Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Gu comh-phairteachadh do chreidimh a dhianamh soilleir le aideachadh gach deagh ghniomh, a thʼ unnaibh ann an Iosa Criosta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 A‑chum gum bi co‑chomann do chreidimh èifeachdach ann an aidmheil an uile mhaith a tha annaibh ann an Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 A‑chum gum bi co‑chomann do chreidimh èifeachdach ann an aidmheil an uile mhaith a tha annaibh ann an Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 airson 's gum bi co‑chomann do chreideimh èifeachdach ann a bhith ag aideachadh a h‑uile rud math a th' againn ann an Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

6 Tha mi ag iarraidh gum bi an dàimh a tha eadarainn air sgàth do chreidimh a' toirt fìor eòlas dhuinn air gach nì math as urrainn dhuinn a dhèanamh airson Chrìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:6
18 Iomraidhean Croise  

Agus dhʼimich esan a fhuair na coig talannan, us rinn e ceannachd leo, agus choisinn e coig eile.


Dearrsadh mar sin ur solus an lathair dhaoine, los gum faic iad ur deagh-oibrichean, ʼs gun toir iad gloir dha ur n-Athair, a tha air neamh.


Soilleirichear nichean diomhair a chridhe; ʼs le sin a tuiteam sios air aghaidh, bheir e aoradh do Dhia, a g-aideachadh gum beil Dia a rireadh ʼnur measg.


Oir tha dorus mor agus follaiseach fosgailte dhomh, agus moran naimhdean.


Mar thuilleadh, a bhraithrean, ge bʼ iad nichean a tha fior, ge bʼ iad nichean a tha geamnaidh, ge bʼ iad nichean a tha ceart, ge bʼ iad nichean a tha naomh, ge bʼ iad nichean a tha gaolach, ge bʼiad nichean a tha cliuiteach, ma tha subhailc ann, ma tha moladh air oilean, orra sin smaoinichibh.


Uime sin, bho ʼn latha a chuala sinn so, cha n-eil sinn a lasachadh a g-urnaigh air ur son, agus a g-iarraidh sibh a bhith air ur lionadh le eolas air a thoil, anns a h-uile gliocas agus tuigse spioradail:


ʼSa cur oirbh an duine ùir, esan a thʼ air ath-nuadhachadh ann an eolas, a reir iomhaigh an Ti, a chruthaich e:


Agus ionnsuicheadh na fir againne cuideachd a bhith adhartach ri deagh oibrichean gus am feum riatanach, gus nach bi iad gun toradh.


Oir cha n-eil Dia mi-cheart, an rathad ʼs gun leig e an diochuimhne ur dianadas, ʼs an gaol a dhʼ fhiach sibh ʼna ainm, sibhse a fhritheil, ʼsa tha frithealadh do na naoimh.


Ciod an stà a ni e, mo bhraithrean, ma their neach gum beil creideamh aige, ach e gun oibrichean? An urrainn creideamh a shabhaladh?


Is amhuil sin creideamh, mur eil oibrichean aige, tha e marbh ann fhein.


Le deagh ghiulan a bhith agaibh am measg nan cinneach; los, an aite olc a labhairt ʼnur n-aghaidh mar luchd-drochbheart, gun toir iad, le beachdachadh air ur deagh ghniomhran, gloir do Dhia air latha na sealltuinn.


Mar an ciadna biodh mnathan umhailt dha ʼm fearaibh; los, ma tha feadhainn nach eil a creidsinn an fhacail, gum biodh iad as aonais an fhacail air an cosnadh le caithe-beatha nam ban,


Ach le stuamachd ʼs le fiamh, le deagh chogais a bhith agaibh: air chor ʼs, an aite dhaibh a bhith labhairt oirbh air olc, gun gabh iadsan nàire, a tha diteadh gu briagach ur deagh chomhraidh ann an Criosta.


Oir ma bhios iad so marribh agus pailt agaibh, cha n-fhag iad sibh falamh, no gun toradh ann an eolas ar Tighearna Iosa Criosta.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan