Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


146 Rannan à Bìoball: Cumhachd a' Chreidimh

146 Rannan à Bìoball: Cumhachd a' Chreidimh


Eabhraidhich 11:1

A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 17:20

Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 10:17

Uime sin, is ann o èisdeachd a thig creideamh, agus èisdeachd tre fhacal Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 11:24

Air an adhbhar sin tha mi ag ràdh ribh, Ge bè nithean air bith a dh’iarras sibh ann an ùrnaigh, creidibh gum faigh sibh, agus gheibh sibh iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 5:7

(Oir tha sinn a’ gluasad a rèir creidimh, agus chan ann a rèir seallaidh.)

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:8

Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:13

Is urrainn mi na h‑uile nithean a dhèanamh tre Chrìosd a neartaicheas mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 1:6

Ach iarradh e le creideamh, gun a bhith fo amharas sam bith: oir an tì a tha fo amharas, is cosmhail e ri tonn na fairge a shèidear le gaoith, agus a tha air a luasgadh a‑null agus a‑nall.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 1:17

Oir tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh ann tre chreideamh gu creideamh: mar a tha e sgrìobhte, Bidh am fìrean beò tre chreideamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 2:20

Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 21:22

Agus ge bè air bith nithean a dh’iarras sibh nur n‑ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 11:6

Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 1:8-9

Dom bheil sibh a’ toirt gràidh, ged nach faca sibh e; agus ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn, air dhuibh a bhith a’ creidsinn ann, tha sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachais le aoibhneas air dol thar labhairt, agus làn de ghlòir: A’ faotainn crìoch ur creidimh, eadhon slàinte ur n‑anama:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 4:20-21

Agus cha do chuir e an amharas gealladh Dhè le mì‑chreideamh; ach bha e làidir ann an creideamh, a’ toirt glòire do Dhia: Agus bha làn-chinnt aige, an tì a thug an gealladh, gur comasach e air a choileanadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:5

Tabhair suas do shlighe don Tighearna, agus earb as, agus nì e e;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 5:4

Oir gach uile nì a ghinear o Dhia, bheir e buaidh air an t‑saoghal: agus is i seo a’ bhuaidh a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, eadhon ar creideamh-ne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 17:5

Agus thubhairt na h‑Abstoil ris an Tighearna, Meudaich ar creideamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 91:2

Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 46:10

Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:1-2

Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd: Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn. Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite. Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile. Oir gus an lagh, bha peacadh anns an t‑saoghal: ach cha chuirear peacadh as leth dhaoine far nach eil lagh. Gidheadh, rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, eadhon thar an dream nach do pheacaich a rèir coslas eas-ùmhlachd Adhaimh, neach as e samhladh an tì ud a bha ri teachd: Ach chan ann mar an cionta a tha an saor-thìodhlac. Oir ma fhuair mòran bàs tre chionta aoin, is mò gu mòr na sin a tha gràs Dhè, agus an tìodhlac tro ghràs a tha tre aon duine, Iosa Crìosd, pailt do mhòran. Agus chan ann mar tre aon duine a pheacaich, mar sin a tha an tabhartas: oir bha am breitheanas tre aon chionta, a‑chum dìtidh: ach tha an saor-thabhartas o mhòran euceartan a‑chum fìreanachaidh. Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis, agus tabhartas na fìreantachd, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd. Uime sin mar tre chionta aon duine a thàinig breitheanas air na h‑uile dhaoine a‑chum dìtidh, is amhail sin mar an ceudna tre fhìreantachd aoin a thàinig an saor-thìodhlac air na h‑uile dhaoine a‑chum fìreanachadh na beatha. Oir mar tre eas-ùmhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacaich, is amhail sin tre ùmhlachd aon duine a nìthear mòran nam fìreanan. Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 9:22

Ach air tionndadh do Iosa mun cuairt, chunnaic e i, agus thubhairt e, A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu. Agus bha a’ bhean slàn on uair sin.)

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 8:48

Agus thubhairt esan rithe, A nighean, biodh misneach agad: shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.)

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:23

Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:13

A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 3:11

Ach is nì follaiseach nach fìreanaichear neach sam bith tre an lagh ann am fianais Dhè: oir, Bidh am fìrean beò tre chreideamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 12:2

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 6:12

Còmhraig deagh chòmhrag a’ chreidimh, gabh greim den bheatha mhaireannaich, a‑chum mar an ceudna an do ghairmeadh thu, agus dh’aidich thu deagh aidmheil an làthair mòran fhianaisean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:8-9

Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à duine. Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à uachdarain.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 9:28-29

Agus nuair a thàinig e a‑steach don taigh, thàinig na doill da ionnsaigh: agus thubhairt Iosa riu, A bheil sibh a’ creidsinn gur comasach mise air seo a dhèanamh? Thubhairt iad ris, Tha, a Thighearna. An sin bhean e rin sùilean, ag ràdh, Biodh e dhuibh a rèir ur creidimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 5:15

Agus slànaichidh ùrnaigh a’ chreidimh an t‑easlan, agus togaidh an Tighearna suas e; agus ma rinn e peacaidhean, maithear dha iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:30

Roghnaich mi slighe na fìrinn; chuir mi do bhreitheanais fam chomhair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 6:16

Thar gach uile nì, a’ glacadh dur n‑ionnsaigh sgiath a’ chreidimh, leis am bi sibh comasach air uile shaighdean teinnteach an droch Spioraid a mhùchadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 16:13

Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 1:24

Chan e gu bheil againne tighearnas air ur creideamh-se, ach is luchd-cuideachaidh sinn dur n‑aoibhneas: oir is ann tre chreideamh a sheas sibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:31

Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 4:5

Ach don tì nach dèan obair, ach a tha a’ creidsinn anns an tì a dh’fhìreanaicheas an duine mì‑dhiadhaidh, measar a chreideamh mar fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Timòteus 1:12

An t‑adhbhar airson a bheil mi mar an ceudna a’ fulang nan nithean seo: gidheadh chan eil nàire orm: oir tha fhios agam cò ann a chreid mi, agus is dearbh leam gu bheil esan comasach air an nì sin a dh’earb mi ris a choimhead fa chomhair an là sin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 27:3

Ged champaicheadh feachd am aghaidh, cha bhiodh eagal air mo chridhe; ged dh’èireadh cogadh am aghaidh, à seo nì mi mo bhun.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 14:13-14

Agus ge bè nì a dh’iarras sibh am ainm-sa, nì mise sin: a‑chum gum bi an t‑Athair air a ghlòrachadh anns a’ Mhac. Ma dh’iarras sibh nì air bith am ainm-sa, nì mise e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 11:32-34

Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir theirgeadh an ùine dhomh ann an labhairt mu Ghideon, Bharac, agus Shampson, agus Iephtah, Dhaibhidh mar an ceudna, agus Shamuel, agus na fàidhean: Muinntir tre chreideamh a cheannsaich rìoghachdan, a dh’obraich fìreantachd, a fhuair geallaidhean, a dhruid beòil leòmhann, A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 15:28

An sin fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, O bhean, is mòr do chreideamh: biodh e dhut mar as àill leat. Agus rinneadh a nighean slàn on uair sin a‑mach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:38

A‑nis bidh am fìrean beò tre chreideamh: ach ma thilleas neach sam bith air ais, cha bhi aig m’anamsa tlachd ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 56:3-4

Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa. Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 3:21

A mhuinntir mo ghràidh, mura dìt ar cridhe sinn, tha dànachd againn a‑thaobh Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 1:37

Oir chan eil nì sam bith do‑dhèante do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:17

Chan fhaigh mi bàs, ach mairidh mi beò, agus cuiridh mi an cèill obraichean an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 18:19-20

A‑rìs tha mi ag ràdh ribh, Ma chòrdas dithis agaibh air thalamh mu thimcheall aon nì a dh’iarras iad, nìthear seo dhaibh lem Athair-sa a tha air nèamh. Agus air do Iosa leanabh beag a ghairm da ionnsaigh, chuir e nam meadhon e. Oir ge bè àite anns a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh an ceann a chèile ann am ainm-sa, tha mise an sin nam meadhon.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 4:13

Air dhuinn an spiorad creidimh sin fhèin a bhith againn, a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chreid mi, agus uime sin labhair mi: tha sinne a’ creidsinn mar an ceudna, agus uime sin tha sinn a’ labhairt;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:31

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 43:2

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:105

Is lòchran d’fhacal dom chois agus solas dom cheum.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 91:14-15

A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:3

Oir tha mi ag ràdh, tron ghràs a thugadh dhomh, ris gach neach nur measg, gun smaoineachadh uime fhèin nas àirde na as còir dha smaoineachadh; ach smaoineachadh ann am measarrachd, a rèir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 1:23

Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 4:2

Oir shearmonaicheadh an soisgeul dhuinne, amhail a rinneadh dhaibhsan: ach cha robh tairbhe dhaibhsan anns an fhacal a chaidh a shearmonachadh, do bhrìgh nach robh e air a mheasgadh le creideamh anns an dream a chuala e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 13:58

Agus cha do rinn e mòran obraichean cumhachdach an sin, airson am mì‑chreidimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 8:25

Agus thubhairt e riu, Càit a bheil ur creideamh? Agus air dhaibh a bhith fo eagal, ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Ciod a’ ghnè dhuine seo? Oir tha e a’ toirt àithne do na gaothan, agus don uisge fhèin, agus tha iad umhail dha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 10:9

Ma dh’aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 2:5

A‑chum gum biodh ur creideamh-se chan ann an gliocas dhaoine, ach ann an cumhachd Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 5:1

Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 6:30

Air an adhbhar sin, ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh feur na machrach a tha an‑diugh ann, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, a dhaoine air bheag creidimh?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 130:5

Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 31:14

Ach dh’earb mise asadsa, a Thighearna; thubhairt mi, Is tusa mo Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 3:14

Oir rinneadh sinn nar luchd-compàirt de Chrìosd, ma chumas sinn toiseach ar muinghinn gu daingeann gus a’ chrìoch;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 1:19

A’ coimhead creidimh agus deagh chogais; nì, air do chuid de dhaoine a chur uapa, rinn iad long-bhriseadh a‑thaobh a’ chreidimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:50

Is e seo mo chomhfhurtachd ann am àmhghar, oir bheòthaich d’fhacal mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 12:21

Agus na ainm-san bidh muinghinn aig na Cinnich.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 69:13

Ach air mo shonsa, tha m’ùrnaigh riutsa, a Thighearna, ann an àm taitneach; a Dhè, ann an lìonmhorachd do thròcair èisd rium, ann am fìrinn do shlàinte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 11:13

Fhuair iad seo uile bàs ann an creideamh, gun na geallaidhean fhaotainn, ach air dhaibh am faicinn fad o làimh (agus an làn-chreidsinn), ghabh iad riu, agus dh’aidich iad gum bu choigrich agus luchd-cuairt air an talamh iad fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 5:6

Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 13:13

Agus a‑nis fanaidh creideamh, dòchas, gràdh, na trì nithean seo; ach is e an gràdh as mò dhiubh seo.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 62:5-6

A‑mhàin air Dia feith, O m’anam, oir is ann uaithesan a tha mo dhòchas. Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:28

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 3:3

Ach tha thusa, a Thighearna, ad sgèith dhòmhsa; mo ghlòir agus fear-togail mo chinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 4:19

Agus thubhairt e riu, Leanaibh mise, agus nì mi iasgairean air daoine dhibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 6:14

Oir cha bhi aig a’ pheacadh tighearnas oirbh: oir chan eil sibh fon lagh, ach fo ghràs.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 121:1-2

Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair. Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 5:7

A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air-san: oir tha cùram aige dhibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 1:6

Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 10:13

Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 15:6

Agus chreid e anns an Tighearna; agus mheas e sin dha mar ionracas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 10:13

Oir ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna tèarnar e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 17:14-20

Agus nuair a thàinig iad a‑chum an t‑sluaigh, thàinig duine àraidh da ionnsaigh, a’ tuiteam air a ghlùinean dha, agus ag ràdh, A Thighearna, dèan tròcair air mo mhac, oir tha e gu tinn leis an tuiteamaich, agus is mòr an cràdh a tha e a’ fulang: oir tha e gu minig a’ tuiteam anns an teine, agus gu minig anns an uisge. Agus thug mi e a dh’ionnsaigh do dheisciobal, agus cha b’urrainn iad a leigheas. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, A ghinealaich neo-chreidmhich agus choirbte, cia fhad a dh’fhulaingeas mi sibh? Thugaibh am ionnsaigh-sa an seo e. Agus chronaich Iosa an deamhan, agus dh’imich e as: agus shlànaicheadh an leanabh on uair sin a‑mach. An sin, nuair a thàinig na deisciobail a‑chum Iosa fa leth, thubhairt iad, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach? Agus dh’atharraicheadh a chruth nan làthair; agus dhealraich a aghaidh mar a’ ghrian, agus rinneadh a aodach geal mar an solas. Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Timòteus 2:13

Mura creid sinne, gidheadh tha esan a’ fantainn fìrinneach; chan eil e an comas dha e fhèin àicheadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 11:1-2

A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear. Oir bha sùil aige ri baile aig a bheil bunaitean, air a bheil Dia na fhear-dealbhaidh agus na fhear-togail. Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh. Uime sin ghineadh o aon a‑mhàin, agus esan ionnan agus marbh, sliochd mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd, agus mar a’ ghaineamh air tràigh na fairge do‑àireamh. Fhuair iad seo uile bàs ann an creideamh, gun na geallaidhean fhaotainn, ach air dhaibh am faicinn fad o làimh (agus an làn-chreidsinn), ghabh iad riu, agus dh’aidich iad gum bu choigrich agus luchd-cuairt air an talamh iad fhèin. Oir an dream a tha ag ràdh nan nithean sin, tha iad a’ nochdadh gu soilleir gu bheil iad ag iarraidh dùthcha. Agus gu fìrinneach nam biodh iad cuimhneachail air an dùthaich sin as an tàinig iad a‑mach, dh’fhaodadh iad àm iomchaidh fhaghail air tilleadh: Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia-san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile. Tre chreideamh dh’ìobair Abrahàm, air dha a bhith air a dhearbhadh, a mhac Isaac; agus thug an tì a fhuair na geallaidhean suas a aon-ghin mhic; Ris an dubhairteadh, Ann an Isaac goirear do shliochd: A’ meas gum bu chomasach Dia air a thogail eadhon o na mairbh; on d’fhuair e e eadhon ann an samhladh. Oir is ann tre seo a fhuair na sinnsirean deagh theisteas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:89

Gu bràth, a Thighearna, tha d’fhacal seasmhach anns na nèamhan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 56:9

An sin tillear mo naimhdean air an ais, anns an là a ghairmeas mi ort: air seo tha fhios agam, oir tha Dia leam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:8-9

Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e: Chan ann o obraichean, a‑chum nach dèanadh neach air bith uaill:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 23:4

Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 4:3

Oir ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 2:19

Tha thu a’ creidsinn gu bheil aon Dia ann; is math a nì thu: tha na deamhain a’ creidsinn mar an ceudna, agus tha iad a’ criothnachadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:8

Is beannaichte na daoine a tha glan nan cridhe: oir chì iad Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:3-4

Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn; Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 3:14

Tha mi a’ dian-ruith a dh’ionnsaigh a’ chomharraidh, a‑chum duais àrd-ghairm Dhè ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 125:1

Bidh iadsan a dh’earbas as an Tighearna mar shliabh Shioin, nach caraichear, ach a mhaireas gu sìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 26:3

Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 11:11

Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 2:16

Fios a bhith againn nach eil duine air fhìreanachadh o obraichean an lagha, ach tre chreideamh Iosa Crìosd, chreid sinne fhèin ann an Iosa Crìosd; a‑chum gum bitheamaid air ar fìreanachadh o chreideamh Chrìosd, agus chan ann o obraichean an lagha: oir o obraichean an lagha, cha bhi feòil sam bith air a fìreanachadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 31:24

Bithibh-se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:32-34

Ach biodh ath-chuimhne agaibh air na làithean a chaidh seachad, anns an d’fhuiling sibh, an dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh, gleac mhòr fhulangas; Ann an cuid, am feadh a rinneadh sibh nur ball-amhairc, araon tre mhaslaidhean agus thrioblaidean; agus ann an cuid, am feadh a rinneadh sibh nur companaich dhaibhsan ris an do bhuineadh mar sin. Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 14:23

Ach esan a nì eadar-dhealachadh tha e air a dhìteadh ma dh’itheas e, a chionn nach ann o chreideamh a tha e ag ithe: oir gach nì nach eil o chreideamh, is peacadh e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 112:7

Ro dhroch sgeul cha bhi eagal air; tha a chridhe suidhichte, ag earbsa as an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 84:11

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 16:3

Thoir d’obraichean thairis don Tighearna, agus daingnichear do smuaintean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 2:5

Oir ged tha mi uaibh anns an fheòil, gidheadh tha mi maille ribh anns an spiorad, a’ dèanamh gàirdeachais, agus a’ faicinn ur n‑òrdaigh, agus seasmhachd ur creidimh ann an Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:10

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 1:5

A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:8

Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 25:1-2

Riutsa, a Thighearna, togaidh mi m’anam suas. Is tròcair agus fìrinn uile shlighean an Tighearna, dhaibhsan a ghleidheas a choicheangal agus a theisteis. Air sgàth d’ainme, a Thighearna, lagh mo chionta, oir tha e mòr. Cò e am fear air a bheil eagal an Tighearna? Seòlaidh e esan anns an t‑slighe a roghnaicheas e. Nì a anam tàmh ann am math, agus mealaidh a shliochd an tìr. Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal. Tha mo shùilean a‑ghnàth ris an Tighearna, oir bheir esan mo chasan as an lìon. Amhairc orm, agus gabh truas dhìom, oir tha mi am aonar agus fo àmhghar. Tha teinn mo chridhe a’ dol am meud; om àmhgharan saor thusa mi. Amhairc air m’àmhghar agus air mo phèin, agus lagh mo pheacaidhean gu lèir. Amhairc air mo naimhdean, oir tha iad lìonmhor, agus le fuath anabarrach tha iad gam fhuathachadh. Annadsa, mo Dhia, cuiridh mi mo dhòchas; na nàraichear mi, agus na dèanadh mo naimhdean gàirdeachas os mo chionn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 6:25-26

Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach? Amhaircibh air eunlaith an adhair; oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlean: gidheadh tha ur n‑Athair nèamhaidh-se gam beathachadh. Nach fheàrr sibhse gu mòr na iadsan?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:5

Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 4:20

Agus cha do chuir e an amharas gealladh Dhè le mì‑chreideamh; ach bha e làidir ann an creideamh, a’ toirt glòire do Dhia:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 142:5

Ghlaodh mi riut, a Thighearna; thubhairt mi, Is tu mo thèarmann, mo chuibhreann ann an tìr nam beò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 5:14

Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:3-4

Earb thusa as an Tighearna, agus dèan math; mar sin gabhaidh tu còmhnaidh anns an tìr, agus beathaichear thu gu cinnteach. Cuiridh beul an fhìrein an cèill gliocas, agus labhraidh a theanga breitheanas. Tha lagh Dhè na chridhe; cha shleamhnaich a cheuman. Bidh an droch dhuine ri faire air an fhìrean, agus iarraidh e a mharbhadh. Chan fhàg an Tighearna e na làimh, agus cha dìt e e nuair a bheirear gu breith e. Feith air an Tighearna, agus glèidh a shlighe, agus àrdaichidh e thu a‑chum an tìr a mhealtainn; nuair a ghearrar as droch dhaoine, chì thu e. Chunnaic mi an duine aingidh ann am mòr-chumhachd, agus e ga sgaoileadh fhèin a‑mach mar ùr‑chraoibh uaine. Ach chaidh e seachad, agus, feuch, cha robh e ann; agus dh’iarr mi e, ach cha d’fhuaireas e. Thoir fa‑near an duine foirfe, agus amhairc air an duine ionraic, oir is i sìth as crìoch don duine sin. Ach sgriosar luchd-easaontais faraon; gearrar as crìoch dhroch dhaoine. Tha slàinte nam fìrean on Tighearna; is esan an neart ann an àm teanntachd; Mar an ceudna gabh tlachd anns an Tighearna, agus bheir e dhut iarrtasan do chridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:19

Ach leasaichidh mo Dhia-sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:24

Nuair a laigheas tu sìos, cha bhi eagal ort: seadh, laighidh tu sìos, agus bidh do chadal milis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:114

Is tusa m’ionad-falaich agus mo sgiath; as d’fhacal-sa tha m’earbsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 78:22

A chionn nach do chreid iad ann an Dia, agus nach d’earb iad as a shlàinte;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 43:18-19

Na cuimhnichibh na nithean a bha ann roimhe; agus na nithean a bha o shean na tugaibh fa‑near. Feuch nì mi nì nuadh; a‑nis brisidh e a‑mach; nach toir sibh aire dha? Seadh, nì mi anns an fhàsach slighe, agus aibhnichean anns an dìthreabh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 2:25-30

Gidheadh mheas mi gum b’fheumail Epaphroditus mo bhràthair, agus mo cho-obraiche, agus mo cho-shaighdear, ach ur teachdaire-se, agus an tì a fhritheil dom uireasbhaidh, a chur dur n‑ionnsaigh. Oir bha dèidh mhòr aige oirbh uile, agus bha e làn tùirse, do bhrìgh gun cuala sibh gu robh e tinn. Agus gu deimhinn bha e tinn fagas don bhàs: gidheadh rinn Dia tròcair air; agus cha b’ann airsan a‑mhàin, ach ormsa mar an ceudna, a‑chum nach biodh doilgheas air muin doilgheis orm. Uime sin bu togarraiche a chuir mi dur n‑ionnsaigh e, a‑chum air dhuibh fhaicinn a‑rìs, gum biodh aoibhneas oirbh, agus gum bu lugha mo dhoilgheas-sa. Air an adhbhar sin, gabhaibh ris anns an Tighearna leis an uile aoibhneas, agus biodh meas mòr agaibh air an leithidean sin: Na dèanar aon nì tre chonnspaid, no tre ghlòir dhìomhain, ach ann an irioslachd inntinn measadh gach aon gur fheàrr neach eile na e fhèin. Do bhrìgh, airson obair Chrìosd, gu robh e dlùth don bhàs, agus nach robh suim aige de a bheatha fhèin, a‑chum gun dèanadh e suas uireasbhaidh ur seirbhis-se dom thaobh-sa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 18:10

Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 3:5

Laigh mi sìos agus chaidil mi: dhùisg mi, oir chùm an Tighearna suas mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 138:3

Anns an là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi le treòir am anam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 12:1

Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:37

Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:23

Leis an Tighearna tha ceuman duine air an òrdachadh, agus gabhaidh e tlachd na shlighe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 1:3-4

Air dhuibh fios seo a bhith agaibh, gun obraich dearbhadh ur creidimh foighidinn. Ach biodh aig an fhoighidinn a h‑obair iomlan fhèin, a‑chum gum bi sibh diongmhalta agus iomlan, gun uireasbhaidh nì sam bith.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:147

Thàinig mi ron sgarthanaich, agus dh’èigh mi; as d’fhacal dh’earb mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:4

A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 8:10

Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:5-6

A‑nis gun tugadh Dia na foighidinn agus na comhfhurtachd dhuibhse a bhith a dh’aon inntinn a‑thaobh a chèile, a rèir Iosa Crìosd: A‑chum gun tugadh sibh a dh’aon inntinn, agus le aon bheul, glòir do Dhia, eadhon Athair an Tighearna Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:39

No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 94:19

Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 5:10

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:7

Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 3:22

Ach dh’fhàg an sgriobtar na h‑uile dhaoine dùinte anns a’ pheacadh, a‑chum gum biodh an gealladh tre chreideamh Iosa Crìosd air a thoirt dhaibhsan a tha a’ creidsinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 54:17

Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 138:7

Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 56:4

Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:12

A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 91:15

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 1:9

Tha Dia fìrinneach, leis an do ghairmeadh sibh a‑chum co‑chomann a mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:20

Chuir e a fhacal uaithe, agus shlànaich e iad; agus shaor e iad o sgrios.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 14:31

Agus air ball shìn Iosa a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thubhairt e ris, O thusa air bheag creidimh, carson a bha thu fo amharas?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:13

Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan