Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.
A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.
Oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè neach a their ris a’ bheinn seo, Togar thu, agus tilgear anns an fhairge thu, agus nach bi fo amharas na chridhe, ach a chreideas gun tachair na nithean a their e, thig gach nì a their e gu crìch dha.
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas, chan e a‑mhàin gun dèan sibh an nì a rinneadh air a’ chrann-fìge, ach mar an ceudna ma their sibh ris a’ bheinn seo, Bi air do thogail, agus air do thilgeadh anns an fhairge, bidh e dèante:
Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.
Tre chreideamh tha sinn a’ tuigsinn gun do chruthaicheadh na saoghail tre fhacal Dhè, air chor is nach do rinneadh na nithean a chìthear de nithean a bha rim faicinn.
Oir gach uile nì a ghinear o Dhia, bheir e buaidh air an t‑saoghal: agus is i seo a’ bhuaidh a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, eadhon ar creideamh-ne.
Agus thubhairt Iosa ris a’ cheannard-ceud, Imich romhad, agus biodh e dhut a rèir mar a chreid thu. Agus shlànaicheadh a òglach an uair sin fhèin.
Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.
Oir tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh ann tre chreideamh gu creideamh: mar a tha e sgrìobhte, Bidh am fìrean beò tre chreideamh.
Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Ach iarradh e le creideamh, gun a bhith fo amharas sam bith: oir an tì a tha fo amharas, is cosmhail e ri tonn na fairge a shèidear le gaoith, agus a tha air a luasgadh a‑null agus a‑nall.
Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e:
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
An sin fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, O bhean, is mòr do chreideamh: biodh e dhut mar as àill leat. Agus rinneadh a nighean slàn on uair sin a‑mach.
Is amhail sin creideamh mar an ceudna, mura bi obraichean aige, tha e marbh, air dha a bhith leis fhèin.
Ach thubhairt Iosa ris, Mas urrainn thusa creidsinn, tha gach aon nì comasach don neach a chreideas.
Agus cha do chuir e an amharas gealladh Dhè le mì‑chreideamh; ach bha e làidir ann an creideamh, a’ toirt glòire do Dhia: Agus bha làn-chinnt aige, an tì a thug an gealladh, gur comasach e air a choileanadh.
Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.
Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.
Thar gach uile nì, a’ glacadh dur n‑ionnsaigh sgiath a’ chreidimh, leis am bi sibh comasach air uile shaighdean teinnteach an droch Spioraid a mhùchadh.
Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh.
Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.
Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.
Air dhuinn an spiorad creidimh sin fhèin a bhith againn, a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chreid mi, agus uime sin labhair mi: tha sinne a’ creidsinn mar an ceudna, agus uime sin tha sinn a’ labhairt;
Oir ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd.
Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):
Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh.
Agus slànaichidh ùrnaigh a’ chreidimh an t‑easlan, agus togaidh an Tighearna suas e; agus ma rinn e peacaidhean, maithear dha iad.
Ach air tionndadh do Iosa mun cuairt, chunnaic e i, agus thubhairt e, A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu. Agus bha a’ bhean slàn on uair sin.)
Agus thubhairt iadsan, Creid anns an Tighearna Iosa Crìosd, agus tèarnar thu fhèin, agus do thaigh.
Tre chreideamh dh’atharraicheadh Enoch a‑chum nach faiceadh e bàs; agus cha d’fhuaireadh e, do bhrìgh gun d’atharraich Dia e: oir ro a atharrachadh thugadh fianais dha gun do thaitinn e ri Dia.
Dom bheil sibh a’ toirt gràidh, ged nach faca sibh e; agus ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn, air dhuibh a bhith a’ creidsinn ann, tha sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachais le aoibhneas air dol thar labhairt, agus làn de ghlòir: A’ faotainn crìoch ur creidimh, eadhon slàinte ur n‑anama:
Tre chreideamh air teachd gu aois do Mhaois, dhiùlt e a bhith air a ghairm na mhac do nighinn Phàraoh; A’ roghnachadh àmhghar fhulang maille ri sluagh Dhè, ro shòlas a’ pheacaidh a mhealtainn rè seal;
Agus air ball shìn Iosa a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thubhairt e ris, O thusa air bheag creidimh, carson a bha thu fo amharas?
Oir is ann leis a’ chridhe a chreidear a‑chum fìreantachd, agus leis a’ bheul a dh’aidichear a‑chum slàinte.
A‑chum gum biodh ur creideamh-se chan ann an gliocas dhaoine, ach ann an cumhachd Dhè.
Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth, agus bi slàn od phlàigh.
Nach lèir dhut gun do cho-obraich creideamh le a ghnìomharan, agus gun do rinneadh creideamh coileanta le obraichean?
Ach bitheamaid-ne, a tha den là, stuama, a’ cur oirnn uchd-èideadh a’ chreidimh agus a’ ghràidh, agus mar chlogaid, dòchas na slàinte:
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:
Oir rinneadh sinn nar luchd-compàirt de Chrìosd, ma chumas sinn toiseach ar muinghinn gu daingeann gus a’ chrìoch;
Cuiribh-se na aghaidh, air dhuibh a bhith daingeann anns a’ chreideamh, agus fhios a bhith agaibh gu bheil na fulangasan ceudna air an coileanadh nur bràithrean, a tha anns an t‑saoghal.
Oir mar a tha an corp marbh as eugmhais an spioraid, mar sin mar an ceudna tha creideamh marbh as eugmhais obraichean.
Feuch, chan eil a anam-san, a tha air a thogail suas, ceart an taobh a‑staigh dheth; ach mairidh am fìrean beò le a chreideamh.
Ach ghuidh mise air do shon-sa, nach dìobradh do chreideamh thu: agus nuair a dh’iompaichear thu, neartaich do bhràithrean.
An sin, nuair a thàinig na deisciobail a‑chum Iosa fa leth, thubhairt iad, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach? Agus dh’atharraicheadh a chruth nan làthair; agus dhealraich a aghaidh mar a’ ghrian, agus rinneadh a aodach geal mar an solas. Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.
Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh,
Agus tre chreideamh na ainm neartaich e an tì seo, a tha sibhse a’ faicinn, agus as aithne dhuibh: seadh, thug a ainm-san agus an creideamh a tha trìd-san, dhàsan an t‑slàinte iomlan seo nur làthair-se uile.
Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè.
Còmhraig deagh chòmhrag a’ chreidimh, gabh greim den bheatha mhaireannaich, a‑chum mar an ceudna an do ghairmeadh thu, agus dh’aidich thu deagh aidmheil an làthair mòran fhianaisean.
Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo eagal, sibhse air bheag creidimh? An sin dh’èirich e, agus chronaich e na gaothan agus an fhairge; agus bha ciùine mhòr ann.
Cò an tì a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, ach esan a tha a’ creidsinn gur e Iosa Mac Dhè?
Tre chreideamh thrèig e an Eiphit, gun eagal a bhith air ro chorraich an rìgh: oir bha e làidir na inntinn, mar neach a bha a’ faicinn an Tì a tha neo-fhaicsinneach.
Agus rinn Stèphen, làn de chreideamh agus de chumhachd, mìorbhailean agus comharraidhean mòra am measg an t‑sluaigh.
Uime sin air cluinntinn dhòmhsa mar an ceudna ur creideamh-se anns an Tighearna Iosa, agus ur gràdh do na naoimh uile,
Ach is nì follaiseach nach fìreanaichear neach sam bith tre an lagh ann am fianais Dhè: oir, Bidh am fìrean beò tre chreideamh.
Agus nuair a chunnaic e an creideamh, thubhairt e ris, A dhuine, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.
Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir theirgeadh an ùine dhomh ann an labhairt mu Ghideon, Bharac, agus Shampson, agus Iephtah, Dhaibhidh mar an ceudna, agus Shamuel, agus na fàidhean: Muinntir tre chreideamh a cheannsaich rìoghachdan, a dh’obraich fìreantachd, a fhuair geallaidhean, a dhruid beòil leòmhann, A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach.
Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh cho eagalach? Cionnas nach eil creideamh agaibh?
Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.
Ach esan a nì eadar-dhealachadh tha e air a dhìteadh ma dh’itheas e, a chionn nach ann o chreideamh a tha e ag ithe: oir gach nì nach eil o chreideamh, is peacadh e.
Tre chreideamh thuit ballachan Iericho, an dèidh a bhith air an cuartachadh rè seachd làithean.
Air tùs, tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia tre Iosa Crìosd air ur son-se uile, do bhrìgh gu bheil ur creideamh iomraiteach air feadh an domhain gu lèir.
Gus an tig sinn uile ann an aonachd a’ chreidimh, agus eòlas Mac Dhè, a‑chum duine iomlain, a‑chum tomhas àirde lànachd Chrìosd:
Agus is beannaichte ise a chreid: oir coileanar na nithean a labhradh rithe leis an Tighearna.
Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air.
Tha sinn uime sin a’ meas gu bheil duine air fhìreanachadh tre chreideamh as eugmhais obraichean an lagha.
Agus thubhairt e riu, Càit a bheil ur creideamh? Agus air dhaibh a bhith fo eagal, ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Ciod a’ ghnè dhuine seo? Oir tha e a’ toirt àithne do na gaothan, agus don uisge fhèin, agus tha iad umhail dha.
Agus gum faighear annsan mi, gun m’fhìreantachd fhèin agam a tha on lagh, ach an fhìreantachd sin a tha tre chreideamh Chrìosd, an fhìreantachd a tha o Dhia tre chreideamh:
Carson? A chionn nach ann o chreideamh, ach mar gum b’ann o obraichean an lagha a dh’iarr iad i: oir thuislich iad air a’ chloich-thuislidh sin;
A‑nis is e as crìoch don àithne, gràdh à cridhe glan, agus à cogais mhaith, agus à creideamh neo-chealgach:
Thubhairt Iosa ris, Airson gum faca tu mi, a Thòmais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach faca, agus a chreid.
Ach don tì nach dèan obair, ach a tha a’ creidsinn anns an tì a dh’fhìreanaicheas an duine mì‑dhiadhaidh, measar a chreideamh mar fhìreantachd.
A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:
Agus thubhairt Iosa ris, Imich; shlànaich do chreideamh thu. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa anns an t‑slighe.
Agus ge bè air bith nithean a dh’iarras sibh nur n‑ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad.
Agus cha robh m’fhacal agus mo shearmonachadh ann am briathran milis gliocas dhaoine, ach ann an làn-dearbhadh an Spioraid, agus a’ chumhachd: A‑chum gum biodh ur creideamh-se chan ann an gliocas dhaoine, ach ann an cumhachd Dhè.
Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.
Agus a‑nis fanaidh creideamh, dòchas, gràdh, na trì nithean seo; ach is e an gràdh as mò dhiubh seo.
Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh:
Chan e gu bheil againne tighearnas air ur creideamh-se, ach is luchd-cuideachaidh sinn dur n‑aoibhneas: oir is ann tre chreideamh a sheas sibh.
Agus a thuilleadh air seo, air dèanamh an uile dhìchill dhuibh, cuiribh ri ur creideamh deagh-bheus; agus ri deagh-bheus eòlas; Agus ri eòlas stuaim; agus ri stuaim foighidinn; agus ri foighidinn diadhachd; Agus ri diadhachd gràdh bràthaireil; agus ri gràdh bràthaireil seirc.
Air dhuibh a bhith air ur freumhachadh agus air ur togail suas annsan, agus air ur daingneachadh anns a’ chreideamh, a rèir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann le breith-buidheachais.
Anns a bheil againn dànachd agus slighe gu dol a‑steach ann am muinghinn tre a chreideamh-san.
Fios a bhith againn nach eil duine air fhìreanachadh o obraichean an lagha, ach tre chreideamh Iosa Crìosd, chreid sinne fhèin ann an Iosa Crìosd; a‑chum gum bitheamaid air ar fìreanachadh o chreideamh Chrìosd, agus chan ann o obraichean an lagha: oir o obraichean an lagha, cha bhi feòil sam bith air a fìreanachadh.
Ach chan eil sinne den dream sin a thilleas air an ais a‑chum sgrios; ach den dream a chreideas a‑chum tèarnadh an anama.
A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich: