Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Is beannaichte esan a leughas, ʼsa dhʼ eisdeas ri facail na faisneachd so, ʼsa chumas na nichean sin, a tha sgriobhte innte: oir tha an t-àm dluth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Is beannaichte an tì a leughas, agus iadsan a dh’èisdeas ri briathran na fàidheadaireachd seo, agus a choimheadas na nithean a tha sgrìobhte innte: oir tha an t‑àm am fagas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Is beannaichte an tì a leughas, agus iadsan a dh’èisdeas ri briathran na fàidheadaireachd seo, agus a choimheadas na nithean a tha sgrìobhte innte: oir tha an t‑àm am fagas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Is beannaichte esan a tha a' leughadh agus iadsan a tha ag èisteachd ri faclan na fàidheadaireachd seo, agus a ghleidheas na tha sgrìobhte innte, oir tha an t‑àm faisg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

3 Lìonar gach beul le binn‑cheòl dha, 's gach cridh le teas‑ghràdh caomh. Air talamh canar moladh dha, 's gu h‑àrd le ainglean naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:3
15 Iomraidhean Croise  

Nuair a chi sibh ma ta graineileachd an leir-sgrios, mun do labhair am faidh Daniel, ʼna seasamh san ionad naomh: am fear a leughas, tuigeadh e.


Ach thuirt esan: Seadh, ach is ro-bheannaichte an fheadhainn a dhʼ eisdeas ri facal De, ʼsa chumas e.


ʼSa g-aithneachadh na h-aimsire: gur mithich dhuinn a nis eirigh á cadal. Oir tha ar sabhaladh a nis nas teinne, na nuair a chreid sinn.


Dhʼ fhalbh an oidhche, tha an latha air tighinn faisg. Tilgemid ma ta dhinn oibrichean an dorchadais, agus cuireamaid oirnn armachd an t-soluis.


Tha crioch gach ni aig laimh. Bithibh glic ma ta, us dianaibh caithris ri urnaighean.


Ach na biodh an t-aon ni so an cleith oirbh, a chuideachda mo rùin, gur ionann aon latha aig an Tighearna agus mile bliadhna, ʼs gur ionann mile bliadhna agus aon latha.


Us thuirt e rium: Na seul facail faisneachd an leabhair so: oir tha an t-àm faisg.


Fiach thig mi gu h-aithghearr, ʼs tha mo dhuais maille rium, los toirt do ʼn h-uile duine a reir oibrichean.


Tha esan, a tha toirt teisteanais air na nichean so, a g-radh: Gu cinnteach tha mi tighinn gu h-aithghearr. Amen. Thig, a Thighearna Iosa.


Faic, tha mi tighinn gu h-aithghearr: gleidh gu teann na thʼ agad, gus nach faigh duine air bith do chrùn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan