Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:24 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

24 Us Marcus, Aristarchus, Demas, agus Lucas, mo luchd-co-oibre.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

24 Marcus, Aristarchus, Dèmas, Lùcas, mo cho-luchd-obrach, a’ cur fàilte ort.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

24 Marcus, Aristarchus, Dèmas, Lùcas, mo cho‐luchd‐obrach, a’ cur fàilte ort.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

24 agus Marcas, Aristarchus, Dèmas agus Lùcas, mo cho‑obraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

24 agus cuideachd mo cho-obraichean Marcus, Aristarchus, Dèmas, agus Lùcas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:24
15 Iomraidhean Croise  

ʼSa gabhail gu smaoineachadh, thainig e gu tigh Mairi mathair Eoin, dha ʼm bu cho-ainm Marcus, far an robh moran cruinn ʼs ri urnaigh.


Us thill Barnabas agus Saul bho Ierusalem, ʼs iad air an seirbhis a choimhlionadh, a toirt leo Eoin, dha ʼn co-ainm Marcus.


ʼS nuair sheol Pol us iadsan a bha cuide ris bho Phaphos, thainig iad gu Pergé ann am Pamphilia. Ach dhealaich Eoin riu, us thill e gu Ierusalem.


Agus lionadh am baile le buaireas, ʼsa breith air Gaius ʼs air Aristarchus, Macedonaich, companaich Phoil, dhian-ruith iad a dhʼ aon rùn thun an tigh-chluich.


Chaidh sinn air bord saghaich a bhuineadh do Adrimetum, us thog sinn a mach, a cur romhainn seoladh ri oirthir Asia, Aristarchus bho Thessalonica ann am Macedonia a fuireach maille ruinn.


Co-dhiu ʼsann as leth Thituis, a tha ʼna chompanach agamsa agus ʼna fhear-cuideachaidh gu ʼr taobhsa, no as leth ar braithrean, ostail nan eaglaisean, gloir Chriosta.


Ach chunnaic mi iomchuidh Epaphroditus, mo bhrathair, mo cho-oibriche, ʼs mo cho-shaighdear, agus ur n-ostal-sa, agus fear-frithealaidh mʼ uireasuidh, a chur gu ʼr n-ionnsuidh:


Us tha mi g-achanaich ortsa cuideachd, a chompanaich threibhdhirich, na boirionnaich sin a chuideachadh, a dhʼ oibrich anns an t-soisgeul comhla riumsa, maille ri Clement agus mo luchd-cuideachaidh eile, aig am beil an ainmean an leabhar na beatha.


Tha Aristarchus, mo cho-phriosanach, a cur bheannachd h-ugaibh, us Marcus mac brathair-mathar Bharnabais, muʼn dʼ fhuair sibh faintean: ma thig e h-ugaibh, gabhaibh ris:


Tha Luc, an leigh ro ghaolach, a cur bheannachd h-ugaibh, us Demas.


Tha an eaglais a thʼ ann am Babilon, a thaghadh maille ribh, a cur bheanuachd gu ʼr n-ionnsuidh, agus cuideachd Marcus mo mhac.


Is còir dhuinne ma ta gabhail ri ʼn leithidean sin, gus sinn a bhith ʼnar comh-oibrichean na firinne.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan