Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -



68 Rainn as Buadhaiche na Bìobaill

68 Rainn as Buadhaiche na Bìobaill

Tha am Bìoball gu lèir air a bhrosnachadh le Dia, agus mar sin tha gach facal cudromach. Ach tha cuid de rannan ann, ma leughas sinn iad gu faiceallach, ma smaoinicheas sinn orra, agus ma dh’iarras sinn air Dia an ciall fhoillseachadh dhuinn, a dh’fhaodas ar beatha atharrachadh ann an dòigh chumhachdach, a dh’fhaodas buaidh a thoirt air beatha chàich cuideachd.

Tha luach do-chreidsinneach orra, oir troimhe, tha Dia gar ceartachadh, gar misneachadh agus gar togail suas. Tha e riatanach ionnsachadh earrannan dheth gus am bi sinn comasach cunntas a thoirt air ar creideamh nuair a dh’fhaighnicheas cuideigin dhuinn mu ar dòchas, agus eadhon gus sinn fhèin a dhìon bho ionnsaighean an nàmhaid.

Nuair a bhios sinn a’ smaoineachadh air na Sgriobtairean, chan eil sinn dìreach a’ leughadh, ach tha sinn cuideachd ag èisteachd ri guth an Spioraid Naoimh.




Ròmanaich 10:9

Ma dh’aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 3:16

Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:8

Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 10:27

Agus air do Iosa amharc orra, thubhairt e, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach chan eil do Dhia: oir do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:44

Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 10:10

Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca nas pailte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 18:11

Oir thàinig Mac an Duine a shaoradh an nì sin a bha caillte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:4

A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:39

No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 55:22

Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu; cha leig e am feasd don fhìrean a bhith air a ghluasad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 2:38

An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 13:34

Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 3:23

Oir pheacaich na h‑uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 5:12

An tì aig a bheil am Mac tha beatha aige: an tì aig nach eil Mac Dhè chan eil beatha aige.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 2:24

Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:13

Is urrainn mi na h‑uile nithean a dhèanamh tre Chrìosd a neartaicheas mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Timòteus 3:16-17

Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd: A‑chum gum bi òglach Dhè coileanta, làn-deas a‑chum gach uile dheagh obrach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 17:20

Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 29:11

Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 1:27

Agus chruthaich Dia an duine na dhealbh fhèin, ann an dealbh Dhè chruthaich e e: fireannach agus boireannach chruthaich e iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 4:12

Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar-sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 7:6

Ach a‑nis tha sinn air ar dèanamh saor on lagh, air dha sin a bhith marbh leis an do chumadh sinn; a‑chum gun dèanamaid seirbhis ann an nuadhachd spioraid, agus chan ann ann an aosmhorachd na litreach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:28

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 23:1

Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 28:18-20

Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh. Uime sin imichibh-se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh; Agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; oir thàinig aingeal an Tighearna a‑nuas o nèamh, agus air teachd dha, charaich e a’ chlach on doras, agus shuidh e oirre. A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:8-9

Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e: Chan ann o obraichean, a‑chum nach dèanadh neach air bith uaill:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 1:16

Oir is ann leis-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean, a tha air nèamh, agus a tha air thalamh, faicsinneach agus neo-fhaicsinneach, mas àrd-chathraichean iad, no tighearnais, no uachdaranachdan, no cumhachdan; is ann leis-san agus air a shon-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 6:23

Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 46:10

Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:5-6

Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:10

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 91:1-2

Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich. Chan èirich olc air bith dhut, agus cha tig plàigh am fagas dod fhàrdaich; Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile. Nan làmhan togaidh iad suas thu, air eagal gum buail thu do chas air cloich. Air an leòmhann agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon. A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha. Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte. Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:2

Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Timòteus 1:7

Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 14:6

Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 2:20

Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:1

Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 6:33

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:8

Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 1:8

Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 13:4-7

Tha an gràdh fad-fhulangach, agus coibhneil; cha ghabh an gràdh farmad; cha dèan an gràdh ràiteachas, chan eil e air a shèideadh suas. Cha ghiùlan e e fhèin gu mì‑chiatach, chan iarr e na nithean sin a bhuineas dha fhèin, chan eil e so‑bhrosnachaidh a‑chum feirge, cha smaoinich e olc sam bith, Cha dèan e gàirdeachas anns an eucoir, ach nì e gàirdeachas anns an fhìrinn; Fuilingidh e na h‑uile nithean, creididh e na h‑uile nithean, bidh sùil aige ris na h‑uile nithean, giùlainidh e na h‑uile nithean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 21:4

Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 53:5

Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan-san shlànaicheadh sinne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:4

Mar an ceudna gabh tlachd anns an Tighearna, agus bheir e dhut iarrtasan do chridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 11:28-30

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iosua 1:9

Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 16:33

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:31

Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 139:13-14

Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar. Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 3:20

A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 8:12

An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 5:7

A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air-san: oir tha cùram aige dhibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:16

Guma h‑ann mar sin a dhealraicheas ur solas an làthair dhaoine, a‑chum gum faic iad ur deagh obraichean, agus gun toir iad glòir dur n‑Athair a tha air nèamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 27:1

Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:13

A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:5

Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 1:9

Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 7:7-8

Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh: Oir gach uile neach a dh’iarras, glacaidh e: agus ge bè a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas an doras, fosglar.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:8

O blaisibh agus faicibh gur math an Tighearna; is beannaichte an duine sin a dh’earbas as.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 18:10

Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 11:25-26

Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò: Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 31:6

Bithibh làidir, agus biodh deagh mhisneach agaibh, na biodh eagal oirbh, agus na gabhaibh geilt romhpa: oir is e an Tighearna do Dhia e fhèin a thèid leat; cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:105

Is lòchran d’fhacal dom chois agus solas dom cheum.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 19:14

Biodh briathran mo bheòil agus smuaintean mo chridhe taitneach ad làthair, a Thighearna, mo charraig agus m’fhear-saoraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 1:5

Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 55:8-9

Oir chan iad mo smuaintean-sa ur smuaintean-se, cha mhò is iad ur slighean-se mo shlighean-sa, deir an Tighearna. Oir mar tha na nèamhan àrd seach an talamh, mar sin tha mo shlighean-sa àrd seach ur slighean-se, agus mo smuaintean-sa seach ur smuaintean-se.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 3:20

Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac

Urnuigh ri Dia

Mo chreach, tha thu airidh air urram, glòir agus mòrachd. Cho mòr 'sa tha thu, a Dhè, agus chan eil crìoch air do chumhachd. Chan urrainn dad a chasg. Tha mi 'gad adhradh airson cò thu, airson na rinn thu agus airson na nì thu. Glòir do Dhia! A Athair, ann an tìm cho cruaidh seo, làn droch naidheachd is mì-riaghailt, far a bheil trioblaidean a' feitheamh oirnn aig gach ceàrn, guidheam gum bi do fhacal mar bhalbhain is mar fhionnarachadh ann am beatha dhaoine. Gum bi e comasach dhaibh tuigsinn gur e do fhacal am bunait as cudromaiche san àm seo, gur e seo an t-àm airson ar sùilean a thogail ri nèamh. Tha do fhacal ag ràdh: "Cha tàinig am mèirleach ach a ghoid, a mharbhadh agus a sgrios; thàinig mise gus am bi beatha aca, agus gum bi i aca gu pailt." A Athair, teagaisg dhomh na h-amannan aithneachadh, a thuigsinn gach latha gun do ghairm thu mi gu beatha a rèir do fhacail, agus mo chomhfhurtachd fhàgail air mo chùlaibh. Cuidich mi gus m' ùine a chaitheamh ann an cùisean na rìoghachd, ag innse sgeul mhath Ìosa. Guidheam gum bi do ghlòir air gach beatha, agus gun tig aithreachas is tionndadh orra. An ainm Ìosa. Amen.
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan