Tighearna, agus chrom e thugam, agus chuala e mo ghlaodh. Cha d’fhalaich mi d’fhìreantachd ann am meadhon mo chridhe; chuir mi an cèill d’fhìrinn agus do shlàinte; cha do cheil mi do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn on choitheanal mhòr. A Thighearna, na cùm-sa do chaomh-thròcairean uam; gleidheadh do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn a‑ghnàth mi. Oir dh’iadh uilc gun àireamh mun cuairt orm; ghlac m’euceartan mi, agus chan eil e an comas dhomh sealltainn suas; nas lìonmhoire tha iad na falt mo chinn, agus thrèig mo chridhe mi. Guma toil leat, a Thighearna, mo theasairginn; greas, a Thighearna, a‑chum mo chuideachaidh. Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile a tha ag iarraidh m’anama ga sgrios; ruaigear air an ais agus nàraichear iadsan a tha a’ guidhe uilc dhomh. Aonaranach gu robh iadsan mar thuarasdal an nàire, a their riumsa, Ahà, ahà! Dèanadh iadsan uile a dh’iarras thusa gàirdeachas agus aoibhneas annad; abradh iadsan an còmhnaidh a ghràdhaicheas do shlàinte, Mòr-mholadh gu robh don Tighearna. Tha mise bochd agus uireasbhaidheach, ach smaoinichidh an Tighearna orm. Is tusa m’fhear-cobhair agus m’fhear-saoraidh; a Dhè, na dèan moille. Agus thug e a‑nìos à sloc uamhainn mi, à clàbar làthaich, agus chuir e mo chasan air carraig; shocraich e mo cheuman.
Is gràsmhor an Tighearna, agus cothromach; agus is tròcaireach ar Dia-ne. Gleidhidh an Tighearna na daoine aon-fhillte; dh’ìslicheadh mi, agus theasairg e mi.
A bhràithrean, chan eil mi a’ meas gun do ghlac mi greim: ach aon nì tha mi a’ dèanamh, air dhomh na nithean a tha air mo chùl a dhìochuimhneachadh, agus a bhith gam shìneadh fhèin a‑chum nan nithean a tha romham, Tha mi a’ dian-ruith a dh’ionnsaigh a’ chomharraidh, a‑chum duais àrd-ghairm Dhè ann an Iosa Crìosd.
Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn, Oir gu deimhinn smachdaich iadsan sinn rè beagan làithean a rèir an toile fhèin; ach esan a‑chum ar leas, ionnas gum bitheamaid nar luchd-compàirt de a naomhachd. Ach cha mheasar smachdachadh air bith am feadh tha e an làthair sòlasach, ach doilgheasach: gidheadh, na dhèidh sin bheir e uaithe toradh sìochail na fìreantachd don dream a tha gu dligheach air an cleachdadh ris. Uime sin, togaibh suas na làmhan a tha air tuiteam sìos, agus neartaichibh na glùinean laga; Agus dèanaibh cas-cheuman dìreach dur casan, air eagal gum bi an nì sin a tha bacach air a thionndadh as an t‑slighe; ach gum bu mhò a bhiodh e air a shlànachadh. Leanaibh sìth maille ris na h‑uile dhaoine, agus naomhachd, nì as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna: A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh: Air eagal gum bi fear-strìopachais ann, no neach mì‑naomh sam bith mar Esau, a reic airson aon ghreim bìdh còir a chiad-bhreith. Oir tha fhios agaibh nuair a b’àill leis, an dèidh sin, am beannachadh a shealbhachadh, gun do dhiùltadh e: oir cha d’fhuair e àit aithreachais, ged a dh’iarr e e gu dùrachdach le deòir. Oir cha tàinig sibh a‑chum an t‑slèibh ris am faodte beantainn, agus a bha a’ losgadh le teine, no a‑chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn, Agus fuaim na trompaid, agus guth nam briathar, ionnas gun do ghuidh an dream a chuala e nach labhairte am facal riu tuilleadh: Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.
Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad. Is lìonmhor àmhgharan an fhìrein, ach asda air fad saoraidh an Tighearna e.
Tha sinn fo thrioblaid air gach taobh, gidheadh chan eil sinn ann an teanntachd; tha sinn ann an ioma-chomhairle, gidheadh gun sinn a bhith ann an eu‑dòchas; Air ar geur-leanmhainn, gidheadh gun a bhith air ar trèigsinn; air ar tilgeadh sìos, gidheadh gun a bhith air ar sgrios;
Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile: Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna; A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:
Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.
Oir riamh cha chuala daoine, cha d’fhairich iad len cluais, cha mhò a chunnaic sùil, dia eile ach thusa, a nì a leithid airson an tì a dh’fheitheas air.
Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.
Uime sin, an dream a dh’fhuilingeas a rèir toil Dhè, earbadh iad an anaman ris-san ann an dèanamh maith, mar ri Cruithear dìleas.
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd: Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn. Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite. Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile. Oir gus an lagh, bha peacadh anns an t‑saoghal: ach cha chuirear peacadh as leth dhaoine far nach eil lagh. Gidheadh, rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, eadhon thar an dream nach do pheacaich a rèir coslas eas-ùmhlachd Adhaimh, neach as e samhladh an tì ud a bha ri teachd: Ach chan ann mar an cionta a tha an saor-thìodhlac. Oir ma fhuair mòran bàs tre chionta aoin, is mò gu mòr na sin a tha gràs Dhè, agus an tìodhlac tro ghràs a tha tre aon duine, Iosa Crìosd, pailt do mhòran. Agus chan ann mar tre aon duine a pheacaich, mar sin a tha an tabhartas: oir bha am breitheanas tre aon chionta, a‑chum dìtidh: ach tha an saor-thabhartas o mhòran euceartan a‑chum fìreanachaidh. Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis, agus tabhartas na fìreantachd, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd. Uime sin mar tre chionta aon duine a thàinig breitheanas air na h‑uile dhaoine a‑chum dìtidh, is amhail sin mar an ceudna tre fhìreantachd aoin a thàinig an saor-thìodhlac air na h‑uile dhaoine a‑chum fìreanachadh na beatha. Oir mar tre eas-ùmhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacaich, is amhail sin tre ùmhlachd aon duine a nìthear mòran nam fìreanan. Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè.
Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh. Gu dearbh saoraidh e thu o rib an eunadair, on phlàigh mhilltich. Le a iteagan còmhdaichidh e thu, agus fo a sgiathan bidh d’earbsa; bidh a fhìrinn na sgèith agus na targaid dhut.
Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic. A Thighearna nan slògh, is beannaichte an duine a chuireas a dhòigh annadsa.
Oir le aoibhneas thèid sibh a‑mach agus le sìth stiùrar sibh air ur n‑aghaidh: togaidh na slèibhtean agus na cnuic romhaibh àrd iolach, agus uile chraobhan na machrach buailidh am basan. An àite droighne fàsaidh an giuthas, agus an àite drise fàsaidh am miortal; agus bidh e don Tighearna mar ainm, mar chomharradh bith-bhuan, nach cuirear as àite.
Tha mi a’ gairm seo a‑rìs gum aire; uime sin tha dòchas agam. Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean. Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd! Is e an Tighearna mo chuibhreann, tha m’anam ag ràdh; uime sin cuiridh mi mo dhòchas ann.
Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid. Agus ma tha Crìosd annaibh, tha an corp marbh gu deimhinn a‑thaobh peacaidh; ach is beatha an Spiorad a‑thaobh fìreantachd. Ach ma tha Spiorad an tì a thog Iosa o na mairbh a’ gabhail còmhnaidh annaibh, an tì a thog Crìosd o na mairbh, beothaichidh e mar an ceudna ur cuirp bhàsmhor-se, tre a Spiorad-san a tha a chòmhnaidh annaibh. Uime sin, a bhràithrean, tha sinn fo fhiachan, chan ann don fheòil, a‑chum ar beatha a chaitheamh a rèir na feòla. Oir ma chaitheas sibh ur beatha a rèir na feòla, gheibh sibh bàs: ach ma mharbhas sibh tre an Spiorad gnìomharan na colainn, bidh sibh beò. Oir a mheud is a tha air an treòrachadh le Spiorad Dhè, is iad mic Dhè. Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd-mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair. Tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh fianais maille ri ar spiorad-ne gur sinn clann Dhè: Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna. Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn. Oir tha dùil dhùrachdach a’ chruthachaidh a’ feitheamh ri foillseachadh clann Dhè. Oir shaor lagh Spiorad na beatha, ann an Iosa Crìosd, mise o lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis.
Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu. Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear-cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte; Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan. Oir mar a chuireas an talamh a‑mach a chinneas, agus mar a bheir an lios air an t‑sìol fàs a‑nìos; mar sin bheir an Tighearna Iehòbhah air fìreantachd agus moladh fàs suas an làthair nan uile chinneach. A dh’èigheach bliadhna thaitneach an Tighearna, agus là dìoghaltas ar Dè‑ne; a thoirt comhfhurtachd dhaibhsan uile a tha ri bròn; A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.
Nì an dòchas anns an cuirear moille an cridhe tinn; ach is craobh beatha am miann nuair a thig e.
Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.
Treòraich mi ann ad fhìrinn agus teagaisg mi, oir is tusa Dia mo shlàinte, agus ortsa tha mi a’ feitheamh gach là.
An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?
Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn. Agus ma tha fhios againn gun èisd e rinn, ge bè nì a dh’iarras sinn, tha fhios againn gu bheil ar n‑iarrtais, a dh’iarr sinn air, againn.
Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam.
A Thighearna, chuala tu miann nan daoine bochda; deasaichidh tu an cridhe; bheir thu air do chluais èisdeachd,
Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.
Ghlaodh mi riut, a Thighearna; thubhairt mi, Is tu mo thèarmann, mo chuibhreann ann an tìr nam beò.
Agus is miann leinn gun dèan gach aon agaibh an dùrachd ceudna a nochdadh, a‑chum làn-dearbhadh an dòchais gus a’ chrìoch: A‑chum nach bi sibh leisg, ach nur luchd-leanmhainn orrasan, a tha tre chreideamh agus fhoighidinn a’ sealbhachadh nan geallaidhean.
Nach aithne dhut, nach cuala tu? An Dia bithbhuan, an Tighearna, Cruithear crìochan na talmhainn, chan fhannaich agus cha sgìthich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh. Bheir esan neart don anfhann, agus dhaibhsan a tha gun lùth meudaichidh e treise.
Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear-saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh: Agus an dèidh dhaibh seo mo chraiceann a chnàmh, gidheadh ann am fheòil gum faic mi Dia: Neach a chì mise air mo shon fhèin, agus air an amhairc mo shùilean-sa, agus chan e neach eile: seo uile chuir mi suas am chom fhèin.
Bi ad thosd an làthair an Tighearna, agus feith le foighidinn air; na biodh campar ort mun tì a shoirbhicheas na shlighe, mun fhear a bheir a dhroch innleachdan gu buil. Leig fearg dhìot, agus trèig corraich; na biodh campar ort air aon chor a‑chum uilc. Oir gearrar as droch dhaoine, ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, buan-mhealaidh iad an talamh.
Dèanaibh uaill as a ainm naomh-san; biodh gàirdeachas air cridhe na dream a dh’iarras an Tighearna. Thug an tìr a‑mach losgainn gu pailt, ann an seòmraichean an rìghrean. Labhair e, agus thàinig iomadh gnè chuileag agus mialan nan crìochan uile. Airson an uisge thug e dhaibh clach-mheallain, agus teine lasrach, nan tìr. Agus bhuail e an croinn-fhìona agus an croinn-fhìge; agus bhris e craobhan nan crìoch. Labhair e, agus thàinig lòcaist agus burrais, agus sin gun àireamh. Agus dh’ith iad gach luibh nan tìr, agus dh’ith iad meas am fearainn. Agus bhuail e gach ciad-ghin nan tìr, toiseach an neirt uile. Agus thug e a‑mach iad le airgead agus le òr, agus nan treubhan uile cha robh aon neach lag. Bha aoibhneas air an Eiphit nuair a chaidh iad a‑mach, oir thuit an eagal-san orra. Sgaoil e neul mar chòmhdach, agus teine gu solas a thoirt anns an oidhche. Iarraibh an Tighearna agus a neart; iarraibh a ghnùis a‑ghnàth.
Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.
Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.
Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.
Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.
Ghairm mi ort, oir èisdidh tu rium, a Dhè; aom do chluas am ionnsaigh, cluinn mo chainnt. Taisbein do choibhneas iongantach, O thusa a shaoras led dheaslàimh iadsan a dh’earbas asad, uapasan a dh’èireas suas nan aghaidh.
Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith-bhuan air an ceann; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh.
Cuiribh air gach àm ur dòigh ann, O a shluagh; dòirtibh a‑mach ur cridhe na fhianais; tha Dia na thèarmann dhuinn. Selah.
Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.
Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna. Nach eil thu a’ creidsinn gu bheil mise anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa? Na briathran a tha mi a’ labhairt ribh, chan ann uam fhèin a tha mi gan labhairt: ach an t‑Athair, a tha a’ gabhail còmhnaidh annamsa, tha esan a’ dèanamh nan obraichean. Creidibh mise gu bheil mi anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa; no, creidibh mi airson nan obraichean fhèin. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam-sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar. Agus ge bè nì a dh’iarras sibh am ainm-sa, nì mise sin: a‑chum gum bi an t‑Athair air a ghlòrachadh anns a’ Mhac. Ma dh’iarras sibh nì air bith am ainm-sa, nì mise e. Mas toigh leibh mise, coimheadaibh m’àitheantan: Agus guidhidh mise an t‑Athair, agus bheir e dhuibh Comhfhurtair eile, a‑chum gum fan e maille ribh gu bràth; Spiorad na fìrinn; neach nach urrainn an saoghal a ghabhail, do bhrìgh nach eil e ga fhaicinn, agus nach aithne dha e: ach is aithne dhuibhse e, oir tha e fantainn maille ribh, agus bidh e annaibh. Chan fhàg mi sibh nur dìlleachdain: thig mi dur n‑ionnsaigh. Tamall beag fhathast, agus chan fhaic an saoghal mi tuilleadh; ach chì sibhse mi: do bhrìgh gu bheil mise beò, bidh sibhse beò mar an ceudna. Ann an taigh m’Athar-sa tha iomadh àite-còmhnaidh: mura biodh e mar sin, dh’innsinn-sa dhuibh. Tha mi a’ dol a dh’ullachadh àite dhuibh. Anns an là sin bidh fhios agaibh gu bheil mise ann am Athair, agus sibhse annamsa, agus mise annaibh-se. An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha. Thubhairt Iùdas (chan e Iscariot) ris, A Thighearna, carson a dh’fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin don t‑saoghal? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris. An tì nach gràdhaich mise, cha choimhead e mo bhriathran: agus am facal a tha sibh a’ cluinntinn, cha leamsa e, ach leis an Athair a chuir uaithe mi. Na nithean seo labhair mi ribh, air dhomh a bhith am chòmhnaidh maille ribh: Ach an Comhfhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair uaithe ann am ainm-sa, teagaisgidh esan dhuibh na h‑uile nithean, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh na h‑uile nithean a labhair mise ribh. Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air. Chuala sibh mar a thubhairt mi ribh, Tha mi a’ falbh, agus thig mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh. Nam biodh gràdh agaibh dhòmhsa, bhiodh aoibhneas oirbh, a chionn gun dubhairt mi, Tha mi a’ dol a‑chum an Athar: oir is mò m’Athair na mise. Agus a‑nis dh’innis mi dhuibh seo ro dha teachd gu crìch, a‑chum, nuair a thig e gu crìch, gun creideadh sibh. Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rìs, agus gabhaidh mi sibh am ionnsaigh fhèin; a‑chum far a bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna.
Thigibh, èisdibh, sibhse uile air a bheil eagal Dhè, agus cuiridh mi an cèill na rinn e airson m’anama. Ghlaodh mi ris lem bheul, agus dh’àrdaicheadh e lem theangaidh. Ma bheir mi spèis do euceart am chridhe, chan èisd an Tighearna rium. Gu dearbh dh’èisd Dia, thug e an aire do ghuth m’ùrnaigh. Seinnibh glòir a ainme, dèanaibh a chliù glòrmhor. Beannaichte gu robh Dia, nach do thionndaidh m’ùrnaigh uaithesan agus a thròcair uamsa.
Ach naomhaichibh an Tighearna Dia nur cridheachan: agus bithibh ullamh a‑ghnàth a‑chum freagradh a thoirt, maille ri ceannsachd agus eagal, do gach uile dhuine a dh’iarras oirbh reuson an dòchais a tha annaibh:
Cò a sgaras sinn o ghràdh Chrìosd? An dèan trioblaid, no àmhghar, no geur-leanmhainn, no gorta, no lomnochdaidh, no cunnart, no claidheamh? (A rèir mar a tha e sgrìobhte, Air do shon-sa mharbhadh sinn rè an là; mheasadh sinn mar chaoraich a‑chum marbhaidh.) Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.
Pòl, abstol Iosa Crìosd, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear, agus an Tighearna Iosa Crìosd, neach as e ar dòchas;
O Thighearna, dèan tròcair oirnn; ortsa tha sinn a’ feitheamh; bi thusa ad ghàirdean dhaibh gach madainn; ar slàinte fòs ri àm na h‑airce.
Oir falaichidh e mi na sgàth-thaigh ann an là an uilc; falaichidh e mi ann an diamhaireachd a phàillein; air carraig togaidh e suas mi.
Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.
Ach cha b’àill leam, a bhràithrean, sibh a bhith aineolach a‑thaobh na muinntir sin a tha nan cadal, a‑chum nach dèan sibh bròn, eadhon mar dhaoine eile aig nach eil dòchas. Oir ma chreideas sinn gun d’fhuair Iosa bàs, agus gun d’èirich e a‑rìs, amhail sin mar an ceudna an dream a chaidil ann an Iosa, bheir Dia maille ris.
An dìochuimhnich màthair a leanabh-cìche, gun iochd a dhèanamh air mac a cuim? Faodaidh eadhon iadsan dìochuimhneachadh, ach cha dìochuimhnich mise thusa. Feuch air deàrnan mo làmh gheàrr mi thu; tha do bhallachan am fhianais an còmhnaidh.
Ach a‑nis air dhuibh a bhith saor on pheacadh, agus nur seirbhisich do Dhia, tha ur toradh agaibh a‑chum naomhachd, agus a’ chrìoch a’ bheatha mhaireannach.
A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.
Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh-ne.
Agus chuir e òran nuadh ann am bheul, òran-molaidh dar Dia: chì mòran e, agus bidh eagal orra, agus earbaidh iad as an Tighearna.