Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


79 Rainn Bhìobaill mu Ìobairtean is Loisgean-tairgse

79 Rainn Bhìobaill mu Ìobairtean is Loisgean-tairgse

Anns a’ Bhìoball, tha an t-ìobairt na chomharra taing do Dhia. Nuair a bha Maois beò, dh’innis Dia do shluagh Israeil mu dhiofar ìobairtean. Bha e cudromach pàirt den bheairteas aca a thoirt seachad mar thaing airson na tìre a fhuair iad mar dhìleab bho Dhia.

Bha na h-ìobairtean seo mar as trice nam bathar àiteachais mar chruithneachd, eòrna, ola is beathaichean, agus bha iad co-ionann ri deicheamh pàirt den teachd-a-steach aca – an deicheamh. A rèir Lebhiticus, bha Dia ag iarraidh ìobairtean ann an cùisean mealltaireachd, goid, foill, breugan mu sheilbh caillte, agus mionnan-brèige.

Bha còig seòrsaichean ìobairt ann: ìobairt-loisgte, ìobairt-bìdh, ìobairt-shìth, ìobairt-pheacaidh, agus ìobairt-cionta. Anns an fhacal Dhè, chì sinn diofar dhòighean air ìobairtean a thoirt seachad, a’ chuid gus dèanamh suas airson cron a rinneadh air daoine eile, agus a’ chuid eile dìreach gus taing a thoirt seachad agus fàbhar ar cruthaichear a shireadh.

Mar a chì sinn, tha na cùisean agus na h-adhbharan gu math eadar-dhealaichte, ach ’s e an fhìor rùn agus cridhe onarach as cudromaiche airson a bhith taitneach do Dhia.




Eabhraidhich 13:15

Uime sin trìdsan thugamaid suas ìobairt-bhuidheachais do Dhia a‑ghnàth, is e sin toradh ar bilean, a’ toirt molaidh da ainm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 51:17

Is iad ìobairtean Dhè spiorad briste; air cridhe briste agus brùite, a Dhè, cha dèan thusa tàir.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 19:5

Agus ma dh’ìobras sibh ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, ìobraidh sibh e de ur toil fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Amos 4:4

Rachaibh gu Betel agus ciontaichibh; aig Gilgal dèanaibh ur lochdan lìonmhor; agus thugaibh leibh ur n‑ìobairtean gach madainn, ur deicheamh gach trì bliadhna;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 28:18-22

Agus dh’èirich Iàcob gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e a’ chlach a chuir e fo a cheann, agus chuir e suas na carragh i, agus dhòirt e ola air a mullach. Agus thug e Betel mar ainm air an àite sin: ach b’e Luds ainm a’ bhaile sin air tùs. Eirich, imich do Phadan-àram, do thaigh Bhetueil, athair do mhàthar, agus gabh dhut fhèin as a sin bean de nigheanan Làbain, bràthair do mhàthar. Agus bhòidich Iàcob bòid, ag ràdh, Ma bhios Dia leam, agus ma ghleidheas e mi air an t‑slighe sin air a bheil mi ag imeachd, agus ma bheir e dhomh aran ra ithe, agus aodach ra chur umam; Agus gun tig mi a‑rìs ann an sìth a dh’ionnsaigh taigh m’athar; an sin bidh an Tighearna agam na Dhia. Agus bidh a’ chlach seo, a chuir mi suas na carragh, na taigh aig Dia: agus de gach nì a bheir thu dhomh, bheir mi gu cinnteach an deicheamh dhut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 12:11

An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 12:13

Thoir an aire dhut fhèin, nach ìobair thu d’ìobairtean-loisgte anns gach àit a chì thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 8:20-21

Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan-loisgte air an altair. Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 20:24

Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan-loisgte, agus do thabhartasan-sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 25:2

Labhair ri cloinn Israeil, gun toir iad am ionnsaigh tabhartas: o gach duine a bheir seachad gu toileach e le a chridhe gabhaidh sibh mo thabhartas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 16:16-17

Trì uairean anns a’ bhliadhna taisbeinear d’fhireannaich uile an làthair an Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas e; ann am fèill an arain neo-ghortaichte, agus ann am fèill nan seachdain, agus ann am fèill nam pàillean: agus cha taisbeinear iad an làthair an Tighearna falamh. Bheir gach duine seachad mar as urrainn e, a rèir beannachadh an Tighearna do Dhia, a thug e dhut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Àireamh 7:3

Agus thug iad an tabhartas an làthair an Tighearna, sia feunan còmhdaichte, agus dà‑dhamh-dheug: feun airson dithis de na ceannardan, agus damh airson gach fir dhiubh, agus thug iad air beulaibh a’ phàillein iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 22:20

Esan a dh’ìobras do dhiathan sam bith, ach don Tighearna a‑mhàin, gearrar as e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 1:2

Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma bheir duine sam bith agaibh tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bheir sibh ur tabhartas den sprèidh, eadhon den bhuar agus den treud.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 1:1-17

Agus ghairm an Tighearna air Maois, agus labhair e ris à pàillean a’ choitheanail, ag ràdh. Agus mas ann de na treudan a bhios a thabhartas, eadhon de na caoraich, no de na gobhair, a‑chum ìobairt-loisgte, na bheathach fireann gun ghaoid bheir e leis e. Agus marbhaidh e e aig taobh na h‑altarach mu thuath ann an làthair an Tighearna: agus crathaidh na sagartan, mic Aaroin, a fhuil air an altair mun cuairt. Agus gearraidh e na mhìrean e, maille ra cheann agus ra shaill; agus cuiridh an sagart iad ann an òrdagh air an fhiodh a tha air an teine, a tha air an altair. Ach nighidh e am mionach agus na casan le uisge; agus bheir an sagart leis an t‑iomlan, agus loisgidh e air an altair e, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. Agus mas ann de eunlaith a bhios a thabhartas don Tighearna a‑chum ìobairt-loisgte, an sin bheir e a thabhartas de thurtaran, no de chalamain òga. Agus bheir an sagart e a‑chum na h‑altarach, agus snìomhaidh e a cheann dheth, agus loisgidh e air an altair e; agus fàisgear a‑mach a fhuil air taobh na h‑altarach. Agus spìonaidh e a sgròban as maille ra chlòimh, agus tilgidh e làimh ris an altair e, air an taobh an ear, do àite na luatha. Agus sgoiltidh e maille ra sgiathan e, ach cha roinn e o chèile e; agus loisgidh an sagart e air an altair, air an fhiodh a tha air an teine, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 29:18

Agus loisgidh tu an reithe uile air an altair; is tabhartas-loisgte e don Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 4:27-31

Agus ma pheacaicheas aon neach de shluagh na dùthcha trìd aineolais, nuair a tha e a’ dèanamh nì‑eigin an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna, a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh, agus gu bheil e ciontach: Ma thig a pheacadh, a pheacaich e, ga fhios, an sin bheir e leis mar a thabhartas meann de na gobhair, beathach boireann gun ghaoid, airson a pheacaidh a pheacaich e. Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-pheacaidh, agus marbhaidh e an ìobairt-pheacaidh ann an ionad na h‑ìobairt-loisgte. Ma pheacaicheas an sagart a chaidh ungadh, a rèir peacadh an t‑sluaigh; an sin thugadh e airson a pheacaidh a pheacaich e, tarbh òg gun ghaoid a dh’ionnsaigh an Tighearna a‑chum ìobairt-pheacaidh. Agus gabhaidh an sagart cuid de a fuil le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair na h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil uile aig bun na h‑altarach. Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear an t‑saill a ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart i air an altair, a-chum fàile chùbhraidh don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon, agus bheirear maitheanas dha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 29:36-37

Agus bheir thu seachad gach là tarbh òg mar thabhartas-peacaidh, a‑chum rèite: agus glanaidh tu an altair, nuair a nì thu rèite air a son, agus ungaidh tu i a‑chum a naomhachadh. Seachd làithean nì thu rèite airson na h‑altarach, agus naomhaichidh tu i; agus bidh i na h‑altair ro‑naomh: gach nì a bheanas ris an altair, naomhaichear e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 50:14

Iobair ìobairt-bhuidheachais do Dhia, agus ìoc do bhòidean don Tì as àirde.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 1:3-4

Ma bhios a thabhartas den bhuar na ìobairt-loisgte, thugadh e seachad beathach fireann gun ghaoid: aig doras pàillean a’ choitheanail bheir e seachad e de a shaor thoil fhèin, an làthair an Tighearna. Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-loisgte: agus gabhar air a shon i, a dhèanamh rèite air a shon.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 5:5-6

Agus tachraidh, nuair a bhios e ciontach de aon de na nithean sin, gun aidich e gun do pheacaich e anns an nì sin. Agus bheir e leis a ìobairt-easaontais a dh’ionnsaigh an Tighearna airson a pheacaidh a pheacaich e, beathach boireann on treud, uan, no meann o na gobhair, mar ìobairt-pheacaidh: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 1:11

Ciod e lìonmhorachd ur n‑ìobairtean dhòmhsa? deir an Tighearna: tha mi làn de thabhartasan-loisgte reitheachan, agus de shaill bheathaichean biadhte; ach ann am fuil tharbh, agus uan, agus bhoc ghoibhre, chan eil mo thlachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 1:9

Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:5

Uime sin a’ teachd dha don t‑saoghal, tha e ag ràdh, Ìobairt agus tabhartas cha b’àill leat, ach dh’ullaich thu corp dhòmhsa:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 6:12-13

Agus bidh an teine air an altair a’ losgadh innte; cha chuirear as e: agus loisgidh an sagart fiodh oirre gach madainn, agus cuiridh e an ìobairt-loisgte ann an òrdagh oirre, agus loisgidh e oirre saill nan ìobairtean-sìthe. Bidh an teine a’ lasadh air an altair an còmhnaidh: cha tèid e idir as.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 16:29-30

Agus bidh seo dhuibh na òrdagh gu sìorraidh: Anns an t‑seachdamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, irioslaichidh sibh ur n‑anaman, agus obair sam bith cha dèan sibh, aon chuid esan a tha de mhuinntir ur dùthcha fhèin, no an coigreach a tha air chuairt nur measg; Mar seo thèid Aaron a‑steach don ionad naomh: le tarbh òg a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus reithe a‑chum ìobairt-loisgte. Oir air an là sin nì an sagart rèite air ur son, a‑chum ur glanaidh: o ur peacaidhean gu lèir an làthair an Tighearna glanar sibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 16:24

Agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge anns an ionad naomh, agus cuiridh e air a èideadh, agus thig e a‑mach, agus ìobraidh e a ìobairt-loisgte fhèin, agus ìobairt-loisgte an t‑sluaigh; agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson an t‑sluaigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 17:11

Oir tha beatha na feòla anns an fhuil, agus thug mi dhuibh i air an altair, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman: oir is i an fhuil a nì rèite airson an anama.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 69:30-31

Molaidh mise ainm Dhè le òran, agus àrdaichidh mi e le breith-buidheachais. Agus is fheàrr leis an Tighearna seo na damh, na tarbh òg a tha adharcach, crodhanach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Àireamh 6:14

Agus bheir e seachad a thabhartas don Tighearna, aon uan fireann den chiad bhliadhna gun ghaoid a‑chum ìobairt-loisgte, agus aon uan boireann den chiad bhliadhna gun ghaoid a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus aon reithe gun ghaoid a‑chum ìobairt-shìthe;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:1-4

Uime sin, air a bhith aig an lagh sgàil nithean matha ri teachd, agus chan e fìor-choslas nan nithean fhèin, chan eil e comasach dha an dream a thig da ionnsaigh a‑chaoidh a dhèanamh coileanta leis na h‑ìobairtean sin a bha iad a’ toirt suas o bhliadhna gu bliadhna a‑ghnàth: Leis an toil seo tha sinne air ar naomhachadh, tre toirt suas corp Iosa Crìosd aon uair. Agus tha gach uile shagart a’ seasamh gach là, a’ frithealadh agus a’ toirt suas nan ìobairt ceudna gu minig, nithean do nach eil e an comas a‑chaoidh peacaidhean a thoirt air falbh: Ach an duine seo, an dèidh dha aon ìobairt a thoirt suas airson peacaidh, shuidh e a‑chaoidh tuilleadh air deaslàimh Dhè: A’ feitheamh o sin suas gus an cuirear a naimhdean nan stòl-chas fo a chasan. Oir le aon ìobairt rinn e a‑chaoidh foirfe iadsan a tha air an naomhachadh. Agus tha an Spiorad Naomh mar an ceudna a’ dèanamh fianais dhuinne air na nithean seo: oir an dèidh dha a ràdh roimhe, Is e seo an coicheangal a nì mi riu an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh, Cuiridh mi mo reachdan nan cridhe, agus sgrìobhaidh mi iad air an inntinn: Agus am peacaidhean agus an euceartan cha chuimhnich mi nas mò. A‑nis, far a bheil maitheanas nan nithean seo, chan eil tabhartas airson peacaidh ann nas mò. Uime sin, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil dànachd againn gu dol a‑steach don ionad as naoimhe tre fhuil Iosa, Oir an sin nach sguireadh iad de bhith gan toirt suas? Do bhrìgh nach biodh aig luchd-dèanamh na naomh-sheirbhis tuilleadh cogais air bith peacaidh, air dhaibh a bhith aon uair air an glanadh. Air slighe nuaidh agus bheò a choisrig e dhuinne, tre an roinn-bhrat, is sin ri ràdh, tre a fheòil fhèin: Agus do bhrìgh gu bheil againn Ard-shagart os cionn taigh Dhè, Thigeamaid am fagas le cridhe fìor, ann an làn dearbhachd a’ chreidimh, le ar cridheachan air an crath-ghlanadh o dhroch cogais, agus le ar cuirp air an nighe le uisge glan. Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall): Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean: Gun a bhith a’ leigeadh dhinn sinn fhèin a chruinneachadh an ceann a chèile, mar as gnàth le dream àraidh; ach a’ comhairleachadh a chèile: agus gum bu mhò a nì sinn seo, gu bheil sibh a’ faicinn an là a’ tarraing am fagas. Oir ma pheacaicheas sinn de ar toil fhèin an dèidh dhuinn eòlas na fìrinn fhaotainn, chan fhàgar tuilleadh dhuinn ìobairt airson peacaidh, Ach dùil eagalach ri breitheanas, agus feirg theinntich, a sgriosas na h‑eascairdean. An neach a rinn tàir air lagh Mhaois, bhàsaich e gun tròcair, fo dhithis no thriùir de fhianaisean: Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs? Ach anns na h‑ìobairtean sin nìthear ath-chuimhneachadh air na peacaidhean gach bliadhna. Oir is aithne dhuinn an Tì a thubhairt, Is leamsa an dìoghaltas, agus bheir mi dìoladh uam, tha an Tighearna ag ràdh: agus a‑rìs, Bheir an Tighearna breith air a shluagh. Is nì eagalach tuiteam ann an làmhan an Dè bheò. Ach biodh ath-chuimhne agaibh air na làithean a chaidh seachad, anns an d’fhuiling sibh, an dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh, gleac mhòr fhulangas; Ann an cuid, am feadh a rinneadh sibh nur ball-amhairc, araon tre mhaslaidhean agus thrioblaidean; agus ann an cuid, am feadh a rinneadh sibh nur companaich dhaibhsan ris an do bhuineadh mar sin. Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach. Uime sin na tilgibh uaibh ur muinghinn, aig a bheil mòr dhìol-thuarasdal. Oir tha feum agaibh air foighidinn; a‑chum an dèidh dhuibh toil Dhè a dhèanamh, gum faigh sibh an gealladh. Oir fhathast sealan beag, agus an Tì a tha ri teachd thig e, agus cha dèan e moille. A‑nis bidh am fìrean beò tre chreideamh: ach ma thilleas neach sam bith air ais, cha bhi aig m’anamsa tlachd ann. Ach chan eil sinne den dream sin a thilleas air an ais a‑chum sgrios; ach den dream a chreideas a‑chum tèarnadh an anama. Oir chan eil e an comas gun tugadh fuil tharbh agus ghobhar peacaidhean air falbh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Àireamh 15:3

Agus a bheir sibh suas tabhartas le teine don Tighearna, tabhartas-loisgte no ìobairt, gu bòid a choileanadh, no mar thabhartas saor-thoile, no nur n‑àrd-fhèillean, a dhèanamh fàile chùbhraidh don Tighearna, den sprèidh no den treud:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Malachi 1:11

Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 12:27

Agus ìobraidh tu d’ìobairtean-loisgte, an fheòil agus an fhuil, air altair an Tighearna do Dhia; agus dòirtear a‑mach fuil d’ìobairtean air altair an Tighearna do Dhia, agus ithidh tu an fheòil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Samuel 15:22

Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 3:1-17

Agus ma bhios a thabhartas a‑chum ìobairt thabhartas-sìthe, mas ann den bhuar a bheir e seachad e, mas fireann no boireann e, bheir e seachad e gun ghaoid an làthair an Tighearna. Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch-lèin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i. Agus loisgidh an sagart e air an altair; is e biadh an tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna. Agus mas gobhar a bhios na thabhartas, bheir e seachad i an làthair an Tighearna. Agus cuiridh e a làmh air a ceann, agus marbhaidh e i fa chomhair pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin a fuil air an altair mun cuairt. Agus bheir e seachad dhith a thabhartas, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach, Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch-lèin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i. Agus loisgidh an sagart iad air an altair: is iad biadh an tabhartais a bheirear suas le teine, a-chum fàile chùbhraidh. An t‑saill uile is leis an Tighearna. Bidh e na reachd bithbhuan dur ginealaichean air feadh ur n‑àiteachan-còmhnaidh uile, nach ith sibh saill no fuil sam bith.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Àireamh 28:3-4

Agus their thu riu, Is e seo an tabhartas a bheirear suas le teine, a bheir sibh seachad don Tighearna; dà uan den chiad bhliadhna gun ghaoid gach là, a‑chum ìobairt-loisgte ghnàthaichte. Agus aon mheann de na gobhair, a dhèanamh rèite air ur aon. Iobraidh sibh iad a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh (gun ghaoid bidh iad dhuibh), agus an tabhartasan-dibhe. Aon uan bheir thu seachad anns a’ mhadainn, agus an t‑uan eile bheir thu seachad anns an fheasgar;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Rìgh 8:64

Air an là sin fhèin naomhaich an rìgh meadhon na cùirte a bha air beulaibh taigh an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairtean-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus saill nan tabhartas-sìthe; a chionn gu robh an altair umha a bha am fianais an Tighearna ro‑bheag a ghabhail nan ìobairt-loisgte, agus nan tabhartas-bìdh, agus saill nan tabhartas-sìthe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 7:1

Agus nuair a chuir Solamh crìoch air ùrnaigh a dhèanamh, thàinig an teine a‑nuas o nèamh, agus loisg e suas an tabhartas-loisgte agus na h‑ìobairtean; agus lìon glòir an Tighearna an taigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 40:6-8

Ann an ìobairt agus ann an tabhartas cha do ghabh thu tlachd; dh’fhosgail thu mo chluasan; ìobairt-loisgte agus ìobairt-pheacaidh cha d’iarr thu. An sin thubhairt mi, Feuch, tha mi a’ teachd; ann an ròla an leabhair tha e sgrìobhte ormsa. Is e mo thlachd do thoil a dhèanamh, a Dhè; seadh, tha do lagh an taobh a‑staigh dem chridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 20:3

Gun cuimhnicheadh e do thabhartasan uile, agus gun gabhadh e gu taitneach uat d’ìobairt-loisgte! Selah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 1:11-13

Ciod e lìonmhorachd ur n‑ìobairtean dhòmhsa? deir an Tighearna: tha mi làn de thabhartasan-loisgte reitheachan, agus de shaill bheathaichean biadhte; ach ann am fuil tharbh, agus uan, agus bhoc ghoibhre, chan eil mo thlachd. Nuair a thig sibh gu ur taisbeanadh fhèin ann am làthair-sa, cò a dh’iarr seo air ur làimh, mo chùirtean-sa a shaltairt? Na tugaibh tabhartas dìomhain uaibh nas mò: tha tùis na gràinealachd dhomh; a’ ghealach ùr, agus an t‑sàbaid, gairm a’ cho-chruinneachaidh, chan fhaodar leam fhulang; is euceart eadhon an co‑ghairm naomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 46:12

A‑nis nuair a dheasaicheas an t‑uachdaran o a thoil fhèin ìobairt-loisgte, no tabhartasan-sìthe, gu toileach don Tighearna, fosglar dha an sin an geata a tha ag amharc ris an àird an ear, agus ullaichidh e ìobairt-loisgte, agus a thabhartas-sìth mar a rinn e air là na sàbaid: an sin thèid e a‑mach, agus an dèidh dha dol a‑mach, druidear an doras.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 40:6

Ann an ìobairt agus ann an tabhartas cha do ghabh thu tlachd; dh’fhosgail thu mo chluasan; ìobairt-loisgte agus ìobairt-pheacaidh cha d’iarr thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 51:16-17

Oir chan iarr thu ìobairt, no bheirinn dhut i; ann an ìobairt-loisgte chan eil tlachd agad. Is iad ìobairtean Dhè spiorad briste; air cridhe briste agus brùite, a Dhè, cha dèan thusa tàir.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 9:22

Agus is beag nach eil na h‑uile nithean air an glanadh le fuil a rèir an lagha; agus as eugmhais dòrtadh fala chan eil maitheanas ra fhaotainn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:22

Agus gun ìobradh iad ìobairtean buidheachais, agus gun cuireadh iad an cèill a ghnìomharan le luathghaire!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 66:13-15

Thèid mi dod thaigh le ìobairtean-loisgte; coileanaidh mi dhut mo bhòidean, Leis an d’fhosgladh mo bhilean agus a labhair mo bheul, nuair a bha mi ann an èiginn. Iobairtean-loisgte de fheudail reamhar ìobraidh mi dhut, maille ri tùis reitheachan; bheir mi suas buar maille ri gobhair. Selah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:27

Is e Dia as Tighearna ann, agus dhealraich e oirnn; ceanglaibh an ìobairt le cùird, eadhon ri adhaircean na h‑altarach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 53:10

Ach b’i toil an Tighearna a bhruthadh; chuir e fo àmhghar e; nuair a nì thu a anam na ìobairt-rèitich, chì e sliochd, sìnear a làithean; agus soirbhichidh rùn an Tighearna na làimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 21:3

Ceartas a dhèanamh agus breitheanas, is roghnaiche leis an Tighearna na ìobairt.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 7:22-23

Oir cha do labhair mise ri ur n‑athraichean, cha mhò a dh’àithn mi dhaibh, anns an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, mu thimcheall thabhartas-loisgte do ìobairtean: Ach an nì seo dh’àithn mi dhaibh, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth, agus bidh mise am Dhia dhuibh-se, agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa; agus gluaisibh anns na h‑uile shlighean a dh’àithn mi dhuibh, a‑chum gun èirich gu math dhuibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Hosèa 6:6

Oir dh’iarr mise tròcair, agus chan e ìobairt, agus eòlas Dhè nas mò na ìobairtean-loisgte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 2:24

Agus a thoirt ìobairt a rèir mar a theirear ann an lagh an Tighearna, dà thurtar no dà chalaman òg.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Micah 6:6-8

Ciod leis an tig mi ann am fianais an Tighearna; leis an strìochd mi mi fhèin an làthair an Dè as àirde? An tig mi na fhianais le ìobairtean-loisgte; le laoigh a bhios bliadhna a dh’aois? Am bi an Tighearna toilichte le mìltean de reitheachan, le deich mìltean de shruthan ola? An toir mi mo chiad-ghin airson mo chionta; toradh mo chuirp airson cionta m’anama? Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 2:17

Seadh agus ma dh’ìobrar mi air ìobairt agus seirbhis fhollaiseach ur creidimh-se, tha aoibhneas orm, agus tha mi a’ dèanamh gàirdeachais maille ribhse uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 9:13

Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 12:7

Agus nam biodh fhios agaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair as àill leam agus chan ìobairt, cha dìteadh sibh an dream a tha neochiontach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 2:20

Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 12:33

Agus esan a ghràdhachadh leis an uile chridhe, agus leis an uile thuigse, agus leis an uile anam, agus leis an uile neart, agus neach a ghràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, is mò sin na na h‑uile làn ìobairtean-loisgte agus thabhartas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 1:29

Air an là màireach chunnaic Eòin Iosa a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 116:17

Dhutsa ìobraidh mi ìobairt mholaidh, agus air ainm an Tighearna gairmidh mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:1

Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 50:5

Cruinnichibh mo naoimh am ionnsaigh, iadsan a rinn coicheangal rium le ìobairt.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 5:2

Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 9:26

(Oir mar sin b’èiginn gum fuilingeadh e gu minig o thoiseach an t‑saoghail); ach a‑nis dh’fhoillsicheadh e aon uair ann an deireadh an t‑saoghail, a‑chum peacadh a chur air cùl trìd e fhèin ìobradh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:18

Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh-chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:23-24

Uime sin ma bheir thu do thabhartas a‑chum na h‑altarach, agus gun cuimhnich thu an sin gu bheil nì air bith aig do bhràthair ad aghaidh; Fàg do thabhartas an sin an làthair na h‑altarach, agus imich, agus dèan rèite air tùs rid bhràthair, agus an dèidh sin thig agus tabhair uat do thìodhlac.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 9:12

Agus cha b’ann tre fhuil ghobhar agus laogh, ach tre a fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair don ionad naomh, air dha saorsa shìorraidh fhaotainn dhuinne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 9:14

Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:12

Ach an duine seo, an dèidh dha aon ìobairt a thoirt suas airson peacaidh, shuidh e a‑chaoidh tuilleadh air deaslàimh Dhè:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:15-16

Uime sin trìdsan thugamaid suas ìobairt-bhuidheachais do Dhia a‑ghnàth, is e sin toradh ar bilean, a’ toirt molaidh da ainm. Ach na dìochuimhnichibh math a dhèanamh, agus co‑roinn a thoirt uaibh: oir tha an leithidean sin de ìobairtean taitneach do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 1:18-19

Air dhuibh fios a bhith agaibh nach do shaoradh sibh le nithean truaillidh, mar a tha airgead agus òr, o ur caitheamh-beatha dìomhain, a thugadh dhuibh o ur sinnsireachd; Ach le fuil luachmhoir Chrìosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 2:5

Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 2:2

Agus is esan an ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean, agus chan ann airson ar peacaidhean-ne a‑mhàin, ach mar an ceudna airson peacaidhean an t‑saoghail uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 5:9

Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 8:3-4

Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh-chathrach. Agus chaidh deatach na tùise suas maille ri ùrnaighean nan naomh, o làimh an aingil, an làthair Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac

Urnuigh ri Dia

A Dhè uile-chumhachdaich! Tha mi tighinn thugad tro mo Thighearna Iosa Crìosd, is thusa a-mhàin airidh air gach glòir 's urram. A Athair, tha thu mar a bha thu an-dè, an-diugh, agus gu bràth. Cuidich mi gach latha a' coicheachd a rèir a' phrionnsabail seo bhon Bhìoball agus do fhacal a ghleidheadh an-còmhnaidh. Na leig leam do mhealladh tro dheachmhainn, tairgsean, 's tobraichean, agus thoir dhomh tuigsinn nach e cleachdaidhean àrsaidh a-mhàin a tha seo, ach prionnsabail do rìoghachd a tha fhathast beò an-diugh. Teagaisg dhomh cridhe umhail a bhith agam an-còmhnaidh a thaobh an gnìomh spioradail seo, gun a bhith ga fhaicinn mar eallach no dleastanas, agus gun dad a chumail air ais. Gleidh mi bho na droch ghnìomhan 's beachdan seo a bheir bochdainn 's mallachd mar thoradh. Cuir annam cridhe deònach air a thoirt seachad, oir tha mi airson do bheannachd fhaicinn a' sruthadh gu nàdarra air mo bheatha gach latha, oir is ann bhuatsa a tha gach buaidh agus solar a' tighinn. An ainm Ìosa. Amen.
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan