Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:7 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Oir bu mhor mo thoil-inntinn ʼs mo shòlas as do charrantachd: a chionn gun robh innidh nan naomh air am furtachadh leatsa, a bhrathair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Oir tha subhachas ro‑mhòr agus comhfhurtachd againne ann ad ghràdh-sa, do bhrìgh gu bheil innidh nan naomh air faotainn suaimhneis tromhadsa, a bhràthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Oir tha subhachas ro‑mhòr agus comhfhurtachd againne ann ad ghràdh‐sa, do bhrìgh gu bheil innidh nan naomh air faotainn suaimhneis tromhadsa, a bhràthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Oir tha taingealachd mhòr is misneachd againn às do ghràdh‑sa a chionn 's gu bheil cridheachan nan naomh ùraichte tromhadsa, a bhràthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

7 A bhràthair chòir, tha do ghràdh a' toirt mòran aoibhneis agus misneachd dhomh, a chionns gun tug thu urad a thogail do chridheachan nan creidmheach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:7
11 Iomraidhean Croise  

Oir thug iad furtachd dha mʼ spiorad-sa, thug agus dha ʼr spiorad fhein. Cuiribh eolas ma ta air an leithidean sin.


An lathair Dhe: mar sin fhuair sinn furtachd. Ach ʼn ar toil-inntinn, ghabh sinn an ro-bharrachd sòlais á aighear Thituis, a chionn gun robh a spiorad-san air fhurtachadh leibhse uile.


Is mor mʼ earbsa asaibh, is mor mʼ uaill asaibh, tha mi air mo lionadh le sòlas, tha mʼ aoibhneas ʼnar n-uile thrioblaid pailt thar tomhas.


ʼSa cuimhneachadh air obair ur creidimh, ʼs ur saothair, ʼs ur carrantachd, agus seasmhachd nr dochais ʼnar Tighearna Iosa Criosta, an lathair Dhe agus ar n-Athar:


Uime sin tha sinn toirt taing do Dhia gun lasachadh, a chionn, nuair a ghlac sibh facal eisdeachd Dhe bhuainne, gun do ghlac sibh e, cha n-ann mar fhacal dhaoine, ach (mar a tha e gu fior) mar fhacal De, a tha g-oibreachadh unnaibhse, a chreid.


Oir ciod e ar dochas, no ar sòlas, no crùn ar gloire? Nach e sibhse an lathair ar Tighearna Iosa Criosta aig a thighinn?


Oir ciod am buidheachas is urrainn duinn a thairgse do Dhia air ur son leis an aoibhneas sin uile, leis a bheil sinn sòlasach as ur lethse an lathair ar De,


Gun dian an Tighearna trocair fhiachuinn do thigh Onesiphoruis, a chionn gun dʼ fhurtaich e ormsa gu tric, ʼs nach do ghabh e nàire as mo shlabhruidh:


Tha, a bhrathair. Gum meal mi thu san Tighearna: Furtaich air mʼ innibh anns an Tighearna.


Bha mi ro thoilichte, gun dʼ fhuair mi dhe dʼ chloinn a g-imeachd am firinn, a reir ʼs mar fhuair sinn fainte bho ʼn Athair.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan