Tha fìor bhuaidh a’ tighinn bhon ghràdh a th’ aig Dia dhuinn, gràdh as urrainn dhuinn a-nis tòiseachadh air a nochdadh dha. ’S e creideamh, dòchas agus gràdh tiodhlacan Dhè dha chlann.
Tha ar comas earbsa a chur ann a’ toirt oirnn a bhith nar fìor chlann dha, oir ’s ann dìreach aig a chlann a tha eòlas air an Athair, agus mar sin, tha e comasach dhuinn fois a ghabhail na fhacal.
’S e sòlas a th’ ann, sìth nach gabh mìneachadh a lìonas beatha na fheadhainn a chreideas ann an Dia.
Nuair a thaghas tu feitheamh air an Spiorad Naomh, bidh sin gad dhèanamh làidir nad fhaireachdainnean, agus ’s e seo a’ bhuaidh a tha gad sgaradh bhon chòrr. Fiù ’s nuair a tha e coltach gu bheil an saoghal agad a’ tuiteam às a chèile, bidh do chreideamh ann an Iosa do-sheachanta.
Tha feadhainn nach eil air an giùlan air falbh leis na tha an saoghal ag èigheach, ach a tha a’ cumail ri facal Dhè, nam feadhainn bhuadhach.
Na caill dòchas anns an Tighearna, cùm do shùil air an amas, ged a tha an rathad a’ coimhead do-dhèanta agus ged nach eil comharradh air slighe a-mach, aig àm air choreigin obraichidh Dia.
Cùm gràdh nad chridhe, oir ’s ann tron ghràdh a th’ agad do Dhia a mhaireas tu gun a bhith a’ trèigsinn an adhbhair airson an deach do ghairm agus do thoirt a-mach às an dorchadas don t-solas.
Neartaich thu fhèin anns a’ chreideamh, leugh facal an Tighearna gach latha agus na bi ann an teagamh mu rud sam bith a thuirt e riut, oir chan eil Dia a’ dèanamh breug. Cumas e a gheallaidhean agus tha e a’ cumail a’ chùmhnaint a rinn e riutsa agus ri d’ sinnsearan.
Air an adhbhar sin tha mi ag ràdh ribh, Ge bè nithean air bith a dh’iarras sibh ann an ùrnaigh, creidibh gum faigh sibh, agus gheibh sibh iad.
A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.
Ach iarradh e le creideamh, gun a bhith fo amharas sam bith: oir an tì a tha fo amharas, is cosmhail e ri tonn na fairge a shèidear le gaoith, agus a tha air a luasgadh a‑null agus a‑nall.
Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.
Ach thubhairt Iosa ris, Mas urrainn thusa creidsinn, tha gach aon nì comasach don neach a chreideas.
Oir tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh ann tre chreideamh gu creideamh: mar a tha e sgrìobhte, Bidh am fìrean beò tre chreideamh.
Is amhail sin creideamh mar an ceudna, mura bi obraichean aige, tha e marbh, air dha a bhith leis fhèin.
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas, chan e a‑mhàin gun dèan sibh an nì a rinneadh air a’ chrann-fìge, ach mar an ceudna ma their sibh ris a’ bheinn seo, Bi air do thogail, agus air do thilgeadh anns an fhairge, bidh e dèante:
Dom bheil sibh a’ toirt gràidh, ged nach faca sibh e; agus ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn, air dhuibh a bhith a’ creidsinn ann, tha sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachais le aoibhneas air dol thar labhairt, agus làn de ghlòir: A’ faotainn crìoch ur creidimh, eadhon slàinte ur n‑anama:
Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò: Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo?
Agus ge bè air bith nithean a dh’iarras sibh nur n‑ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad.
Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.
Tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son-se, a bhràithrean, mar as cubhaidh, do bhrìgh gu bheil ur creideamh a’ fàs gu ro‑mhòr, agus gu bheil gràdh gach aoin agaibh uile a’ meudachadh da chèile:
Oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè neach a their ris a’ bheinn seo, Togar thu, agus tilgear anns an fhairge thu, agus nach bi fo amharas na chridhe, ach a chreideas gun tachair na nithean a their e, thig gach nì a their e gu crìch dha.
Feuch, chan eil a anam-san, a tha air a thogail suas, ceart an taobh a‑staigh dheth; ach mairidh am fìrean beò le a chreideamh.
Ach, O dhuine dhìomhain, an àill leat fios fhaotainn gu bheil creideamh as eugmhais obraichean marbh?
Gun deònaicheadh e dhuibh a rèir saoibhreas a ghlòire, a bhith air ur neartachadh gu treun, tre a Spiorad-san anns an duine an leth a‑staigh; Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh,
Oir gach uile nì a ghinear o Dhia, bheir e buaidh air an t‑saoghal: agus is i seo a’ bhuaidh a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, eadhon ar creideamh-ne.
Gabhaibh ris an neach a tha anfhann anns a’ chreideamh, ach chan ann a‑chum deasbaireachd amharasaich.
Oir is ann leis a’ chridhe a chreidear a‑chum fìreantachd, agus leis a’ bheul a dh’aidichear a‑chum slàinte.
Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh.
Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.
Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Còmhraig deagh chòmhrag a’ chreidimh, gabh greim den bheatha mhaireannaich, a‑chum mar an ceudna an do ghairmeadh thu, agus dh’aidich thu deagh aidmheil an làthair mòran fhianaisean.
Thubhairt Iosa ris, Airson gum faca tu mi, a Thòmais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach faca, agus a chreid.
Oir tha mi ag ràdh, tron ghràs a thugadh dhomh, ris gach neach nur measg, gun smaoineachadh uime fhèin nas àirde na as còir dha smaoineachadh; ach smaoineachadh ann am measarrachd, a rèir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh.
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam-sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar.
Uime sin is ann o chreideamh a tha an oighreachd, ionnas gum biodh i tre ghràs: a‑chum gum biodh an gealladh daingeann don t‑sìol uile, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a bhuineas don lagh, ach mar an ceudna dhaibhsan a bhuineas do chreideamh Abrahàim, neach as e ar n‑athair-ne uile,
Agus air dha gun a bhith anfhann ann an creideamh, cha do chuir e an suim gu robh a chorp fhèin a‑nis marbh, air dha a bhith timcheall ceud bliadhna a dh’aois, no mairbhe brù Shàra:
Agus thubhairt Iosa ris, Imich; shlànaich do chreideamh thu. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa anns an t‑slighe.
Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air.
Oir is sibhse uile mic Dhè tre chreideamh ann an Iosa Crìosd. Oir a mheud agaibh is a bhaisteadh do Chrìosd, chuir sibh umaibh Crìosd.
Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.
Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.
Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh.
Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thuras, ghlèidh mi an creideamh. O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd-san.
Ach esan a nì eadar-dhealachadh tha e air a dhìteadh ma dh’itheas e, a chionn nach ann o chreideamh a tha e ag ithe: oir gach nì nach eil o chreideamh, is peacadh e.
Agus a‑nis fanaidh creideamh, dòchas, gràdh, na trì nithean seo; ach is e an gràdh as mò dhiubh seo.
Na dèanadh duine sam bith tarcais air d’òige; ach bi thusa ad eisempleir do na creidmhich, ann am facal, ann an caitheamh-beatha, ann an gràdh, ann an spiorad, ann an creideamh, ann am fìorghlaine.
An tì a chreideas annamsa, mar a tha an sgriobtar ag ràdh, sruthaidh as a bhroinn aibhnichean de uisge beò.
Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e: Chan ann o obraichean, a‑chum nach dèanadh neach air bith uaill:
Ach nuair a chuala Iosa seo, fhreagair e e, ag ràdh, Na biodh eagal ort: a‑mhàin creid, agus bidh i air a slànachadh.
Ach dh’fhàg an sgriobtar na h‑uile dhaoine dùinte anns a’ pheacadh, a‑chum gum biodh an gealladh tre chreideamh Iosa Crìosd air a thoirt dhaibhsan a tha a’ creidsinn.
Agus thubhairt iadsan, Creid anns an Tighearna Iosa Crìosd, agus tèarnar thu fhèin, agus do thaigh.
Ach a‑nis tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh as eugmhais an lagha, a’ faotainn fianais on lagh agus o na fàidhean; Eadhon fìreantachd Dhè tre chreideamh Iosa Crìosd, do na h‑uile, agus air na h‑uile a chreideas; oir chan eil eadar-dhealachadh ann:
Oir tha dèidh agam air sibhse fhaicinn, ionnas gum pàirtich mi tìodhlac àraidh spioradail ribh, a‑chum ur neartachadh; Sin ri ràdh, a‑chum gum faigh mi comhfhurtachd annaibhse, tre chreideamh a chèile, ur creideamh-se, agus mo chreideamh-sa.
Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal gum bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mì‑chreidimh, ann an trèigsinn an Dè bheò.
Ach air a bhith dhuibhse, a mhuinntir ionmhainn, gur togail fhèin suas nur creideamh ro‑naomh, a’ dèanamh ùrnaigh anns an Spiorad Naomh, Coimheadaibh sibh fhèin ann an gràdh Dhè, le sùil ri tròcair ar Tighearna Iosa Crìosd a‑chum na beatha maireannaich.
Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Biodh creideamh Dhè agaibh. Oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè neach a their ris a’ bheinn seo, Togar thu, agus tilgear anns an fhairge thu, agus nach bi fo amharas na chridhe, ach a chreideas gun tachair na nithean a their e, thig gach nì a their e gu crìch dha. Air an adhbhar sin tha mi ag ràdh ribh, Ge bè nithean air bith a dh’iarras sibh ann an ùrnaigh, creidibh gum faigh sibh, agus gheibh sibh iad.
Agus thubhairt na h‑Abstoil ris an Tighearna, Meudaich ar creideamh. Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh.
Oir gach uile nì a ghinear o Dhia, bheir e buaidh air an t‑saoghal: agus is i seo a’ bhuaidh a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, eadhon ar creideamh-ne. Cò an tì a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, ach esan a tha a’ creidsinn gur e Iosa Mac Dhè?
An t‑adhbhar airson a bheil mi mar an ceudna a’ fulang nan nithean seo: gidheadh chan eil nàire orm: oir tha fhios agam cò ann a chreid mi, agus is dearbh leam gu bheil esan comasach air an nì sin a dh’earb mi ris a choimhead fa chomhair an là sin.
Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa. Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.
Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.
Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.
Agus cuiridh iadsan don aithne d’ainm an dòigh annad, oir cha trèig thusa, a Thighearna, iadsan a dh’iarras thu.
Dh’iarr mi an Tighearna, agus dh’èisd e rium, agus shaor e mi o gach adhbhar eagail a bha agam.
Thar gach uile nì, a’ glacadh dur n‑ionnsaigh sgiath a’ chreidimh, leis am bi sibh comasach air uile shaighdean teinnteach an droch Spioraid a mhùchadh.
Uime sin mar a ghabh sibh dur n‑ionnsaigh an Tighearna Iosa Crìosd, gluaisibh ann: Air dhuibh a bhith air ur freumhachadh agus air ur togail suas annsan, agus air ur daingneachadh anns a’ chreideamh, a rèir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann le breith-buidheachais.
Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):
Agus a thuilleadh air seo, air dèanamh an uile dhìchill dhuibh, cuiribh ri ur creideamh deagh-bheus; agus ri deagh-bheus eòlas; Agus ri eòlas stuaim; agus ri stuaim foighidinn; agus ri foighidinn diadhachd; Agus ri diadhachd gràdh bràthaireil; agus ri gràdh bràthaireil seirc.
Agus tre chreideamh na ainm neartaich e an tì seo, a tha sibhse a’ faicinn, agus as aithne dhuibh: seadh, thug a ainm-san agus an creideamh a tha trìd-san, dhàsan an t‑slàinte iomlan seo nur làthair-se uile.
Bidh iadsan a dh’earbas as an Tighearna mar shliabh Shioin, nach caraichear, ach a mhaireas gu sìorraidh.
Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:
Agus cha do chuir e an amharas gealladh Dhè le mì‑chreideamh; ach bha e làidir ann an creideamh, a’ toirt glòire do Dhia: Agus bha làn-chinnt aige, an tì a thug an gealladh, gur comasach e air a choileanadh.
Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd: Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn. Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite. Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile. Oir gus an lagh, bha peacadh anns an t‑saoghal: ach cha chuirear peacadh as leth dhaoine far nach eil lagh. Gidheadh, rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, eadhon thar an dream nach do pheacaich a rèir coslas eas-ùmhlachd Adhaimh, neach as e samhladh an tì ud a bha ri teachd: Ach chan ann mar an cionta a tha an saor-thìodhlac. Oir ma fhuair mòran bàs tre chionta aoin, is mò gu mòr na sin a tha gràs Dhè, agus an tìodhlac tro ghràs a tha tre aon duine, Iosa Crìosd, pailt do mhòran. Agus chan ann mar tre aon duine a pheacaich, mar sin a tha an tabhartas: oir bha am breitheanas tre aon chionta, a‑chum dìtidh: ach tha an saor-thabhartas o mhòran euceartan a‑chum fìreanachaidh. Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis, agus tabhartas na fìreantachd, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd. Uime sin mar tre chionta aon duine a thàinig breitheanas air na h‑uile dhaoine a‑chum dìtidh, is amhail sin mar an ceudna tre fhìreantachd aoin a thàinig an saor-thìodhlac air na h‑uile dhaoine a‑chum fìreanachadh na beatha. Oir mar tre eas-ùmhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacaich, is amhail sin tre ùmhlachd aon duine a nìthear mòran nam fìreanan. Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè.