An dèidh gach cruinneachaidh, b’àbhaist do Iòb a chlann a chruinneachadh ri chèile airson seòrsa deas-ghnàth far an cuireadh e impidh air Dia maitheanas a thoirt dhaibh airson peacadh sam bith a dh’fhaodadh iad a bhith air a dhèanamh. Dh’èireadh e tràth sa mhadainn gus ìobairt a thoirt do Dhia airson gach aon dhiubh, air eagal ’s gum biodh iad air Dia a mhaslachadh no peacachadh na aghaidh. B’àbhaist dhaibh laoigh a ìobradh airson maitheanas fhaighinn bho Dhia.
Ach a-nis, tha fuil luachmhor Chrìosd Iosa gar glanadh agus gar maitheanas, agus mar sin, bu chòir dhut do bheatha fhèin a dhèanamh na h-ìobairt shònraichte don Tighearna, an-còmhnaidh a’ toirt taing airson a mhaitheanais agus a ghràidh dhut. Tha beatha naomh a bhith agad, a’ coiseachd fo thoil Dhè, ann an ùmhlachd agus ann an gràdh, na b’ fheàrr na rud sam bith stuthach a dh’fhaodadh tu a thabhann, oir is e an rud as motha a tha e ag iarraidh gu bheil anam fìor-ghlan agad na làthair, anam a bheir fàile cùbhraidh dha.
Mhaith Dia dhut mu thràth nuair a dh’aidich thu Iosa mar do Shlànaighear, agus mar sin, tionndaidh air falbh bhon olc gu tur, agus dèan math gach latha de do bheatha, gus am bi thu nad ìobairt taitneach dhaibhsan a ghairm thu bhon dorchadas a-steach don t-solas iongantach aige.
Agus bheir thu seachad gach là tarbh òg mar thabhartas-peacaidh, a‑chum rèite: agus glanaidh tu an altair, nuair a nì thu rèite air a son, agus ungaidh tu i a‑chum a naomhachadh.
Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.
Agus nuair a sheasas sibh a’ dèanamh ùrnaigh, maithibh, ma tha nì air bith agaibh an aghaidh aon duine; a‑chum gum maith ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse.
Ma pheacaicheas an sagart a chaidh ungadh, a rèir peacadh an t‑sluaigh; an sin thugadh e airson a pheacaidh a pheacaich e, tarbh òg gun ghaoid a dh’ionnsaigh an Tighearna a‑chum ìobairt-pheacaidh.
Nuair a bhios am peacadh, a pheacaich iad na aghaidh, aithnichte, an sin bheir an co‑chruinneachadh seachad tarbh òg airson a’ pheacaidh, agus bheir iad e fa chomhair pàillean a’ choitheanail.
Agus bheir e air falbh a shaill uile uaithe, agus loisgidh e i air an altair. Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma pheacaicheas anam trìd aineolais an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna (a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh) agus gun dèan e nì an aghaidh aoin dhiubh; Agus nì e ris an tarbh mar a rinn e ri tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh, mar sin nì e ris: agus nì an sagart rèite air an son, agus bheirear maitheanas dhaibh.
Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis; Anns an robh e ro‑phailt dhuinn anns an uile ghliocas, agus thuigse;
Agus nì e ris an tarbh mar a rinn e ri tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh, mar sin nì e ris: agus nì an sagart rèite air an son, agus bheirear maitheanas dhaibh.
Uime sin ma bheir thu do thabhartas a‑chum na h‑altarach, agus gun cuimhnich thu an sin gu bheil nì air bith aig do bhràthair ad aghaidh; Fàg do thabhartas an sin an làthair na h‑altarach, agus imich, agus dèan rèite air tùs rid bhràthair, agus an dèidh sin thig agus tabhair uat do thìodhlac.
Labhair ri cloinn Israeil, gun toir iad am ionnsaigh tabhartas: o gach duine a bheir seachad gu toileach e le a chridhe gabhaidh sibh mo thabhartas.
Uime sin, thug sinn tabhartas a‑chum an Tighearna, gach fear na fhuair e de sheudan òir, eadhon slabhraidhean, agus usgraichean, fàinnean, cluas-fhailean, agus criosan, a dhèanamh rèite airson ar n‑anaman an làthair an Tighearna.
An spùinn duine Dia? Gidheadh spùinn sibhse mise: ach tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do spùinn sinn thu? Ann an deicheamh agus ann an tabhartasan.
Agus na tugaibh breith agus cha toirear breith oirbh: na dìtibh, agus cha dìtear sibh: thugaibh maitheanas, agus bheirear maitheanas dhuibh.
Thugadh gach duine seachad a rèir rùn a chridhe; na b’ann an doilgheas, no le èiginn: oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir.
Agus uime sin gabhaibh dhuibh fhèin seachd tairbh òga agus seachd reitheachan, agus rachaibh a dh’ionnsaigh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt-loisgte air ur son fhèin; agus nì m’òglach Iob ùrnaigh air ur son, oir ris-san gabhaidh mi: a‑chum nach buin mi ribh a rèir ur n‑amaideachd, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.
Uime sin biodh fhios agaibhse, fheara agus a bhràithrean, gur ann tre an duine seo a tha maitheanas pheacaidhean air a shearmonachadh dhuibh:
Agus ma bheir e leis uan mar a thabhartas airson peacaidh, bheir e leis uan boireann gun ghaoid.
Thugaibh don Tighearna a’ ghlòir as cubhaidh da ainm; thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh a‑steach da chùirtean.
Nìthear an t‑anam fial sultmhor; agus an tì a dh’uisgicheas, uisgichear mar an ceudna e fhèin.
Thugaibh an aire nach toir sibh ur dèirc am fianais dhaoine, a‑chum gum faicear leo sibh; no chan fhaigh sibh duais o ur n‑Athair a tha air nèamh. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil air an talamh, mar a nìthear air nèamh. Tabhair dhuinn an‑diugh ar n‑aran làitheil. Agus maith dhuinn ar fiachan, amhail a mhaitheas sinne dar luchd-fiach. Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen. Oir ma mhaitheas sibh an cionta do dhaoine, maithidh ur n‑Athair nèamhaidh dhuibhse mar an ceudna: Ach mura maith sibh an cionta do dhaoine, cha mhò a mhaitheas ur n‑Athair dhuibh-se ur cionta. Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca. Ach thusa, nuair a nì thu trasgadh, cuir ola air do cheann, agus ionnail d’aghaidh: A‑chum nach faicear le daoine gu bheil thu a’ dèanamh trasgaidh, ach led Athair a tha ann an uaigneas; agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach. Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad. Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca. Ach taisgibh ionmhasan dhuibh fhèin air nèamh, far nach mill an leòmann no a’ mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich. Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, is ann an sin a bhios ur cridhe mar an ceudna. Is i an t‑sùil solas a’ chuirp: uime sin ma bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais. Ach ma bhios do shùil gu h‑olc, bidh do chorp uile dorcha. Air an adhbhar sin, ma tha an solas a tha annad na dhorchadas, cia mòr an dorchadas sin! Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon. Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach? Amhaircibh air eunlaith an adhair; oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlean: gidheadh tha ur n‑Athair nèamhaidh-se gam beathachadh. Nach fheàrr sibhse gu mòr na iadsan? Agus cò agaibh le mòr-chùram a dh’fhaodas aon làmh-choille a chur ra àirde fhèin? Agus carson a tha sibh ro‑chùramach mu thimcheall ur culaidh? Fòghlamaibh cionnas a tha na lilidhean a’ fàs anns a’ mhachair; cha saothraich iad, agus cha snìomh iad. Gidheadh tha mise ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na uile ghlòir air èideadh mar aon dhiubh seo. Ach nuair a bheir thusa dèirc, na biodh fhios aig do làimh chlì ciod a tha do làmh dheas a’ dèanamh; Air an adhbhar sin, ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh feur na machrach a tha an‑diugh ann, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, a dhaoine air bheag creidimh? Uime sin na bithibh làn de chùram, ag ràdh, Ciod a dh’itheas sinn, no ciod a dh’òlas sinn, no ciod a chuireas sinn umainn? (Oir iad seo uile iarraidh na Cinnich); oir tha fhios aig ur n‑Athair nèamhaidh gu bheil feum agaibhse air na nithean seo uile. Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh. Uime sin na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall an là màireach: oir bidh a làn de chùram air an là‑màireach mu thimcheall a nithean fhèin. Is leòr don là a olc fhèin. A‑chum gum bi do dhèirc an uaigneas: agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.
Agus uile dheicheamh an fhearainn, mas ann de shìol an fhearainn, no de mheas na craoibhe, is leis an Tighearna e; tha e naomh don Tighearna.
Thugaibh don Tighearna an t‑urram as cubhaidh da ainm: thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh na làthair; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd.
Agus cumaidh tu fèill nan seachdain don Tighearna do Dhia, le tìodhlac saor-thoil tabhartas do làimhe a bheir thu seachad a rèir mar a bheannaich an Tighearna do Dhia thu.
Agus ma dh’ìobras sibh ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, ìobraidh sibh e de ur toil fhèin.
Bheir gach duine seachad mar as urrainn e, a rèir beannachadh an Tighearna do Dhia, a thug e dhut.
An nì sin a chaidh a‑mach as do bhilean, coimheadaidh agus coileanaidh tu; a rèir mar a bhòidich thu don Tighearna do Dhia, eadhon tabhartas saor-thoile, a gheall thu led bheul.
Ach ge bè air bith nì anns am bi gaoid, sin cha toir sibh seachad: oir cha ghabhar air ur son e. Agus ge bè air bith e a bheir seachad ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, a choileanadh a bhòide, mar thabhartas saor-thoile, den bhuar, no de na caoraich, bidh e iomlan, a‑chum is gun gabhar ris: cha bhi gaoid sam bith ann.
Agus ge bè neach a dh’fhàgadh ann an àite sam bith far a bheil e air chuairt, cuidicheadh daoine a àite leis le airgead, agus le òr, agus le maoin, agus le ainmhidhean a thuilleadh air an tabhartas saor-thoile airson taigh Dhè a tha ann an Ierusalem.
Is iad ìobairtean Dhè spiorad briste; air cridhe briste agus brùite, a Dhè, cha dèan thusa tàir.
Agus bha Core mac Imnah an Lèbhitheach, an dorsair a làimh na h‑àird an ear, os cionn saor-thìodhlacan Dhè a‑chum gun tugadh e seachad tabhartasan an Tighearna, agus na nithean ro‑naomha.
Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.
Mar seo mar an ceudna bheir sibh seachad tabhartas-togte don Tighearna, de ur n‑uile dheicheamh a thogas sibh o chloinn Israeil; agus bheir sibh dheth tabhartas-togte an Tighearna do Aaron an sagart.
Thugaibh uaibh, agus bheirear dhuibh; deagh thomhas, air a gheinneadh agus air a chrathadh ri chèile, agus a’ cur thairis, bheir daoine nur n‑uchd; oir leis an tomhas len tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs.
Is gràinealachd ìobairt nan aingidh: cia mòr as mò, nuair a bheirear suas i le droch rùn?
Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:
Ach na dìochuimhnichibh math a dhèanamh, agus co‑roinn a thoirt uaibh: oir tha an leithidean sin de ìobairtean taitneach do Dhia.
Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad. Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca. Ach taisgibh ionmhasan dhuibh fhèin air nèamh, far nach mill an leòmann no a’ mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich. Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, is ann an sin a bhios ur cridhe mar an ceudna.
Na meallar sibh; cha dèanar fanaid air Dia: oir ge bè nì a shìol-chuireas duine, an nì ceudna buainidh e.
Agus thàrladh, an ceann làithean àraidh, gun tug Càin de thoradh an fhearainn tabhartas don Tighearna. Agus thug Abel mar an ceudna de chiad-ghin a threuda, agus den saill. Agus bha meas aig an Tighearna air Abel agus air a thabhartas:
Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn: Iad a dhèanamh maith, iad a bhith saoibhir ann an deagh obraichean, ullamh gu roinn, compàirteach; A’ tasgadh suas dhaibh fhèin deagh bhunait fa chomhair an àm ri teachd, a‑chum gun dèan iad greim air a’ bheatha mhaireannaich.
An dara cuid dèanaibh a’ chraobh math, agus a toradh math; no dèanaibh a’ chraobh truaillidh, agus a toradh truaillidh; oir is ann air a toradh a dh’aithnichear a’ chraobh. A shliochd nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodas sibh nithean matha a labhairt, agus sibh fhèin olc? Oir is ann à pailteas a chridhe a labhras am beul. Bheir duine math a‑mach nithean matha à deagh ionmhas a chridhe: agus bheir an droch dhuine a‑mach droch nithean as a dhroch ionmhas.
Agus thug iad a‑steach na tabhartasan, agus an deicheamh, agus na nithean naomhaichte gu fìrinneach; agus os an cionn bha Cononiah an Lèbhitheach na fhear-riaghlaidh, agus Simei a bhràthair anns an àit a b’fhaisge.
Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.
Oir ma mhaitheas sibh an cionta do dhaoine, maithidh ur n‑Athair nèamhaidh dhuibhse mar an ceudna: Ach mura maith sibh an cionta do dhaoine, cha mhò a mhaitheas ur n‑Athair dhuibh-se ur cionta.
Ciod e lìonmhorachd ur n‑ìobairtean dhòmhsa? deir an Tighearna: tha mi làn de thabhartasan-loisgte reitheachan, agus de shaill bheathaichean biadhte; ach ann am fuil tharbh, agus uan, agus bhoc ghoibhre, chan eil mo thlachd. Nuair a thig sibh gu ur taisbeanadh fhèin ann am làthair-sa, cò a dh’iarr seo air ur làimh, mo chùirtean-sa a shaltairt? Na tugaibh tabhartas dìomhain uaibh nas mò: tha tùis na gràinealachd dhomh; a’ ghealach ùr, agus an t‑sàbaid, gairm a’ cho-chruinneachaidh, chan fhaodar leam fhulang; is euceart eadhon an co‑ghairm naomh. Ur gealaichean ùra, agus ur fèillean suidhichte, is fuath lem anam; tha iad nan eallaich orm; tha mi sgìth den giùlan. Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala.
A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis-ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.
Agus bithibh coibhneil teò-chridheach da chèile; a’ toirt maitheanais da chèile, eadhon mar a thug Dia maitheanas dhuibhse ann an Crìosd.
Agus air dha amharc suas, chunnaic e na daoine saoibhir a’ tilgeadh an tìodhlacan ann an àite-coimhead an ionmhais. An sin thubhairt e riu, Eiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: Agus bidh crithean-talmhainn mòra ann an iomadh àit, agus goirt, agus plàighean; agus nithean uamhasach, agus comharraidhean mòra o nèamh. Ach ro na nithean seo uile, cuiridh iad làmh annaibhse, agus geur-leanaidh iad sibh, gur tabhairt thairis do choitheanail, agus do phrìosanan, gur tabhairt a‑chum rìghrean agus uachdaran air sgàth m’ainme-sa. Agus tachraidh seo dhuibhse mar fhianais. Air an adhbhar sin daingnichibh nur cridheachan, gun smaoineachadh ro‑làimh ciod a fhreagras sibh air ur son fhèin: Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi ur naimhdean uile comasach air labhairt no cur na aghaidh. Agus brathar sibh le ur pàrantan, agus le ur bràithrean, agus le ur luchd-dàimhe, agus le ur càirdean; agus bheir iad fa‑near cuid dhibh a chur gu bàs. Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme-sa. Ach cha chaillear fuiltean de ghruaig ur cinn. Nur foighidinn sealbhaichibh ur n‑anaman. Agus chunnaic e mar an ceudna bantrach bhochd àraidh a’ tilgeadh dà leth-fheòirling an sin. Agus nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh am fagas. (An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann), agus imicheadh iadsan a tha na meadhon-se a‑mach aisde; agus na rachadh iadsan a tha anns a’ mhachair a‑steach innte. Oir is iad sin làithean an dìoghaltais, a‑chum gun coileanar na h‑uile nithean a tha sgrìobhte. Ach mo thruaighe na mnathan a bhios torrach, agus iadsan a bhios a’ toirt cìche anns na làithean sin! Oir bidh teanntachd mhòr anns an dùthaich, agus fearg air a’ phoball seo. Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach. Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma-chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich; Cridheachan dhaoine gan trèigsinn tro eagal, agus feitheamh nan nithean sin a tha teachd air an domhan: oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh. Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd ann an neul, le cumhachd agus mòr-ghlòir. Agus nuair a thòisicheas na nithean seo air tachairt, an sin amhaircibh suas, agus togaibh ur cinn; oir tha ur saorsa am fagas. Agus labhair e cosamhlachd riu, Amhaircibh air a’ chraoibh-fhìge, agus na craobhan uile; Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo nas mò ann na iad uile. Nuair a bhios iad cheana a’ cur a‑mach an duillich, tha sibh a’ faicinn, agus ag aithneachadh uaibh fhèin, gu bheil an samhradh a‑nis am fagas. Agus mar an ceudna sibhse, nuair a chì sibh na nithean seo a’ tachairt, biodh fhios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè fagas do làimh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo thairis gus an coileanar na nithean seo uile. Thèid nèamh agus talamh thairis: ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh. Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann. Oir mar ribe thig e air na h‑uile dhaoine, a tha ag àiteachadh aghaidh na talmhainn uile. Dèanaibh-se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine. Agus bha e anns an là a’ teagasg anns an teampall, agus anns an oidhche chaidh e a‑mach, agus dh’fhan e air an t‑sliabh, den goirear Sliabh nan Crann-ola. Agus thàinig an sluagh uile gu moch da ionnsaigh anns an teampall, a dh’èisdeachd ris. Oir thilg iad seo uile dem pailteas a‑steach do thìodhlacan Dhè: ach thilg ise de a h‑uireasbhaidh fhèin am beathachadh uile a bha aice.
Thugaibh an aire dhuibh fhèin: ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, cronaich e; agus ma ghabhas e aithreachas, thoir maitheanas dha. Is ann mar sin a bhios anns an là anns am foillsichear Mac an Duine. Anns an là sin, an tì a bhios air mullach an taighe, agus a àirneis anns an taigh, na tigeadh e a‑nuas gu a toirt leis: agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh esan air ais mar an ceudna. Cuimhnichibh bean Lot. Ge bè neach a dh’iarras a bheatha fhèin a thèarnadh, caillidh e i; agus ge bè neach a chailleas a bheatha, gleidhidh esan i. Tha mi ag ràdh ribh, anns an oidhche sin bidh dithis dhaoine anns an aon leabaidh; gabhar aon dhiubh, agus fàgar am fear eile. Bidh dithis bhan a’ bleith cuideachd; gabhar aon dhiubh agus fàgar a’ bhean eile. Bidh dithis dhaoine anns a’ mhachair; gabhar aon dhiubh agus fàgar am fear eile. Agus fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Càit, a Thighearna? Agus thubhairt esan riu, Ge bè àite anns am bi an corp, an sin cruinnichear na h‑iolairean. Agus ma pheacaicheas e ad aghaidh seachd uairean anns an là, agus gun till e riut seachd uairean anns an là, ag ràdh, Tha aithreachas orm; thoir maitheanas dha.
Air dol do Pheadar da ionnsaigh anns an àm sin, thubhairt e, A Thighearna, cia minig a pheacaicheas mo bhràthair am aghaidh, agus a mhaitheas mi dha? An ann gu ruig an seachdamh uair? Thubhairt Iosa ris, Chan abair mi riut gus an seachdamh uair, ach gu deich agus trì-fichead seachd uairean.
Thugaibh an deicheamh uile a‑chum an taigh-thasgaidh, air chor is gum bi biadh ann am thaigh-sa; agus dearbhaibh mi a‑nis leis an nì seo, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, mura fosgail mi dhuibh uinneagan nan nèamh a dhòrtadh a‑mach beannachd oirbh, gus nach bi àit ann ga chumail.
Gabh uam gu taitneach, guidheam ort, a Thighearna, saor-thabhartasan mo bheòil, agus teagaisg dhomh do bhreitheanais.
A rèir ar peacaidhean cha do rinn e oirnn, agus a rèir ar n‑euceartan cha tug e luigheachd dhuinn. Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e. Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais.
Agus ma nì thu altair chloiche dhomh, cha tog thu i le cloich shnaidhte; oir ma thogas tu d’inneal-snaidhidh suas oirre, truaillidh tu i.
Tha neach ann a sgaoileas, agus fàsaidh e nas saoibhire; agus tha e ann a chumas tuilleadh is a tha ceart, ach thig e gu bochdainn. Nìthear an t‑anam fial sultmhor; agus an tì a dh’uisgicheas, uisgichear mar an ceudna e fhèin.
Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.
Gabhaidh an t‑aingidh air iasad, agus cha dìol e a‑rìs; ach tha am fìrean tròcaireach, agus bheir e uaithe.
Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.
Ma chomharraicheas tusa aingidheachd, a Thighearna; a Thighearna, cò a sheasas? Ach maille riutsa tha maitheanas, agus uime sin bidh eagal air daoine romhad.
Agus gach nì air bith a nì sibh ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Iosa, a’ toirt buidheachais do Dhia, eadhon an t‑Athair trìd-san.
Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.
Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.
An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air.
Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh-chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia.
Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;
Is math don duine a bhios truacanta agus coingheallach, a riaghlas a ghnothaichean gu ceart,
Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh-se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is e seo an lagh agus na fàidhean.
Oir bu toil leòsan ann am Macedònia, agus ann an Achaia, co‑roinn àraidh a dhèanamh ris na naoimh bhochda a tha ann an Ierusalem. Bu toil leo gu deimhinn, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na Cinnich nan luchd-compàirt den nithean spioradail-san, is còir dhaibh ministrealachd a dhèanamh dhaibhsan anns na nithean a bhuineas don cholainn.
Air ciad là gach seachdain, cuireadh gach aon agaibh nì air leth anns an ionmhas a‑chum nach bi tional ri dhèanamh nuair a thig mise.
Nochd mi na h‑uile nithean dhuibh, gur ann le saothrachadh mar seo as còir dhuibh còmhnadh a dhèanamh riùsan a tha anfhann; agus briathran an Tighearna Iosa a chuimhneachadh, mar a thubhairt e, Tha e nas beannaichte nì a thoirt na a ghabhail.
Uime sin trìdsan thugamaid suas ìobairt-bhuidheachais do Dhia a‑ghnàth, is e sin toradh ar bilean, a’ toirt molaidh da ainm. Ach na dìochuimhnichibh math a dhèanamh, agus co‑roinn a thoirt uaibh: oir tha an leithidean sin de ìobairtean taitneach do Dhia.