Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.
Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad.
Air dhuinne a bhith ag amharc chan ann air na nithean a tha rim faicinn, ach air na nithean nach eil rim faicinn: oir tha na nithean a chìthear aimsireil; ach tha na nithean nach faicear sìorraidh.
Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn.
Agus imichidh iadsan a‑chum peanais shìorraidh; ach na fìreanan a‑chum na beatha maireannaich.
Feuch, tha mi a’ labhairt nì diamhair ribh; cha chaidil sinn uile, ach caochlaidhear sinn uile, Ann an tiota, ann am priobadh na sùla, ri guth na trompaid deireannaich (oir sèididh an trompaid), agus èiridh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidhear sinne.
Mun do ghineadh na beanntan, agus mun do dhealbh thu an talamh agus an cruinne-cè, eadhon o bhithbhuantachd gu bithbhuantachd is tusa Dia.
Agus amhail a tha e air òrdachadh do dhaoine bàs fhaotainn aon uair, ach na dhèidh seo breitheanas: Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.
Nach aithne dhut, nach cuala tu? An Dia bithbhuan, an Tighearna, Cruithear crìochan na talmhainn, chan fhannaich agus cha sgìthich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh.
Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.
Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd; A chruth-atharraicheas ar corp dìblidh, a‑chum gun dèanar e co‑chosmhail ra chorp glòrmhor fhèin, a rèir a obrachaidh leis a bheil e comasach air na h‑uile nithean a chur fo a cheannsal fhèin.
Oir tha e sgrìobhte, Mar as beò mise, tha an Tighearna ag ràdh, lùbaidh gach glùn dhòmhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia. Air an adhbhar sin bheir gach aon againn cunntas uime fhèin do Dhia.
Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò: Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo?
Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan. Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair-bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e. Uime sin, air dhuinn fios a bhith againn air uamhas an Tighearna, tha sinn a’ cur impidh air daoine; ach tha sinn follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam mar an ceudna gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean-se. Oir chan eil sinn gar moladh fhèin a‑rìs dhuibh, ach tha sinn a’ toirt fàth uaille dhuibh dar taobh, a‑chum gum bi freagradh agaibh dhaibhsan a tha a’ dèanamh uaill ann an gnùis, agus chan ann an cridhe. Oir ma tha sinn a dh’easbhaidh cèille, is ann do Dhia: agus ma tha ar ciall againn, is ann dhuibhse. Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh: Agus gun d’fhuair e bàs airson nan uile, a‑chum iadsan a tha beò nach biodh iad à seo suas beò dhaibh fhèin, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’èirich a‑rìs. Uime sin, chan aithne dhuinne à seo suas aon duine a rèir na feòla: seadh, ged a b’aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, gidheadh a‑nis chan aithne dhuinn e nas mò. Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh. Agus is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean, neach a rinn sinne rèidh ris fhèin tre Iosa Crìosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite; Eadhon, gu robh Dia ann an Crìosd, a’ dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a’ meas an cionta dhaibh; agus dh’earb e rinne facal na rèite. Oir tha sinn ri osnaich an seo, a’ miannachadh a bhith air ar n‑èideadh le ar taigh o nèamh:
Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis; agus cha robh fairge ann nas mò. Agus thug e leis mi anns an spiorad gu beinn mhòir agus àird, agus dh’fheuch e dhomh am baile mòr sin, Ierusalem naomh, a’ teachd a‑nuas à nèamh o Dhia, Aig an robh glòir Dhè: agus bha a shoillse cosmhail ri cloich ro‑luachmhoir, mar chloich iaspeir, soilleir mar chriostal; Agus bha balla mòr agus àrd aige, air an robh dà‑gheata-dheug, agus aig na geatachan dà‑aingeal-dheug, agus ainmean sgrìobhte orra, eadhon ainmean dà‑threubh-dheug chloinn Israeil. Air an taobh an ear, trì geatachan; air an taobh a tuath, trì geatachan; air an taobh a deas, trì geatachan; agus air an taobh an iar, trì geatachan. Agus bha aig balla na cathrach dà‑bhunait-dheug, agus anntasan ainmean dà‑abstol-dheug an Uain. Agus bha aig an tì a labhair rium, cuilc-shlat òir, a‑chum gun tomhaiseadh e am baile, agus a gheatachan, agus a bhalla. Agus tha am baile na laighe ceithir-cheàrnach, agus tha a fhad cho mòr ri a leud: agus thomhais e am baile leis a’ chuilc-shlait, dà‑mhìle-dheug stàid: is ionann fad, agus leud, agus àirde dha. Agus thomhais e a bhalla, ceud agus dà‑fhichead agus ceithir làmhan-coille, a rèir tomhas duine, eadhon an aingil. Agus bha a bhalla air a thogail de chloich iaspeir; agus b’òr fìorghlan am baile, cosmhail ri gloine soilleir. Agus bha bunaitean balla a’ bhaile air an dèanamh sgiamhach leis gach uile ghnè chlachan luachmhor. Bu iasper an ciad bunait; bu shaphir an dara; bu chalcedon an treas; b’emerald an ceathramh bunait; Agus chunnaic mise Eòin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a’ teachd a‑nuas o Dhia à nèamh, air ullachadh mar bhean-bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir. Bu shardonics an còigeamh; bu shardias an siathamh; bu chrisolit an seachdamh; bu bheril an t‑ochdamh; bu topas an naoidheamh: bu chrisoprasas an deicheamh; bu hiacint an t‑aon-deug; b’ametist an dara-bunait-deug. Agus an dà‑gheata-dheug bu dà‑neamhnaid-dheug iad; bha gach aon fa leth de na geatachan air a dhèanamh a dh’aon neamhnaid: agus b’òr fìorghlan sràid a’ bhaile, mar ghloine soilleir. Agus chan fhaca mi teampall ann: oir is e an Tighearna Dia uile-chumhachdach, agus an t‑Uan, as teampall dha. Agus chan eil feum aig a’ bhaile air a’ ghrèin no air a’ ghealaich a dhealrachadh ann: oir shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t‑Uan as solas dha. Agus gluaisidh cinnich na muinntir sin a shaorar na sholas: agus bheir rìghrean na talmhainn an glòir agus an urram da ionnsaigh. Agus cha dùinear a gheatachan anns an là: oir cha bhi oidhche an sin. Agus bheirear glòir agus urram nan cinneach da ionnsaigh. Agus cha tèid air chor sam bith a‑steach ann nì air bith a shalaicheas, no a dh’obraicheas gràinealachd, no a nì breug: ach iadsan a‑mhàin a tha sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain. Agus chuala mi guth mòr à nèamh ag ràdh, Feuch, tha pàillean Dhè maille ri daoine, agus nì esan còmhnaidh maille riu, agus bidh iadsan nan sluagh dha, agus bidh Dia fhèin maille riu, agus na Dhia dhaibh. Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.
Agus is i seo an fhianais, gun tug Dia dhuinn a’ bheatha mhaireannach: agus tha a’ bheatha seo na Mhac. An tì aig a bheil am Mac tha beatha aige: an tì aig nach eil Mac Dhè chan eil beatha aige.
Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad. Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca. Ach taisgibh ionmhasan dhuibh fhèin air nèamh, far nach mill an leòmann no a’ mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich.
Uime sin ma dh’èirich sibh maille ri Crìosd, iarraibh na nithean a tha shuas, far a bheil Crìosd na shuidhe aig deaslàimh Dhè. Agus gun do chuir sibh umaibh an duine nuadh, a tha air ath-nuadhachadh ann an eòlas, a rèir ìomhaigh an tì a chruthaich e: Far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall-ghearradh, no neo-thimcheall-ghearradh, duine borb, Sitianach, daor no saor: ach is e Crìosd na h‑uile, agus anns na h‑uile. Uime sin cuiribh-se umaibh (mar dhaoine taghte Dhè, naomh agus ionmhainn), innidh thròcairean, caomhalachd, irioslachd inntinn, macantas, fad-fhulangas; A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis-ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna. Agus thar na nithean seo uile, cuiribh umaibh gràdh, nì as e coicheangal na foirfeachd. Agus biodh sìth Dhè a’ riaghladh nur cridhe, a‑chum a bheil sibh mar an ceudna air ur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil. Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe. Agus gach nì air bith a nì sibh ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Iosa, a’ toirt buidheachais do Dhia, eadhon an t‑Athair trìd-san. A mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, mar as cubhaidh, anns an Tighearna. Fheara-pòsda, gràdhaichibh ur mnathan, agus na bithibh searbh nan aghaidh. Suidhichibh ur n‑aigne air na nithean a tha shuas, agus chan ann air na nithean a tha air an talamh.
Togaibh ur sùilean suas ris na nèamhan, agus amhaircibh air an talamh shìos; oir sgaoilear o chèile na nèamhan mar dheataich, agus fàsaidh an talamh sean mar thrusgan; agus bàsaichidh a luchd-àiteachaidh air a’ mhodh cheudna; ach mairidh mo shlàinte-sa gu sìorraidh, agus cha tèid m’fhìreantachd air chùl.
Oir an seo chan eil againn baile a mhaireas, ach tha sinn ag iarraidh aoin a tha ri teachd.
Ach is cumhang an doras, agus is aimhleathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum na beatha, agus is tearc iad a tha ag amas oirre.
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd: Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn. Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite. Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile. Oir gus an lagh, bha peacadh anns an t‑saoghal: ach cha chuirear peacadh as leth dhaoine far nach eil lagh. Gidheadh, rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, eadhon thar an dream nach do pheacaich a rèir coslas eas-ùmhlachd Adhaimh, neach as e samhladh an tì ud a bha ri teachd: Ach chan ann mar an cionta a tha an saor-thìodhlac. Oir ma fhuair mòran bàs tre chionta aoin, is mò gu mòr na sin a tha gràs Dhè, agus an tìodhlac tro ghràs a tha tre aon duine, Iosa Crìosd, pailt do mhòran. Agus chan ann mar tre aon duine a pheacaich, mar sin a tha an tabhartas: oir bha am breitheanas tre aon chionta, a‑chum dìtidh: ach tha an saor-thabhartas o mhòran euceartan a‑chum fìreanachaidh. Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis, agus tabhartas na fìreantachd, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd. Uime sin mar tre chionta aon duine a thàinig breitheanas air na h‑uile dhaoine a‑chum dìtidh, is amhail sin mar an ceudna tre fhìreantachd aoin a thàinig an saor-thìodhlac air na h‑uile dhaoine a‑chum fìreanachadh na beatha. Oir mar tre eas-ùmhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacaich, is amhail sin tre ùmhlachd aon duine a nìthear mòran nam fìreanan. Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè.
Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha; tha lànachd aoibhneis ad làthair-sa; tha mòr-shubhachas aig do dheaslàimh gu sìorraidh.
Agus cha bhi oidhche an sin, agus chan eil feum aca air coinnil, no air solas na grèine: oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh: agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.
Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.
Agus is i seo toil an tì a chuir uaithe mi, gum biodh a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a chì am Mac, agus a chreideas ann: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.
Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh.
Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis tro theachd ar Slànaighir Iosa Crìosd, a chuir as don bhàs, agus a thug beatha agus neo-bhàsmhorachd a‑chum solais, tre an t‑soisgeul;
A‑chum oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalaich, agus nach searg as, a tha air a coimhead anns na nèamhan dhuibhse, A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich:
Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia-san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile.
Ach saoraidh Dia m’anam-sa o chumhachd na h‑uaighe, oir gabhaidh e mi da ionnsaigh. Selah.
Agus ge bè neach a thrèig taighean, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann air sgàth m’ainme-sa, gheibh e a cheud uiread, agus a’ bheatha mhaireannach mar oighreachd.
Agus nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo-thruaillidheachd uime, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo-bhàsmhorachd uime, an sin coileanar am facal a tha sgrìobhte, Shluigeadh suas am bàs le buaidh. O bhàis, càit a bheil do ghath? O uaigh, càit a bheil do bhuaidh?
Is rìoghachd shìorraidh do rìoghachd-sa, agus mairidh d’uachdaranachd air feadh nan uile ghinealach.
Agus thilgeadh an diabhal a mheall iad anns an loch theine agus phronnaisg, far a bheil am fiadh-bheathach, agus am fàidh brèige, agus bidh iad air am pianadh a là agus a dh’oidhche, gu saoghal nan saoghal.
Oir feuch, cruthaichidh mi nèamhan nuadha agus talamh nuadh; agus cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine.
Ann an dòchas gun saorar an cruthachadh fhèin fòs o dhaorsa na truaillidheachd, gu saorsa ghlòrmhor clann Dhè.
Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh an Tighearna fad mo làithean.
Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna. Nach eil thu a’ creidsinn gu bheil mise anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa? Na briathran a tha mi a’ labhairt ribh, chan ann uam fhèin a tha mi gan labhairt: ach an t‑Athair, a tha a’ gabhail còmhnaidh annamsa, tha esan a’ dèanamh nan obraichean. Creidibh mise gu bheil mi anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa; no, creidibh mi airson nan obraichean fhèin. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam-sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar. Agus ge bè nì a dh’iarras sibh am ainm-sa, nì mise sin: a‑chum gum bi an t‑Athair air a ghlòrachadh anns a’ Mhac. Ma dh’iarras sibh nì air bith am ainm-sa, nì mise e. Mas toigh leibh mise, coimheadaibh m’àitheantan: Agus guidhidh mise an t‑Athair, agus bheir e dhuibh Comhfhurtair eile, a‑chum gum fan e maille ribh gu bràth; Spiorad na fìrinn; neach nach urrainn an saoghal a ghabhail, do bhrìgh nach eil e ga fhaicinn, agus nach aithne dha e: ach is aithne dhuibhse e, oir tha e fantainn maille ribh, agus bidh e annaibh. Chan fhàg mi sibh nur dìlleachdain: thig mi dur n‑ionnsaigh. Tamall beag fhathast, agus chan fhaic an saoghal mi tuilleadh; ach chì sibhse mi: do bhrìgh gu bheil mise beò, bidh sibhse beò mar an ceudna. Ann an taigh m’Athar-sa tha iomadh àite-còmhnaidh: mura biodh e mar sin, dh’innsinn-sa dhuibh. Tha mi a’ dol a dh’ullachadh àite dhuibh. Anns an là sin bidh fhios agaibh gu bheil mise ann am Athair, agus sibhse annamsa, agus mise annaibh-se. An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha. Thubhairt Iùdas (chan e Iscariot) ris, A Thighearna, carson a dh’fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin don t‑saoghal? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris. An tì nach gràdhaich mise, cha choimhead e mo bhriathran: agus am facal a tha sibh a’ cluinntinn, cha leamsa e, ach leis an Athair a chuir uaithe mi. Na nithean seo labhair mi ribh, air dhomh a bhith am chòmhnaidh maille ribh: Ach an Comhfhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair uaithe ann am ainm-sa, teagaisgidh esan dhuibh na h‑uile nithean, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh na h‑uile nithean a labhair mise ribh. Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air. Chuala sibh mar a thubhairt mi ribh, Tha mi a’ falbh, agus thig mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh. Nam biodh gràdh agaibh dhòmhsa, bhiodh aoibhneas oirbh, a chionn gun dubhairt mi, Tha mi a’ dol a‑chum an Athar: oir is mò m’Athair na mise. Agus a‑nis dh’innis mi dhuibh seo ro dha teachd gu crìch, a‑chum, nuair a thig e gu crìch, gun creideadh sibh. Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rìs, agus gabhaidh mi sibh am ionnsaigh fhèin; a‑chum far a bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna.
Oir thig an Tighearna fhèin a‑nuas o nèamh le àrd-iolaich, le guth an àrd-aingil, agus le trompaid Dhè: agus èiridh na mairbh ann an Crìosd air tùs: An dèidh sin, sinne a bhios beò agus a dh’fhàgar, togar suas sinn maille riùsan anns na neòil, an còdhail an Tighearna anns an adhar: agus mar sin bidh sinn gu sìorraidh maille ris an Tighearna.
Is fiosrach Dia air làithean nan daoine ionraic, agus bidh an oighreachd gu sìorraidh. Cha chuirear gu nàire iad ann an àm an uilc, agus ann an làithean na gorta sàsaichear iad.
Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo-bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach:
A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.
Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn. Bunaitean teagasg nam baistidhean, agus leagadh nan làmh, agus aiseirigh nam marbh, agus breitheanais shìorraidh. Far an deachaidh an ro‑ruith-fhear a‑steach air ar son-ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard-shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.
An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an tì nach eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè a’ gabhail còmhnaidh air.
Thig do mhairbh beò; maille rim chorp marbh-sa èiridh iad. Dùisgibh agus seinnibh, sibhse tha a chòmhnaidh anns an duslach; oir tha do dhrùchd mar dhrùchd luibhean; agus tilgidh an talamh a‑mach na mairbh.
Thèid as dhaibhsan, ach mairidh tusa; fàsaidh iadsan uile sean mar aodach; mar thrusgan caochlaidh tu iad, agus bidh iad air an caochladh. Ach is tusa an Tì ceudna, agus cha chrìochnaichear do bhliadhnachan.
An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain:
Oir an tì a chuireas da fheòil, buainidh e on fheòil truaillidheachd; ach an tì a chuireas don Spiorad, buainidh e on Spiorad a’ bheatha shuthainn.
Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall;
Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.
Uime sin nì mo chridhe aoibhneas, agus nì mo ghlòir gàirdeachas; gabhaidh m’fheòil mar an ceudna fois ann an dòchas.
Agus cha tèid air chor sam bith a‑steach ann nì air bith a shalaicheas, no a dh’obraicheas gràinealachd, no a nì breug: ach iadsan a‑mhàin a tha sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain.
Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:
Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath-nuadhachadh o là gu là.
Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh; ach seasaidh facal ar Dè‑ne gu sìorraidh.
Gleidhidh an Tighearna iadsan uile a ghràdhaicheas e, ach sgriosaidh e na h‑aingidh gu lèir.
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.
Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich.
A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.
Uime sin tha iad an làthair rìgh-chathair Dhè, agus a’ dèanamh adhraidh dha a là agus a dh’oidhche na theampall: agus gabhaidh an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair còmhnaidh nam measg. Cha bhi acras orra tuilleadh, no tart nas mò; cha mhò a bhuaileas a’ ghrian orra, no teas air bith. Oir beathaichidh an t‑Uan a tha am meadhon na rìgh-chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu beò-thobraichean uisge: agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean.
Oir riamh o chruthachadh an t‑saoghail tha a nithean-san nach faodar fhaicinn, eadhon a chumhachd sìorraidh agus a Dhiadhachd, air am faicinn gu soilleir, air dhaibh a bhith so‑thuigsinn o na nithean a rinneadh; a‑chum gum biodh iad gun leisgeul aca:
Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.
A‑chum gum foillsicheadh e anns na linntean ri teachd saoibhreas ro‑phailt a ghràis, ann an coibhneas dar taobh-ne, tre Iosa Crìosd.
Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean; Agus amhairc a bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t‑slighe shìorraidh.
A fhuair bàs air ar son, a‑chum cia aca is faireachadh no cadal dhuinn, gum bitheamaid beò maille ris-san.
A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.
Ach ma tha dòchas againn ris an nì nach eil sinn a’ faicinn, feithidh sinn gu foighidinneach ris.
Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca nas pailte.
Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.
Oir shaor thu m’anam on bhàs, agus mar an ceudna mo chasan o thuisleadh, a‑chum gun gluaisinn ann ad fhianais, a Dhè, ann an solas nam beò.
Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.
Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta. Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile: Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna; A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh: A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd. Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn oirbh: beannaichibh, agus na mallaichibh. Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh. Bithibh a dh’aon rùn da chèile. Na biodh ur cion air nithean àrda, ach cuiribh sibh fhèin ann an co‑inbhe riùsan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin. Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine. Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine. A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh. Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
Nuair a dh’fhoillsichear Crìosd, neach as e ar beatha-ne, an sin bidh sibhse mar an ceudna air ur foillseachadh maille ris ann an glòir.
Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.
Oir amhail a mhaireas na nèamhan nuadha, agus an talamh nuadh, a tha mi a’ cruthachadh, ann am fhianais, deir an Tighearna, mar sin mairidh ur sliochd-se, agus ur n‑ainm.
Oir ma chaidh ar suidheachadh maraon ann an coslas a bhàis, bidh sinn mar an ceudna air ar suidheachadh ann an coslas a aiseirigh.
Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh: Neach as e geall-daingnich ar n‑oighreachd-ne, gu teachd saorsa na seilbhe a cheannaicheadh a‑chum cliù a ghlòire.
Uime sin ge bè a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh mise esan mar an ceudna am fianais m’Athar a tha air nèamh. Ach ge bè a dh’àicheas mise am fianais dhaoine, àichidh mise esan am fianais m’Athar a tha air nèamh.
Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid. Agus ma tha Crìosd annaibh, tha an corp marbh gu deimhinn a‑thaobh peacaidh; ach is beatha an Spiorad a‑thaobh fìreantachd. Ach ma tha Spiorad an tì a thog Iosa o na mairbh a’ gabhail còmhnaidh annaibh, an tì a thog Crìosd o na mairbh, beothaichidh e mar an ceudna ur cuirp bhàsmhor-se, tre a Spiorad-san a tha a chòmhnaidh annaibh. Uime sin, a bhràithrean, tha sinn fo fhiachan, chan ann don fheòil, a‑chum ar beatha a chaitheamh a rèir na feòla. Oir ma chaitheas sibh ur beatha a rèir na feòla, gheibh sibh bàs: ach ma mharbhas sibh tre an Spiorad gnìomharan na colainn, bidh sibh beò. Oir a mheud is a tha air an treòrachadh le Spiorad Dhè, is iad mic Dhè. Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd-mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair. Tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh fianais maille ri ar spiorad-ne gur sinn clann Dhè: Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna. Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn. Oir tha dùil dhùrachdach a’ chruthachaidh a’ feitheamh ri foillseachadh clann Dhè. Oir shaor lagh Spiorad na beatha, ann an Iosa Crìosd, mise o lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis.
An àite ur nàire gheibh sibh cuibhreann dhùbailte; agus an àite maslaidh nì iad gàirdeachas nan cuibhrinn; uime sin nan tìr sealbhaichidh iad roinn dhùbailte; bidh aoibhneas aca gu sìorraidh.
Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.
Chunnaic do shùilean mo chiad-fhàs anabaich, agus ann ad leabhar sgrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh ri ùine, gun aon dhiubh fhathast ann.
A‑nis uime sin, chan eil sibh nas mò nur coigrich agus nur coimhich, ach nur luchd aon bhaile ris na naoimh, agus nur muinntir-teaghlaich Dhè;
Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd;
Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat.
Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.
Ach air ar son-ne mar an ceudna dom measar e, ma chreideas sinn annsan a thog suas Iosa ar Tighearna o na mairbh, A thugadh thairis airson ar cionta, agus a thogadh suas a‑rìs airson ar fìreanachaidh.
Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh:
Nach eil fhios agaibh iadsan a tha a’ ruith anns a’ bhlàr-rèise, gun ruith iad uile, ach is aon duine a gheibh an duais? Guma h‑amhail a ruitheas sibhse, ionnas gun glac sibh an duais.
Dèanaibh gàirdeachas, agus bithibh ro‑shubhach; oir is mòr ur duais air nèamh: oir mar sin rinn iad geur-leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.
Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn.
Rìoghaichidh an Tighearna gu bràth, do Dhia-sa, a Shion, o linn gu linn. Molaibh-se an Tighearna.
Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.
Agus bidh do shluagh uile nam fìreanan; sealbhaichidh iad am fearann gu sìorraidh; am meangan a shuidhich mi, obair mo làmh, a‑chum gum bi mi air mo ghlòrachadh.
Uime sin seasaibh gu daingeann anns an t‑saorsa leis an do rinn Crìosd saor sinn, agus na bithibh a‑rìs air ur cuibhreachadh le cuing na daorsa.
Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.
Gidheadh tha dùil againne ri nèamhan nuadh agus talamh nuadh, a rèir a gheallaidh, anns an còmhnaich fìreantachd.
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:
Oir gearrar as droch dhaoine, ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, buan-mhealaidh iad an talamh.
Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh-sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.
Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.
Agus thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan, cuiridh mise os cionn mhòran thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Neach mar an ceudna a dhaingnicheas sibh gus a’ chrìoch, a‑chum gum bi sibh neo-lochdach ann an là ar Tighearna Iosa Crìosd.
Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi.
Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.
No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
A chionn gu robh thu luachmhor ann am shealladh, fhuair thu urram, agus thug mise gràdh dhut; uime sin bheir mi daoine air do shon, agus slòigh an èirig d’anama.
Oir ma chreideas sinn gun d’fhuair Iosa bàs, agus gun d’èirich e a‑rìs, amhail sin mar an ceudna an dream a chaidil ann an Iosa, bheir Dia maille ris.
Coimheadaidh an Tighearna thu o gach olc; coimheadaidh e d’anam. Coimheadaidh an Tighearna do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, on àm seo eadhon gu bràth.
O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd-san.
A Thighearna, rannsaich thu mi, agus is aithne dhut mi. Eadhon an sin stiùraidh do làmh mi, agus cumaidh do dheaslàmh suas mi. Ma their mi, Gu deimhinn falaichidh an dorchadas mi, bidh an oidhche fhèin mar sholas mun cuairt orm. Chan fhalaich eadhon an dorchadas uatsa, ach dealraichidh an oidhche mar an là; is ionann an dorchadas agus an solas dhutsa. Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar. Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin. Cha d’fhalaicheadh mo chorp uat nuair a rinneadh mi ann an diamhaireachd, a dhealbhadh mi gu h‑iongantach ann an ionadan ìochdarach na talmhainn. Chunnaic do shùilean mo chiad-fhàs anabaich, agus ann ad leabhar sgrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh ri ùine, gun aon dhiubh fhathast ann. O cia luachmhor leamsa do smuaintean-sa, a Dhè! Cia mòr an àireamh! Nan àirmhinn iad, is lìonmhoire iad na a’ ghaineamh; nuair a dhùisgeas mi, tha mi a‑ghnàth maille riutsa. Gu cinnteach, a Dhè, marbhaidh tusa an t‑aingidh; uime sin, a dhaoine fuileachdach, imichibh uam. Is aithne dhut mo shuidhe agus m’èirigh; tuigidh tu mo smuaintean fad as.
Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh,
Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan-san shlànaicheadh sinne.
Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu; cha leig e am feasd don fhìrean a bhith air a ghluasad.
Tha tròcair agus fìrinn air còmhlachadh a chèile; tha ceartas agus sìth air pògadh a chèile.
Tre an tugadh dhuinn geallaidhean ro‑mhòr agus luachmhor, a‑chum den trìdsan gum biodh sibhse air ur dèanamh nur luchd-compàirt de nàdar na diadhachd, air dhuibh dol as on truaillidheachd a tha anns an t‑saoghal tre ana-miann.
Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.
Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad. Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca. Ach taisgibh ionmhasan dhuibh fhèin air nèamh, far nach mill an leòmann no a’ mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich. Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, is ann an sin a bhios ur cridhe mar an ceudna.