Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.
Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
Agus is i seo an fhianais, gun tug Dia dhuinn a’ bheatha mhaireannach: agus tha a’ bheatha seo na Mhac. An tì aig a bheil am Mac tha beatha aige: an tì aig nach eil Mac Dhè chan eil beatha aige.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.
Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail;
Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.
Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn.
Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.
Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò: Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo?
Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.
Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha; tha lànachd aoibhneis ad làthair-sa; tha mòr-shubhachas aig do dheaslàimh gu sìorraidh.
Agus imichidh iadsan a‑chum peanais shìorraidh; ach na fìreanan a‑chum na beatha maireannaich.
Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh. A‑chum oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalaich, agus nach searg as, a tha air a coimhead anns na nèamhan dhuibhse,
Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
Ann an taigh m’Athar-sa tha iomadh àite-còmhnaidh: mura biodh e mar sin, dh’innsinn-sa dhuibh. Tha mi a’ dol a dh’ullachadh àite dhuibh. Anns an là sin bidh fhios agaibh gu bheil mise ann am Athair, agus sibhse annamsa, agus mise annaibh-se. An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha. Thubhairt Iùdas (chan e Iscariot) ris, A Thighearna, carson a dh’fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin don t‑saoghal? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris. An tì nach gràdhaich mise, cha choimhead e mo bhriathran: agus am facal a tha sibh a’ cluinntinn, cha leamsa e, ach leis an Athair a chuir uaithe mi. Na nithean seo labhair mi ribh, air dhomh a bhith am chòmhnaidh maille ribh: Ach an Comhfhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair uaithe ann am ainm-sa, teagaisgidh esan dhuibh na h‑uile nithean, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh na h‑uile nithean a labhair mise ribh. Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air. Chuala sibh mar a thubhairt mi ribh, Tha mi a’ falbh, agus thig mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh. Nam biodh gràdh agaibh dhòmhsa, bhiodh aoibhneas oirbh, a chionn gun dubhairt mi, Tha mi a’ dol a‑chum an Athar: oir is mò m’Athair na mise. Agus a‑nis dh’innis mi dhuibh seo ro dha teachd gu crìch, a‑chum, nuair a thig e gu crìch, gun creideadh sibh. Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rìs, agus gabhaidh mi sibh am ionnsaigh fhèin; a‑chum far a bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna.
Oir mar ann an Adhamh a tha na h‑uile a’ faghail a’ bhàis, is amhail sin mar an ceudna a nìthear na h‑uile beò ann an Crìosd.
A‑chum air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre a ghràs, gum bitheamaid air ar dèanamh nar n‑oighreachan a rèir dòchas na beatha maireannaich.
Oir is ann le dòchas a shaorar sinn: ach dòchas a chìthear, cha dòchas e: oir an nì a tha an duine a’ faicinn, carson a bhios dòchas aige ris? Ach ma tha dòchas againn ris an nì nach eil sinn a’ faicinn, feithidh sinn gu foighidinneach ris.
Oir an tì a chuireas da fheòil, buainidh e on fheòil truaillidheachd; ach an tì a chuireas don Spiorad, buainidh e on Spiorad a’ bheatha shuthainn.
Agus amhail a tha e air òrdachadh do dhaoine bàs fhaotainn aon uair, ach na dhèidh seo breitheanas: Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.
Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn.
Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.
Ach saoraidh Dia m’anam-sa o chumhachd na h‑uaighe, oir gabhaidh e mi da ionnsaigh. Selah.
Ach taisgibh ionmhasan dhuibh fhèin air nèamh, far nach mill an leòmann no a’ mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich.
Ach ma tha Spiorad an tì a thog Iosa o na mairbh a’ gabhail còmhnaidh annaibh, an tì a thog Crìosd o na mairbh, beothaichidh e mar an ceudna ur cuirp bhàsmhor-se, tre a Spiorad-san a tha a chòmhnaidh annaibh.
Oir ma chreideas sinn gun d’fhuair Iosa bàs, agus gun d’èirich e a‑rìs, amhail sin mar an ceudna an dream a chaidil ann an Iosa, bheir Dia maille ris.
Nuair a dh’fhoillsichear Crìosd, neach as e ar beatha-ne, an sin bidh sibhse mar an ceudna air ur foillseachadh maille ris ann an glòir.
Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thuras, ghlèidh mi an creideamh. O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd-san.
Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad.
Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh an Tighearna fad mo làithean.
A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.
A‑nis ma fhuair sinn bàs maille ri Crìosd, tha sinn a’ creidsinn gum bi sinn beò maille ris mar an ceudna:
A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.
Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:
Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
Rannsaichibh na sgriobtairean, oir tha sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh annta; agus is iad sin a tha a’ toirt fianais mum thimcheall-sa.
Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.
Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid.
Is rìoghachd shìorraidh do rìoghachd-sa, agus mairidh d’uachdaranachd air feadh nan uile ghinealach.
Tamall beag fhathast, agus chan fhaic an saoghal mi tuilleadh; ach chì sibhse mi: do bhrìgh gu bheil mise beò, bidh sibhse beò mar an ceudna.
Ann an dòchas gun saorar an cruthachadh fhèin fòs o dhaorsa na truaillidheachd, gu saorsa ghlòrmhor clann Dhè.
Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.
Chan fhaigh mi bàs, ach mairidh mi beò, agus cuiridh mi an cèill obraichean an Tighearna.
Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh;
Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.
Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè.
Coimheadaidh an Tighearna do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, on àm seo eadhon gu bràth.
A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich:
Agus is i seo toil an tì a chuir uaithe mi, gum biodh a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a chì am Mac, agus a chreideas ann: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.
Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.
Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e:
Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.
Oir tha feum agaibh air foighidinn; a‑chum an dèidh dhuibh toil Dhè a dhèanamh, gum faigh sibh an gealladh.
Airson an dòchais a tha air a thasgadh fa ur comhair air nèamh, air an cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil:
Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne,
Ma dh’aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu.
Oir gearrar as droch dhaoine, ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, buan-mhealaidh iad an talamh.
An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?
Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd;
Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh-ne.
An sin tillear mo naimhdean air an ais, anns an là a ghairmeas mi ort: air seo tha fhios agam, oir tha Dia leam.
Oir chan eil ach tiota na fheirg; tha beatha na dheagh-ghean; rè oidhche mairidh bròn, ach air madainn thig gàirdeachas.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Mar sin bidh eòlas a’ ghliocais dod anam, ma gheibh thu e; agus nuair a thig do chrìoch, cha ghearrar as do dhòchas.
Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam.
O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd-san.
Agus nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo-thruaillidheachd uime, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo-bhàsmhorachd uime, an sin coileanar am facal a tha sgrìobhte, Shluigeadh suas am bàs le buaidh. O bhàis, càit a bheil do ghath? O uaigh, càit a bheil do bhuaidh? Is e am peacadh gath a’ bhàis; agus is e neart a’ pheacaidh an lagh: Ach buidheachas do Dhia, a tha a’ toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Crìosd.
Ann an taigh m’Athar-sa tha iomadh àite-còmhnaidh: mura biodh e mar sin, dh’innsinn-sa dhuibh. Tha mi a’ dol a dh’ullachadh àite dhuibh.
Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis; agus cha robh fairge ann nas mò. Agus thug e leis mi anns an spiorad gu beinn mhòir agus àird, agus dh’fheuch e dhomh am baile mòr sin, Ierusalem naomh, a’ teachd a‑nuas à nèamh o Dhia, Aig an robh glòir Dhè: agus bha a shoillse cosmhail ri cloich ro‑luachmhoir, mar chloich iaspeir, soilleir mar chriostal; Agus bha balla mòr agus àrd aige, air an robh dà‑gheata-dheug, agus aig na geatachan dà‑aingeal-dheug, agus ainmean sgrìobhte orra, eadhon ainmean dà‑threubh-dheug chloinn Israeil. Air an taobh an ear, trì geatachan; air an taobh a tuath, trì geatachan; air an taobh a deas, trì geatachan; agus air an taobh an iar, trì geatachan. Agus bha aig balla na cathrach dà‑bhunait-dheug, agus anntasan ainmean dà‑abstol-dheug an Uain. Agus bha aig an tì a labhair rium, cuilc-shlat òir, a‑chum gun tomhaiseadh e am baile, agus a gheatachan, agus a bhalla. Agus tha am baile na laighe ceithir-cheàrnach, agus tha a fhad cho mòr ri a leud: agus thomhais e am baile leis a’ chuilc-shlait, dà‑mhìle-dheug stàid: is ionann fad, agus leud, agus àirde dha. Agus thomhais e a bhalla, ceud agus dà‑fhichead agus ceithir làmhan-coille, a rèir tomhas duine, eadhon an aingil. Agus bha a bhalla air a thogail de chloich iaspeir; agus b’òr fìorghlan am baile, cosmhail ri gloine soilleir. Agus bha bunaitean balla a’ bhaile air an dèanamh sgiamhach leis gach uile ghnè chlachan luachmhor. Bu iasper an ciad bunait; bu shaphir an dara; bu chalcedon an treas; b’emerald an ceathramh bunait; Agus chunnaic mise Eòin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a’ teachd a‑nuas o Dhia à nèamh, air ullachadh mar bhean-bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir. Bu shardonics an còigeamh; bu shardias an siathamh; bu chrisolit an seachdamh; bu bheril an t‑ochdamh; bu topas an naoidheamh: bu chrisoprasas an deicheamh; bu hiacint an t‑aon-deug; b’ametist an dara-bunait-deug. Agus an dà‑gheata-dheug bu dà‑neamhnaid-dheug iad; bha gach aon fa leth de na geatachan air a dhèanamh a dh’aon neamhnaid: agus b’òr fìorghlan sràid a’ bhaile, mar ghloine soilleir. Agus chan fhaca mi teampall ann: oir is e an Tighearna Dia uile-chumhachdach, agus an t‑Uan, as teampall dha. Agus chan eil feum aig a’ bhaile air a’ ghrèin no air a’ ghealaich a dhealrachadh ann: oir shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t‑Uan as solas dha. Agus gluaisidh cinnich na muinntir sin a shaorar na sholas: agus bheir rìghrean na talmhainn an glòir agus an urram da ionnsaigh. Agus cha dùinear a gheatachan anns an là: oir cha bhi oidhche an sin. Agus bheirear glòir agus urram nan cinneach da ionnsaigh. Agus cha tèid air chor sam bith a‑steach ann nì air bith a shalaicheas, no a dh’obraicheas gràinealachd, no a nì breug: ach iadsan a‑mhàin a tha sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain. Agus chuala mi guth mòr à nèamh ag ràdh, Feuch, tha pàillean Dhè maille ri daoine, agus nì esan còmhnaidh maille riu, agus bidh iadsan nan sluagh dha, agus bidh Dia fhèin maille riu, agus na Dhia dhaibh. Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.