Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:4 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Eoin thun nan seachd eaglaisean a thʼ ann an Asia. Grasan gun robh dhuibhse agus sith bhuaithe-san, a tha, ʼsa bha, ʼsa tha ri tighinn; agus bho na seachd spioraid, a tha air bialaobh a chathrach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh‐chathrach‐san;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Eòin, Gu na seachd eaglaisean ann an Àisia: Gràs dhuibh agus sìth uaithesan a tha agus a bha agus a tha a' tighinn agus o na seachd spioradan a tha mu choinneamh a rìgh‑chathrach‑san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

4 Feuch teachd mhic Dhè air neulan tiugh, 's ro‑ait, le shluagh an latha; Ach guilidh a luchd‑casgraidh truagh, le àmhghar is le cràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:4
41 Iomraidhean Croise  

San toiseach bha am Facal, ʼs bha am Facal maille ri Dia, agus bʼ e am Facal Dia.


Agus rinneadh so fad dà bhliadhna, air chor ʼs gun cuala iadsan uile, a bha tamh ann an Asia, Iudhaich araon us Cinnich, facal an Tighearna.


Parthich, us Medich, ʼs Elamitich, agus luchd-comhnuidh Mhesopotamia, Iudéa, agus Chapadocia, Phontuis, us Asia,


Dhuibhse uile a tha san Roimh, gradhaichte le Dia, gairmte gu bhith ʼnur naoimh, grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, agus bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.


Grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.


Grasan gun robh dhuibhse agus sibh bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.


Iosa Criosta tha an dé, agus an diugh, tha agus gu siorruidh.


Tha h-uile gibht is fhearr, ʼsa h-uile gibht choimhlion bho na h-ardaibh, a tighinn bho Athair na soillse, air nach tig muthadh, no faileas caochlaidh.


Taisbeanadh Iosa Criosta, a thug Dia dha a shoilleireachadh dha sheirbhisich nan nichean, a dhʼ fheumas tachairt gu h-aithghearr: ʼsa dhʼ fhiach e, le aingeal fhein a chur gu sheirbhiseach Eoin,


A g-radh: Na tha thu faicinn sgriobh ann an leabhar; agus cuir thun nan seachd eaglaisean, a tha ann an Asia, gu Ephesus, agus gu Smirna, agus gu Pergamus, agus gu Thiatira, agus gu Sardis, agus gu Philadelphia, agus gu Laodicéa.


ʼS nuair a chunnaic mi e, thuit mi aig a chasan, mar gum bʼ ann marbh. Us chuir e a lamh dheas orm, a g-radh: Na gabh eagal: Is mise a chiad aon agus an t-aon deirionnach,


Run-diomhair nan seachd reultan, a chunnaic thu na mʼ laimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir: na seachd reultan, ʼsiad ainglean nan seachd eaglaisean; agus na seachd coinnleirean, ʼsiad na seachd eaglaisean.


Is mise Alpha agus Omega, an toiseach ʼs an deireadh, os an Tighearna Dia: an t-Uile-chumhachdach, a tha, ʼsa bha, ʼsa tha ri tighinn.


Bha mise, Eoin, ur brathair, ʼs ur companach ann an trioblaid, agus ann an rioghachd, ʼs ann am faighidin Iosa Criosta, ann an eilein ris an abrar Patmos, air son facal De, agus air son teisteanas Iosa.


Us chuala mi aingeal nan uisgeachan a g-radh: Tha thu ceart, a Thighearna, a tha, ʼsa bha, an t-aon naomh, a bhreithnich na nichean so:


Agus gu aingeal eaglais Phergamuis sgriobh: ʼSiad so tha esan, aig a bheil an claidheamh giar dà fhaobharach a g-radh:


Agus gu aingeal eaglais Thiatira sgriobh: ʼSiad so a tha Mac Dhe a g-rach, aig a bheil suilean mar lasair theine, ʼsa chasan coltach ri pràis fhior-ghlain:


Agus gu aingeal eaglais Smirna sgriobh: So na nichean a tha a chiad aon, ʼs an t-aon deirionnach, a bha marbh, ʼsa tha beo, a g-radh:


Chuir mise, Iosa, mʼ aingeal a thoirt fianuis dhuibh air na nichean so anns na h-eaglaisean. Is mise friamh agus gineal Dhài, reul bhoillsgeach ʼs reul na maduinne.


Agus is mise Eoin, a chuala ʼsa chunnaic na nichean so. Agus an deigh dhomh cluinntinn agus faicinn, thuit mi sios a dhianamh aoraidh romh chasan an aingil, a dhʼ fhiach dhomh na nichean so;


Agus gu eaglais aingeal Shardis sgriobh: ʼSiad so tha esan a g-radh aig a bheil seachd spioraid Dhe, ʼs na seachd reultan: Is aithne dhomh tʼ oibrichean, gum beil an t-ainm agad a bhith beo, ʼs tha thu marbh.


Agus gu aingeal eaglais Laodicéa sgriobh: Is iad so tha Amen a g-radh, an fhianuis dhileas agus fhirinneach, esan is toiseach creutair Dhe:


Agus gu aingeal eaglais Philadelphia sgriobh: ʼSiad so tha esan a g-radh, a tha Naomh agus Fior, aig a bheil iuchair Dhài: a dhʼ fhosglas gun duine a dhuineas: a dhuineas gun duine a dhʼ fhosglas:


Agus bho ʼn chathair chaidh a mach dealanaich, agus guthan, agus tairneanaich; agus bha seachd lochrain laiste air bialaobh na cathrach, ʼsiad sin seachd spioraid Dhe.


Agus aig gach aon de na ceithir beothaichean bha sia sgiathan: ach mun cuairt agus a stigh tha iad lan shul; agus a latha ʼsa dhʼ oidhche cha do lasaich iad, a g-radh: Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, ʼsa tha, ʼsa tha ri tighinn.


Agus seall mi: us fiach ann am miadhon na cathrach ʼs nan ceithir beothaichean, agus am miadhon nan seanairean, Uan ʼna sheasamh, mar gum bʼ ann air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean agus seachd suilean, ʼsiad sin seachd spioraid Dhe, a chuireadh a mach feadh an talmhuinn uile.


Agus chunnaic mi seachd ainglean ʼnan seasamh an lathair Dhe; us thugadh dhaibh seachd trombaidean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan