Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


98 Rainn mu Thaing airson Beannachdan

98 Rainn mu Thaing airson Beannachdan


1 Tesalònianaich 5:18

Anns gach uile nì thugaibh buidheachas; oir is i seo toil Dhè ann an Iosa Crìosd dur taobh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 100:4

Thigibh a‑steach na gheatachan le buidheachas, na chùirtean le moladh; thugaibh buidheachas dha, beannaichibh a ainm;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 3:17

Agus gach nì air bith a nì sibh ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Iosa, a’ toirt buidheachais do Dhia, eadhon an t‑Athair trìd-san.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:1

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 5:20

A’ toirt buidheachais a‑ghnàth airson nan uile nithean do Dhia, eadhon an t‑Athair, ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:6

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:1-2

Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus moladh gach nì a tha an taobh a‑staigh dhìom a ainm naomh-san. A rèir ar peacaidhean cha do rinn e oirnn, agus a rèir ar n‑euceartan cha tug e luigheachd dhuinn. Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e. Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais. Mar a ghabhas athair truas da chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan don eagal e; Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn. An duine, mar fheur tha a làithean; mar bhlàth na machrach, mar sin fàsaidh e fo bhlàth; Oir gabhaidh a’ ghaoth thairis, agus cha bhi e ann, agus chan aithnich a ionad fhèin e nas mò. Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne, Dhaibhsan a chumas a choicheangal, agus a chuimhnicheas a àitheantan a‑chum an dèanamh. Shocraich an Tighearna a rìgh-chathair anns na nèamhan, agus tha a rìoghachd a’ riaghladh os cionn nan uile. Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus na dìochuimhnich a thìodhlacan uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 4:2

Buanaichibh ann an ùrnaigh, a’ dèanamh faire innte le breith-buidheachais;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:1

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eachdraidh 16:34

Molaibh an Tighearna, oir tha e math; oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 50:14

Iobair ìobairt-bhuidheachais do Dhia, agus ìoc do bhòidean don Tì as àirde.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 1:4

Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia a‑ghnàth dur taobh, airson gràs Dhè a thugadh dhuibh ann an Iosa Crìosd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 95:2

Thigeamaid na fhianais le buidheachas, agus le sailm togamaid ceòl dha gu suilbhireach;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 12:28

Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 136:1

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 9:11

Air dhuibh a bhith air ur dèanamh saoibhir anns gach uile nì a‑chum gach uile thabhartais, nì a dh’obraicheas leinne breith-buidheachais do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eachdraidh 16:8

Molaibh an Tighearna, gairmibh air a ainm, dèanaibh a ghnìomharan aithnichte am measg nan sluagh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:24

Is e seo an là a rinn an Tighearna; dèanamaid gàirdeachas, agus bitheamaid ait air.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Daniel 2:23

Tha mi a’ toirt buidheachais agus cliù dhut, O thusa, a Dhia m’athraichean, a thug dhomh gliocas agus cumhachd, agus a thug fios dhuinn a‑nis air an nì a dh’iarr sinn ort: oir thug thu fios dhuinn a‑nis air gnothach an rìgh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 92:1

Is math an nì buidheachas a thabhairt don Tighearna, agus cliù a thabhairt dod ainm-sa, O Thì as àirde;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 3:15

Agus biodh sìth Dhè a’ riaghladh nur cridhe, a‑chum a bheil sibh mar an ceudna air ur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 4:4

Oir tha gach nì a chruthaich Dia math, agus chan ion nì sam bith a dhiùltadh, a ghabhar le breith-buidheachais:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 28:7

Is e an Tighearna mo neart agus mo sgiath; annsan chuir mo chridhe a dhòchas, agus chuidicheadh leam; uime sin rinn mo chridhe gàirdeachas, agus lem laoidh molaidh mi e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Tesalònianaich 1:3

Tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son-se, a bhràithrean, mar as cubhaidh, do bhrìgh gu bheil ur creideamh a’ fàs gu ro‑mhòr, agus gu bheil gràdh gach aoin agaibh uile a’ meudachadh da chèile:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eachdraidh 29:13

A‑nis uime sin, ar Dia-ne, tha sinn a’ toirt buidheachais dhut, agus a’ cliùthachadh d’ainm urramaich.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 4:15

Oir tha na h‑uile nithean air ur son-se, a‑chum gum biodh an gràs a tha saoibhir, tre bhuidheachas mhòran, ro‑phailt a‑chum glòir Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 9:1

Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; cuiridh mi an cèill d’obraichean iongantach gu lèir.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 1:16

Chan eil mi a’ sgur de bhith a’ toirt buidheachais air ur son, a’ luaidh oirbh ann am ùrnaighean;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eachdraidh 16:41

Agus maille riùsan Heman agus Iedutun, agus a’ chuid eile a thaghadh, a ghairmeadh air an ainmean, a thoirt cliù don Tighearna, a chionn gu bheil a thròcair bithbhuan:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 30:12

A‑chum gun seinneadh mo ghlòir cliù dhut, agus nach biodh i na tosd. A Thighearna mo Dhia, gu bràth molaidh mise thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Nehemiah 12:46

Oir ann an làithean Dhaibhidh agus Asaiph o shean bha cinn ann air an luchd-seinn, agus air na laoidhean molaidh agus buidheachais do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 1:3

Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia gach uair a chuimhnicheas mi oirbh,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:15

Uime sin trìdsan thugamaid suas ìobairt-bhuidheachais do Dhia a‑ghnàth, is e sin toradh ar bilean, a’ toirt molaidh da ainm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 100:1-2

Togaibh iolach ait don Tighearna, a thìrean uile. Dèanaibh seirbhis don Tighearna le aoibhneas, thigibh na fhianais le luathghaire.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 1:8

Air tùs, tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia tre Iosa Crìosd air ur son-se uile, do bhrìgh gu bheil ur creideamh iomraiteach air feadh an domhain gu lèir.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 12:4

Agus anns an là sin their sibh, Molaibh an Tighearna, gairmibh air a ainm; cuiribh an cèill a ghnìomharan am measg nan cinneach; cumaibh air chuimhne gu bheil a ainm air àrdachadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:2

Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus na dìochuimhnich a thìodhlacan uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Tesalònianaich 2:13

Uime sin tha sinne mar an ceudna a’ toirt buidheachais do Dhia gun sgur, do bhrìgh nuair a ghabh sibh ri facal Dhè a chuala sibh uainne, gun do ghabh sibh ris chan ann mar fhacal dhaoine, ach (mar as e gu fìrinneach) facal Dhè, a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annaibhse a tha a’ creidsinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:1

Beannaichidh mi an Tighearna gach àm; an còmhnaidh bidh a mholadh ann am bheul.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:7

Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 2:14

A‑nis buidheachas do Dhia, a tha a‑ghnàth a’ toirt oirnne buadhachadh ann an Crìosd, agus a tha a’ foillseachadh deagh fhàile a eòlais fhèin leinn anns gach àite.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:8-9

O gum moladh daoine Dia airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! Oir shàsaich e an t‑anam cìocrach, agus lìon e an t‑anam acrach le math.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 6:17

Ach buidheachas do Dhia, an dèidh dhuibh a bhith nur seirbhisich don pheacadh, gun tug sibh o ur cridhe ùmhlachd don chumadh teagaisg sin don tugadh sibh thairis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 106:1

Molaibh an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eachdraidh 16:35

Agus abraibh-se, Tèarainn sinn, O Dhè ar slàinte, agus cruinnich ri chèile sinn, agus saor sinn o na cinnich, a‑chum gun toir sinn moladh dod ainm naomh-sa, agus gun dèan sinn uaill ann ad chliù.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 138:1

Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; an làthair nan diathan seinnidh mi cliù dhut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 1:12

A’ tabhairt buidheachais don Athair, a rinn sinn iomchaidh a‑chum a bhith nar luchd-compàirt de oighreachd nan naomh anns an t‑solas:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 69:30

Molaidh mise ainm Dhè le òran, agus àrdaichidh mi e le breith-buidheachais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 38:19

Am beò, am beò, molaidh esan thu, mar a nì mise air an là‑an‑diugh; foillsichidh an t‑athair don chloinn do thairisneachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 147:7

Seinnibh don Tighearna le buidheachas; seinnibh moladh dar Dia-ne air a’ chlàrsaich;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eachdraidh 23:30

Agus a‑chum seasamh gach madainn a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna, agus mar an ceudna mu fheasgar;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 136:26

O thugaibh buidheachas do Dhia nan nèamh, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Nehemiah 12:31

An sin thug mi suas uachdarain Iùdah air a’ bhalla, agus dh’òrdaich mi dà chuideachd mhòr a‑chum molaidh, agus gun imicheadh aon a dh’ionnsaigh na làimhe deise air a’ bhalla gu geata an aolaich:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 5:13

Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan-ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 75:1

Bheir sinn moladh dhut, a Dhè, bheir sinn moladh; oir gu bheil d’ainm am fagas, cuiridh d’obraichean iongantach an cèill.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 7:25

Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, tre Iosa Crìosd ar Tighearna. Uime sin, tha mise fhèin leis an inntinn a’ dèanamh seirbhis do lagh Dhè; ach leis an fheòil do lagh a’ pheacaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 2:1

Tha mi ag iarraidh uime sin, ro na h‑uile nithean, gun dèanar athchuinge, ùrnaighean, eadar-ghuidhe, agus breith-buidheachais airson nan uile dhaoine:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 9:15

Buidheachas do Dhia airson a thìodhlaic do‑labhairt.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 15:57

Ach buidheachas do Dhia, a tha a’ toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 44:8

A Dia nì sinne uaill air feadh an là, agus d’ainm-sa molaidh sinn gu sìorraidh. Selah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Daniel 6:10

A‑nis nuair a thuig Daniel gun deachaidh an sgrìobhadh a sheulachadh, chaidh e a‑chum a thaighe agus air da uinneagan a bhith fosgailte na sheòmar ri Ierusalem, thuit e sìos air a ghlùinean trì uairean anns an là, agus rinn e ùrnaigh, agus thug e buidheachas an làthair a Dhè, mar a rinn e anns an aimsir roimhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:62

Mu mheadhon-oidhche èiridh mi a‑chum buidheachas a thoirt dhut airson breitheanas do cheartais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 2:7

Air dhuibh a bhith air ur freumhachadh agus air ur togail suas annsan, agus air ur daingneachadh anns a’ chreideamh, a rèir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann le breith-buidheachais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 28:6

Beannaichte gu robh an Tighearna, a chionn gun d’èisd e ri guth m’athchuinge.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:10

Ach rinn mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna do bhrìgh gun d’ath-ùraicheadh a‑nis fa dheireadh ur cùram umamsa; nì mar an ceudna anns an robh sibh cùramach, ach cha robh cothrom agaibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:28-29

Is tusa mo Dhia, agus molaidh mi thu; mo Dhia, àrdaichidh mi thu. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 14:6

An tì aig a bheil suim den là, is ann don Tighearna a tha suim aige dheth; agus an tì aig nach eil suim den là, is ann don Tighearna nach eil suim aige dheth. An tì a tha ag ithe, is ann don Tighearna a tha e ag ithe, oir tha e a’ toirt buidheachais do Dhia; agus an tì nach eil ag ithe, is ann don Tighearna nach ith e, agus bheir e buidheachas do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 105:1

O thugaibh buidheachas don Tighearna; gairmibh air a ainm; foillsichibh am measg nan sluagh a ghnìomharan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eachdraidh 16:9

Seinnibh dhàsan, seinnibh salm dha, labhraibh air a uile obraichean iongantach-san.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 25:1

O Thighearna is tu mo Dhia; àrdaichidh mi thu, molaidh mi d’ainm; oir rinn thu nithean iongantach; is tairisneachd agus fìrinn do chomhairlean o shean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ionah 2:9

Ach ìobraidh mise dhutsa le guth buidheachais; ìocaidh mi an nì sin a bhòidich mi; is ann don Tighearna a bhuineas slàinte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 16:25

Agus mu mheadhon-oidhche air do Phòl agus do Shilas ùrnaigh a dhèanamh, sheinn iad laoidh-mholaidh do Dhia; agus chuala na prìosanaich iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 116:17

Dhutsa ìobraidh mi ìobairt mholaidh, agus air ainm an Tighearna gairmidh mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 9:2

Nì mi aoibhneas agus gàirdeachas annad; seinnidh mi cliù dod ainm, O Thì as àirde.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:6

A‑chum gun tugadh sibh a dh’aon inntinn, agus le aon bheul, glòir do Dhia, eadhon Athair an Tighearna Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 30:4

Seinnibh don Tighearna, sibhse a naoimh-san, agus thugaibh buidheachas ri cuimhneachadh air a naomhachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Samuel 22:50

Uime sin cliùthaichidh mi thu, a Thighearna, am measg nan cinneach, agus dod ainm seinnidh mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 1:3

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 63:3-4

A chionn gur fheàrr do choibhneas gràidh na beatha, bheir mo bhilean cliù dhut. Mar sin beannaichidh mi thu, an cian as beò mi; ann ad ainm togaidh mi mo làmhan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 33:11

Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh-se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt-mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 57:9

Molaidh iad thu am measg nan sluagh, a Thighearna; seinnidh mi dhut am measg nan cinneach;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 71:8

Lìonar mo bheul led mholadh, led urram-sa gach là.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 15:2

Is e an Tighearna mo neart agus mo dhàn, agus tha e na shlàinte dhomh: is esan mo Dhia-sa, agus nì mi àite-còmhnaidh dha: Dia m’athar, agus àrdaichidh mi e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 115:18

Ach beannaichidh sinne an Tighearna, on àm seo agus gu bràth. Molaibh-se an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 136:3

Thugaibh buidheachas do Thighearna nan tighearnan, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:19

Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 2:47

A’ moladh Dhè, agus deagh-ghean aca on t‑sluagh uile. Agus chuir an Tighearna gach là ris an eaglais an dream a thèarnar.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 146:2

Molaidh mi an Tighearna an cian as beò mi; seinnidh mi cliù dom Dhia am feadh a bhios bith agam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 149:1

Molaibh-se an Tighearna. Seinnibh don Tighearna òran nuadh, seinnibh a mholadh ann an coitheanal nan naomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 11:25

Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 40:3

Agus chuir e òran nuadh ann am bheul, òran-molaidh dar Dia: chì mòran e, agus bidh eagal orra, agus earbaidh iad as an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Tesalònianaich 5:16-18

Dèanaibh gàirdeachas a‑ghnàth. Dèanaibh ùrnaigh gun sgur. Anns gach uile nì thugaibh buidheachas; oir is i seo toil Dhè ann an Iosa Crìosd dur taobh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 98:4

Togaibh iolach ait don Tighearna, a thìrean uile; togaibh ur guth, dèanaibh gàirdeachas agus seinnibh cliù.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 16:27

Do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tre Iosa Crìosd gu sìorraidh. Amen.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 150:6

Moladh gach nì anns a bheil anail an Tighearna. Molaibh-se an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 2:9

Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:19

Fosglaibh dhomh geatachan an ionracais; thèid mi a‑steach orra, agus molaidh mi an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:25

Gun a bhith a’ leigeadh dhinn sinn fhèin a chruinneachadh an ceann a chèile, mar as gnàth le dream àraidh; ach a’ comhairleachadh a chèile: agus gum bu mhò a nì sinn seo, gu bheil sibh a’ faicinn an là a’ tarraing am fagas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan